FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seanfhaclan na mara

An t-seachdain sa chaidh, thug mi iomradh air an t-seann mharaiche, Seòras MacLeòid nach maireann – Seòras Chaluim Sheòrais à Beàrnaraigh Leòdhais.

Audio is playing in pop-over.

Seanfhaclan na mara

An t-seachdain sa chaidh, thug mi iomradh air an t-seann mharaiche, Seòras MacLeòid nach maireann – Seòras Chaluim Sheòrais à Beàrnaraigh Leòdhais. Bha Seòras na iasgair agus bha e làn eòlais agus beul-aithris ionadail. Tha a dhìleab beò fhathast anns an leabhar Muir is Tìr.

Tha sreath sheanfhaclan aige mu eathraichean, aimsir, an tìde-mhara is mar sin air adhart, agus tha aon seanfhacal a’ buntainn riumsa gu mòr am-bliadhna. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. The man who keeps his ship, or boat, he’ll get one day to sail her. Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Carson a tha an seanfhacal sin a’ buntainn riumsa?

Uill, tha mi fortanach gu leòr ʼs gu bheil gheat agam. Tha i beag, sean is gun a bhith spaideil. Ach tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr a bhith a’ falbh innte do na h-uisgeachan eadar Cnòideart is Toirbheartan, Ciseorn agus an t-Eilean Sgitheanach. ʼS e sgìre àlainn a th’ innte airson a bhith a’ seòladh. ʼS iomadh acarsaid bhrèagha a th’ ann, tha na seallaidhean àlainn agus gu tric chì sinn leumadairean agus peileagan.

Ge-tà, am-bliadhna, tha cus rudan eile air a bhith a’ dol agam, agus tha a’ gheat air a bhith air tìr fad a’ gheamhraidh, fad an earraich agus fad an t-samhraidh. Tha e duilich ach sin mar a tha.

Ach an robh mi a’ beachdachadh air faighinn cuidhteas i leis nach bi mi a’ seòladh innte am-bliadhna? Cha robh, gu dearbh! Mar a chanas an seanfhacal – Am fear a ghleidheas long, gheibh e là gu seòladh. Tha dùil agam seòladh innte an-ath-bhliadhna. Nam bithinn air a reic, cha bhiodh an cothrom sin agam ann.

Tha seanfhacal eile car coltach ri sin. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. He who does not retain his arms during peace will not have them in time of war. Am fear nach glèidh airm ann an sìth, cha bhi iad aige an àm a’ chogaidh. Bu chòir dhuinn beachdachadh, mus fhaigh sinn cuidhteas rud sam bith, am bi feum againn air anns an ùine romhainn.

Ann am Muir is Tìr, tha dealbh de na pàirtean de dhubhan iasgaich. Le dubhan iasgaich, tha mi a’ ciallachadh fishing hook. ʼS e am pìos dham bithear a’ ceangal an t-snòid an spòg. Ann am Beurla ʼs e sin an spade end. Gu tric an-diugh, bidh sùil no eye ann.

ʼS e am pìos fada an calpa. Ann am Beurla, shank. An uair sin am bend. Ann an Gàidhlig – an glac. Tha dà phàirt eile ann – an riofag – am pìos geur a chuireas stad air iasg bho bhith a’ faighinn dheth. Barb ann am Beurla. Riofag ann an Gàidhlig. Agus mu dheireadh ‘the point of the hook’. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin an gob.

Tha Seòras Chaluim Sheòrais a’ toirt dhuinn seanfhacal le gob an dubhain ann. Is corrach gob an dubhain. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘the point of the hook is precarious, insecure’. Tha Seòras ga eadar-theangachadh mar ‘the fishing life is dangerous’. ʼS e an fhìrinn a th’ aige. Is corrach gob an dubhain.

Litir 1259 Litir 1259 Litir 1261 Litir 1261

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!