FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tòmas Colby agus an OS

Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Colby Camps’ – togalaichean a thog muinntir na Suirbhidh Òrdanais nuair a bha iad a’ dèanamh mapaichean dhen Ghàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

Tòmas Colby agus an OS

Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Colby Camps’ – togalaichean a thog muinntir na Suirbhidh Òrdanais nuair a bha iad a’ dèanamh mapaichean dhen Ghàidhealtachd. Chithear na tobhtaichean aig cuid dhiubh fhathast. Bha na togalaichean air an ainmeachadh an dèidh Tòmas Colby, fear de shàr-chruinn-eòlaichean an t-saoghail ri a linn.

Rugadh Colby ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). Thogadh e ann an Sasainn agus ceann a deas na Cuimrigh, agus dhearbh e aig aois òg gun robh e fìor chomasach air obair mhapaichean. Ge-tà, cha mhòr nach do chaill e a bheatha aig aois naoi-deug nuair a bha e air turas trèanaidh anns a’ Chòrn. Bha e a’ gabhail spòrs le gunna-làimhe nuair a spreadh an gunna na làimh chlì. Chaidh pàirt dhen ghunna a-steach air a chlaigeann air a bhathais. Chaill e a làmh ach, gu fortanach dha, chuir caraid stad air lannsair bho bhith a’ tolladh a chlaiginn.

Bha suirbhidheadh doirbh do dhuine a bha gann de làimh ach rinn Colby a’ chùis. Agus, gu fortanach, cha do rinn a’ mheatailt a dh’fhuirich na chlaigeann cron air inntinn. Ann an ochd ceud deug is fichead (1820), dh’èirich e gu bhith na cheannard air an t-Suirbhidh Òrdanais, às dèidh a bhith air a mholadh le Diùc Wellington agus Sir Iòsaph Banks, Ceann-suidhe a’ Chomainn Rìoghail. Ceithir bliadhna an dèidh sin, roghnaich an riaghaltas suirbhidh mhòr a dhèanamh de dh’Èirinn air fad air sgàth ʼs gun robh iad ag iarraidh cìsean-fearainn a chur an sàs, stèidhichte air meud an fhearainn. Bha na mapaichean sin aig sia òirlich air a’ mhìle. Chruthaich Colby slat-tomhais ùr airson na h-obrach ris an cante an ‘Colby bar’.

Tha na mapaichean a rinn Colby ann an Èirinn air leth cudromach oir tha iad a’ sealltainn cruth na dùthcha ron Ghoirt Mhòir. Thàinig an obair suirbhidh gu ceann dìreach bliadhna mus do thòisich a’ Ghort.

Bha Colby ann an Alba cuideachd agus choisinn e cliù dha fhèin air a’ Ghàidhealtachd airson a bhith a’ seasamh ri cruadal is droch shìde. Chuir e fhèin is sgioba de luchd-obrach seachad seachdainean air mullach Beinn Nibheis. Uaireannan, bha iad a’ fuireach ann an teantaichean. Uaireannan, thog iad togalaichean cloiche. Gu tric, cha robh aca airson ithe ach lite.

Bha Colby cho fut ri fiadh – agus bha e an dùil gum biodh a chompanaich a cheart cho comasach is deònach ris fhèin. Nuair a bha iad a’ gabhail cuairtean rannsachaidh, bhiodh iad a’ coiseachd anns a’ choitcheannas trithead ʼs a naoi mìle gach latha. Ann an aon turas air a’ Ghàidhealtachd, a’ coiseachd air talamh garbh thar trì seachdainean, choisich Colby faisg air sia ceud mìle.

Mar bu trice, bhiodh e a’ coimhead airson eaglais air Didòmhnaich. Ach aon turas ann an Loch Abar cha robh sgeul air eaglais. Dh’iarr Colby air an luchd-obrach aige an latha ‘dheth’ aca a chur seachad ann a bhith a’ dìreadh an Aonaich Bhig faisg air Beinn Nibheis – àirde còrr is ceithir mìle troigh!

Ach bha aon mhullach a bha ro dhoirbh, eadhon do Cholby. B’ e sin An Stac – no am Bidean Do-ruigsinneach mar a chanas mòran an-diugh – air mullach a’ Chuilthinn anns an Eilean Sgitheanach. Rinn Colby oidhirp air a shreap ach, le dìreach aon làmh agus gun ròpan no àraidhean, cha deach leis.

Litir 988 Litir 988 Litir 990 Litir 990

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!