FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Foghar

Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘when does autumn begin?’

Audio is playing in pop-over.

Am Foghar

Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘when does autumn begin?’ Tha am facal foghar, fomhair, foghar a’ ciallachadh harvest a bharrachd air autumn. Ach an-dràsta tha mi a’ smaoineachadh air ràithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh.

Tha rud air mo bheulaibh a tha ag ràdh gu bheil am foghar a’ tòiseachadh air a’ chiad latha dhen Mhàrt. Tha e a’ tighinn gu ceann air an latha mu dheireadh dhen Chèitean. Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi air a dhol às mo rian. Ach tha mi a’ leughadh làrach-lìn Astràilianach! Ach, chanainn nach eil na deitichean sin uabhasach ciallach ann an Astràilia. Bha mi o chionn bhliadhnaichean ann an ceann a tuath Astràilia far am bi na tùsanaich ag aithneachadh sia ràithean anns a' bhliadhna, seach ceithir.

Ach dè mu dheidhinn Gàidheil na h-Alba? Cuin a bha ar sinnsearan ag aithneachadh toiseach an fhoghair? Uill, bha uair ann, agus ʼs e Ciad Mhìos an Fhoghair a bh’ aig na Gàidheil air mìos an Lùnastail. Mar sin, bha am foghar a’ tòiseachadh air Latha Lùnastail. B’ e an t-Sultain – September – Mìos Meadhanach an Fhoghair. Agus b’ e an Dàmhair – October – Mìos mu Dheireadh an Fhoghair.

Bha na Gàidheil eòlach air a’ chòigeamh latha deug no siathamh latha deug dhen t-Sultain mar Lath Leth an Fhoghair. Tha abairt againn mun aimsir co-cheangailte ris an latha sin: ‘Bha dùil aig na seann daoine, air Latha Leth an Fhoghair, nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghar tioram.’ Nach iongantach sin!

Beagan làithean an dèidh sin tha Co-fhad-thràth an Fhoghair. ʼS e sin an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha. Ann am Beurla – the autumnal equinox.

Seo abairtean co-cheangailte ris an fhacal foghar: Foghar an eòrna ‘the barley harvest’; Foghar geal grianach ‘fine sunny autumn’; Foghar nam bràithrean ‘the brothers’ harvest’ – aimsir bhrèagha anns an Dàmhair agus as t-Samhain. Ge-tà, nach eil an t-Samhain anns a’ gheamhradh? Uill, bha beachd inntinneach air sin aig an iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais – à Beàrnaraigh Leòdhais. Sgrìobh esan an leabhar iongantach Muir is Tìr. Bha Seòras dhen bheachd gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar – seachd seachdainean an dèidh Latha Lùnastail.

Co-dhiù no co-dheth, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an fhoghar. Seo a’ chiad fhear: am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar. Comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. Tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh!

Litir 1258 Litir 1258 Litir 1260 Litir 1260

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!