FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raiders Bhatarsaigh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’ le Lisa Storey. Tha e mu dheidhinn suidheachadh an fhearainn ann am Barraigh is Bhatarsaigh o chionn còrr math is ceud bliadhna.

Audio is playing in pop-over.

Raiders Bhatarsaigh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’ le Lisa Storey. Tha e mu dheidhinn suidheachadh an fhearainn ann am Barraigh is Bhatarsaigh o chionn còrr math is ceud bliadhna.

Seo mar a mhìnicheas Lisa chòir an suidheachadh aig toiseach an fhicheadamh linn: ‘Mu dheireadh, a’ faireachdainn gun robh iad air na b’ urrainn dhaibh a dhèanamh an taobh a-staigh den lagh, gun sgath aca air a shon, ghabh na coitearan orra gun gabhadh iad am fearann dhaibh fhèin. Air an ochdamh latha dhen t-Sultain 1900, ghlac grunn choitearan pìosan fearainn anns a’ Bhàgh a Tuath [ann am Barraigh]. Agus air an t-siathamh latha fichead den t-Sultain, chaidh grunn eile de choitearan a-null à Barraigh gu Eilean Bhatarsaigh, agus chomharraich iad a-mach pìosan fearainn – ‘croitean’ – dhaibh fhèin.’ B’ iad sin na ‘Raiders’. A’ chiad fheadhainn, co-dhiù.

Beagan mhìosan an dèidh sin, cheannaich an Congested Districts Board fearann ann am Barraigh airson croitean a chruthachadh. Ach cha do rinn iad dad airson nan coitearan a bha ag iarraidh fearann ann am Bhatarsaigh. Bha am Bòrd ag iarraidh an t-eilean air fad a cheannach ach chuir an t-uachdaran, a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart, prìs ro mhòr air.

Ann an naoi ceud deug ʼs a trì (1903), cheannaich am Bòrd fearann ann am Bhatarsaigh far an cuireadh coitearan buntàta. Ach cha do riaraich sin na coitearan. Lean iad orra le bhith a’ gabhail fearann dhaibh fhèin, agus a’ togail sheadaichean air. Ceithir bliadhna an dèidh sin, chaidh buidheann à Miughlaigh ann cuideachd.

Tha Miughlaigh na eilean brèagha le fearann math air aon taobh dheth. Tha e deas air Barraigh is Bhatarsaigh. Bha an t-iasgach timcheall an eilein math ach cha robh cala no acarsaid airson an eathraichean. Bha muinntir Mhiughlaigh ag iasgach a-mach à Bàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh agus a’ fuireach air bòrd an eathraichean cuid mhath dhen ùine.

Seo mar a mhìnich fear de na Raiders à Miughlaigh, Mìcheal Dhòmhnaill, Mìcheal Mac a Phì, a’ chùis: ‘ … sin an aon bheò-shlàin’ a bh’ aca – dh’fheumadh iad a bhith ris an iasgach, ʼs cha robh iad ach ag iarraidh àite nan taighean ri taobh a’ chladaich ann am Bhatarsaigh. Thàinig ceathrar à Miughlaigh a Bhatarsaigh ann an 1907, agus thog iad seadaichean beaga an oir a’ chladaich …’

A-nise ghabh an t-uachdaran ceum an aghaidh nan Raiders. Chaidh òrdugh laghail, no interdict, a thoirt don deichnear a bh’ air fearann no làraichean taighe a ghabhail dhaibh fhèin. Bha aca ri nochdadh anns a’ chùirt ann an Dùn Èideann. Cha ghealladh iad gum fàgadh iad Bhatarsaigh. Leis gun robh an lagh a’ taobhadh leis an uachdaran, chaidh binn dà mhìos sa phrìosan a chur orra. Thàinig iad a-mach nan gaisgich, seach nan eucoirich, do gu leòr.

Seo na thuirt Mìcheal Mac a Phì: ‘… chaidh an gnothach a chur a Thaigh na Pàrlamaid. ʼS e bh’ ann gun do cheannaich an Crùn Bhatarsaigh. Gheàrr iad a-mach na chroitean an uair sin e, ʼs chuir iad crainn an Dùn Èideann, feuch cò gheibheadh croitean.’

ʼS e stòiridh air leth a th’ ann, agus ma tha sibh airson leughadh mu dheidhinn ann an Gàidhlig, cha b’ urrainn na b’ fheàrr na ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’ le Lisa Storey.

Litir 1257 Litir 1257 Litir 1259 Litir 1259

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!