Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dh’fhaighnich mi dè th’ ann an Oidhche nan Seachd Suipearan . Oidhche nan Seachd Suipearan. Uill, ’s e sin an oidhche as fhaide dhen bhliadhna, ann am meadhan a’ gheamhraidh. ’S dòcha aig an àm mus robh
solas an dealain ann gum biodh an oidhche sin fada dha-rìribh.
Bha sinn a’ toirt sùil air abairt eile co-cheangailte ri seachd. B’ e sin Sìde nan Seachd Sian – the weather of the seven elements –
aimsir fìor dhona. Uill, an latha eile, lorg mi seanfhacal mun aimsir anns a bheil iomradh air “sìde nan seachd sian”. Seo e: An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian. Ma tha tàirneanaich ann sa gheamhradh, thig deagh aimsir
no fìor dhroch aimsir às a dhèidh. An dèidh tàirneanaich a’ gheamhraidh, thig aon chuid sìde mhath no sìde nan seachd sian.
Thig tàirneanaich as t-samhradh cuideachd; gu dearbh, tha sinne air a’ Ghàidhealtachd nas buailtiche tàirneanaich fhaighinn as t-samhradh na tha sinn sa
gheamhradh. Agus chanainn gu bheil e nas buailtiche tighinn feasgar seach sa mhadainn. Dè ur beachd fhèin air sin?
Co-dhiù bhiodh na seann daoine a’ mothachadh rudan mar sin. Agus tha dà sheanfhacal againn, a’ dèanamh ceangal eadar an t-àm dhen latha anns am biodh
tàirneanaich ann agus an aimsir a bhiodh a’ leantainn air, ’s dòcha airson ùine mhòr. Seo an dà sheanfhacal air an cur còmhla: Tàirneanaich an dèidh nòin, tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Thunder in the afternoon, thunder of fertility and plenty; thunder before noon, thunder of famine and cold. Tàirneanaich an dèidh nòin,
tàirneanaich an toraidh mhòir; tàirneanaich ro nòin, tàirneanaich gort agus fuachd. Bidh sinn an dòchas, ma bhios tàirneanaich ann a dh’aithghearr, gur ann
feasgar a bhitheas e!
Co-dhiù bu mhath leam tilleadh airson mionaid no dhà don àireamh seachd. Tha i a’ nochdadh ann am mòran beul-aithris na Gàidhlig. Seo rann ainmeil a tha a’
tighinn à beul-aithris a tha làn dhen àireimh sin:
Seachd sgadain, sàth bradain;
Seachd bradain, sàth ròin;
Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;
Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;
Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;
Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.
Tha sàth a’ ciallachadh gu leòr de bhiadh a shàsaicheas creutair. Seachd sgadain, sàth bradain – tha sin a’ ciallachadh “seven herrings,
a full meal for a salmon”. Seachd bradain, sàth ròin – “seven salmon, a full meal for a seal”. Seachd ròin, sàth muice-mara bhig – “seven
seals, a full meal for a small whale”, agus mar sin air adhart. Èistibh ris an rainn a-rithist. Saoil a bheil e a-mach air modail eageòlach?!
Seachd sgadain, sàth bradain;
Seachd bradain, sàth ròin;
Seachd ròin, sàth muice-mara bhig;
Seachd mucan-mara beag, sàth muice-mara mhòir;
Seachd mucan-mara mòr, sàth cionnain-crò;
Seachd cionnain-crò, sàth mial mhòr a’ chuain.
Dè th’ ann an cionnan-crò ? Uill, ’s e sin rud ris an canar ann am Beurla “the bull whale” – a’ mhuc-mhara a tha os cionn nam mucan-mara
eile anns an sgaoth. Agus ’s e mial mhòr a’ chuain – the leviathan of the ocean. Chan eil mi cinnteach dè th’ ann ach, gu dearbh, ’s e a dhitheas
gu leòr!