FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ainmean airson lusan (1)

’S e samh a’ Ghàidhlig air an lus Rumex acetosa.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean airson lusan (1)

’S e samh a’ Ghàidhlig air an lus Rumex acetosa. Canaidh daoine common sorrel ris ann am Beurla. Samh ann an Gàidhlig. Thàinig an t-ainm Beurla bho bhlas na duilleig – tha i gu math searbh no sour. Ann an Albais, ’s e sourock a chanas daoine ris.

Chan eil e cho soilleir, ge-tà, cò às a thàinig an t-ainm Gàidhlig, samh. A bheil samh làidir air an lus? Cha chreid mi gu bheil.

Shaoileadh tu, mas e samh a chanas sinn ri sorrel, gum biodh samhan a’ ciallachadh lus beag dhen aon seòrsa. Loch is lochan, samh is samhan. Ach chan eil e cho sìmplidh sin. Tha samhan a’ ciallachadh lus de sheòrsa gu tur eadar-dhealaichte. Tha e mòran nas motha na samh!

’S e a th’ ann an samhan seòrsa de dh’aiteann. ’S e an t-aiteann – no juniper Juniperus communis do luchd-saidheans. ’S e an samhan Juniperus sabina. Ann am Beurla, canar the savin bush ris. ’S ann às a’ Bheurla savin a thàinig a’ Ghàidhlig samhan. Chan eil e co-cheangailte ri droch fhàileadh idir. Tha e a’ faighinn ainm bho shluagh a bha a’ fuireach uaireigin anns an Eadailt faisg air an Ròimh – na Sabinaich. ’S e herba Sabina – an lus Sabinach – a bh’ aig na Ròmanaich air an t-samhan.

Tha an samhan a’ fàs gu nàdarrach ann an ceann a deas na Roinn Eòrpa agus Àisia. ’S dòcha gum bi cuid agaibh a’ smaoineachadh – carson a bha ainm Gàidhlig air, mura robh e dùthchasach do Bhreatainn no Èirinn? Uill, bha e a’ fàs an seo ann an leasan oir tha stuthan ceimigeach ann a bhiodh feumail do lighichean. Agus bha an samhan aithnichte do Ghàidheil an ochdamh linn deug. Tha e anns a’ chiad fhaclair againn – am briathrachas a rinn Mac Mhaighstir Alasdair ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741).

Ach tha sin a’ fàgail tòimhseachan againn. Carson as e samh a th’ air Rumex acetosa, the common sorrel ? Chan eil na faclairean Gàidhlig ag innse dhuinn, ach seo smuain bheag agam fhìn. Tha e a’ tighinn bho thùs bho chànan na Pòlainn. Na bithibh cho teagmhach. Bidh sinn a’ bruidhinn air bhodca, nach bi?

Seo an smuain agam. Ann an taobh sear na Roinn Eòrpa thathar a’ cleachdadh an t-saimh gu mòr mar bhiadh. Anns an t-seann aimsir ann an Alba is Sasainn bha daoine ag ithe nan duilleagan gu mòr mar ghlasraich. Ach mhair e mar bhiadh anns a’ Phòlainn barrachd na Alba. Ann am Pòlainnis ’s e szczaw (“shrtav”) a chanas daoine ris an lus. Bha na h-Iùdhaich ann an taobh sear na Roinn Eòrpa ga chleachdadh gu mòr cuideachd. Agus thog iadsan am facal Pòlainneach. Ann an Iuidis, ’s e shtshav an t-ainm air an lus.

Co-dhiù, thog luchd na Beurla an t-ainm Iuidis, ga atharrachadh gu schav. Chan eil schav an-diugh ’ ciallachadh an luis fhèin, ach brot a thathar a’ dèanamh leis. ’S e brot fuar a th’ ann, anns a bheil samh, uinneanan, sùgh liomaid, uighean, siùcar agus uachdar goirt. Ach feumaidh an toiseach gun robh am facal a’ ciallachadh an luis fhèin, seach am brot. Agus – an ceum mu dheireadh ann an gluasad an fhacail – thog na Gàidheil schav bho luchd na Beurla, ga atharrachadh gu samh. Uill, a bheil smuain nas coltaiche agaibh fhèin?

Litir 577 Litir 577 Litir 579 Litir 579

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!