FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ainmean airson lusan (2)

An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun fhacal

Audio is playing in pop-over.

Ainmean airson lusan (2)

An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun fhacal samh – the common sorrel no sourock – agus mar a thàinig e gu bith – bho Phòlainnis gu Iuidis gu Beurla gu Gàidhlig. Uill, ’s dòcha. Bha mi a’ leughadh leabhar prìseil an latha eile – am faclair beag Gàidhlig a rinn Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741). Agus cha robh guth aige air samh am measg ainmean lusan. Ach seo na bh’ aige airson “Sowrocks or Sorrels”: Sealbhagin, Puinneogin.

Tha mi an dùil gu bheil a’ chiad ainm a’ tighinn bho searbhag oir tha blas searbh air an duilleig. Ach dè mu dheidhinn puinneag ? Tha sin aig MacBheathain anns an fhaclair aigesan ceud gu leth bliadhna às dèidh Mhic Mhaighstir Alasdair ach chan eil e a’ cur beachd air adhart air tùs an fhacail.

Tha Iain Camshron anns an leabhar aige Gaelic Names of Plants (ochd ceud deug, ochdad ’s a trì, 1883) ag ràdh seo mu puinneag: Name given possibly for its efficacy in healing sores and bruises (a pugilist, puinneanach). Mmm. Uill, dh’fhaodadh gu bheil rudeigin aige. Ach saoilidh mi gu bheil e nas coltaiche gun do dh’èirich puinneag bho buinneag, “twig” no “sprout”. Agus, gu dearbh, tha Dwelly a’ toirt dhuinn “sorrel shoot” airson buinneag, am measg eile.

Co-dhiù, sin gu leòr de dh’ainmean airson Rumex acetosa. Ciamar a bhiodh – no a bhitheas – daoine ga chleachdadh? Uill, uaireannan, bhiodh iad a’ cur pìosan beaga dhen duilleig ann an sailead no ann an sabhs. No bhiodh iad a’ goil na duilleig airson ithe mar ghlasraich. Bhathar a’ cumail a-mach gun robh e ag obair an aghaidh an tachais-thioraim, no scurvy. Tha gu leòr de bheothaman C sna duilleagan.

Nuair a bhiodh daoine a’ buain buntàta, agus am pathadh orra, ’s ann tric a bhiodh iad a’ sùgadh an t-sùigh bho na duilleagan. Oir bidh an samh a’ fàs gu tric am measg buntàta. B’ e sùgadh sùgh an t-saimh cleachdadh a bh’ aig na Ròmanaich. Tha an t-ainm rumex a’ tighinn bhon Laidinn rumo, a’ ciallachadh sùg.

Seo cunntas inntinneach mu chleachdadh saimh aig deireadh an t-seachdamh linn deug air a’ Ghàidhealtachd. Tha an Sgitheanach, Màrtainn MacIlleMhàrtainn, a’ sgrìobhadh mu a thuras gu Hiort anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland. Tha e ag innse mu dhuine a bha a’ fulang leis an luibhre no leprosy. Bha e air fàs uabhasach reamhar agus cha mhòr nach robh a sgòrnan air dùnadh. Thug MacIlleMhàrtainn comhairle dha mu bhiadh agus eacarsaich. Dh’iarr e air salann a ghabhail le feòil, gun a bhith a’ gabhail cus geire, agus a bhith ag ithe samh.

Cha robh an Hiortach ro dheònach samh ithe, a rèir an ùghdair. Ach thuirt MacIlleMhàrtainn ris – seall air mar a bhios am fulmair ga ithe. Mheòraich an duine air sin. Mar a bhiodh na Hiortaich gu lèir, bha e measail air an fhulmair. Agus ghabh e comhairle an Sgitheanaich, agus an samh leis. Taobh a-staigh beagan làithean bha a ghuth mòran na bu làidire agus bha e a’ dol am feabhas.

Nise, mus ruith sibh a-mach don mhachair no pàirc, a’ sireadh samh, seo rabhadh beag. Feuchaibh dìreach beagan dheth anns a’ chiad dol a-mach, oir faodaidh e droch bhuaidh a thoirt air cuid. Beannachd leibh.

Litir 578 Litir 578 Litir 580 Litir 580

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!