Halò a-rithist. Nise, seo ceist dhuibh. Cò am bàrd Gàidhlig, air an robh Mac an t-Saoir mar ainm, a chleachd ìomhaighean de nàdar gu làidir anns a’
bhàrdachd aige? Tha fhios gu bheil sibh ag ràdh, ‘Donnchadh Bàn’. Agus cha bhiodh sibh ceàrr. Ach ’s ann air fear eile a tha m’ aire an-dràsta. Tha mi a’
meòrachadh air an duine seo air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle MhicIain an t-seachdain sa chaidh.
Thig mi gu Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha an ceartuair. An toiseach, ge-tà, bu mhath leam rudeigin a ràdh mu ìomhaigheachd nan craobh ann am bàrdachd
Ghàidhlig. Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas nan craobh mar gum biodh ann an dà bhuidhinn – feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte. Agus bhiodh
iad a’ dèanamh tuairisgeul de dhaoine a rèir na h-ìomhaigheachd sin.
Mar eisimpleir, ann an ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ tha a’ bhana-bhàrd Sìleas na Ceapaich a’ moladh a’ chuspair gu mòr, an dèidh a bhàis. Èistibh ris a’
cheathramh seo:
Bu tu
’m bradan anns an fhìor-uisg,
Fìr-eun air an eunlaith as àirde,
Bu tu ’n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na cràice.
Agus seo agaibh Sìleas a’ cur ìomhaigheachd nan craobh an sàs:
Bu tu ’n t-iubhar anns a’ choillidh
Bu tu ’n darach daingeann làidir,
Bu tu ’n cuileann, bu tu ’n droighinn,
Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;
Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann
No do dhligheadh ris an fheàrna;
Cha robh bheag annad dhen leamhan;
Bu tu leannan nam ban àlainn.
B’ iad na craobhan beannaichte an t-iubhar, an darach, an cuileann, an droigheann agus an t-abhall no craobh-ubhail. B’ iad na craobhan mallaichte an
critheann, an fheàrna agus an leamhan.
Uill, bidh cuimhne agaibh gun tàinig Somhairle MacIain chun na Gàidhealtachd agus gun do dh’fhoillsich e droch bheachd air a’ Ghàidhlig. Bha sin a
dh’aindeoin ’s gun d’ fhuair e fàilte is coibhneas gu leòr.
Bha Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha, taobh Loch Èite ann an Earra-Ghàidheal, air a mhaslachadh leis na sgrìobh an Sasannach. Agus sgrìobh e fhèin dàn
nimheil, a’ càineadh MhicIain. An-diugh, cha bhiodh foillsichear Gàidhlig a’ dol faisg air oir bhiodh an luchd-lagha gu math trang!
Seo pìos de ‘Òran don Ollamh MacIain’:
Gur tu an losgann sleamhainn tàrrbhuidh,
’S tu màigein tàirrngeach nan dìgean,
Gur tu dearc-luachrach a’ chàthair
Ri snàg ’s ri màgaran mìltich;
’S tu bratag sgreataidh an fhàsaich,
’S tu ’n t-seilcheag ghrànda, bhog, litheach,
Is mar sin air adhart…! Tuigidh sibh dè bha mi a’ ciallachadh! Agus seo agaibh Seumas a’ cleachdadh ìomhaigheachd nan craobh:
Cha bu tu ’n droigheann no ’n cuileann
No an t-iubhar fulannach làidir,
Chan eil mìr annad dhen darach
No de sheileach dearg nam blàran;
Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,
Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –
Tha do cheann gu lèir de leamhan,
Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.
B’ iad na craobhan beannaichte aige fhèin – an droigheann, an cuileann, an t-iubhar agus an darach – ceithir de na còig a bh’ aig Sìleas. Agus an
fheadhainn mhallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan – na trì a bh’ aig Sìleas. Agus an sgitheach is seileach dearg a bharrachd. Ìomhaigheachd
àraidh de chraobhan na Gàidhealtachd.