Deas air Gleann Afraig, tha grunn bheanntan drùidhteach àrda. Nam measg,
tha tè le ainm car annasach. Tha Taigh Mòr na Seilge a’ ruigsinn àirde de
naoi ceud, fichead ʼs a naoi (929) meatair. Tha i letheach-slighe eadar
Loch Afraig agus Loch Cluanaidh. Taigh Mòr na Seilge – the big house of the hunt. Carson a tha ainm cho annasach air
beinn?
Tha diofar adhbharan ann, ʼs dòcha. An robh na daoine ag innse sgeulachdan
mu na Fianna, agus iad a’ sealg air a’ bheinn sin? An robh taigh na Fèinne
ann, co-dhiù a rèir beul-aithris? No an robhar a’ sealg an sin ri linn nam fineachan? Tha cnoc gu tuath air Taigh Mòr na
Seilge air a bheil An Eilrig mar ainm. ʼS e Eilrig àite anns am biodh
daoine a’ sealg nam fiadh anns an t-seann aimsir.
No an e mearachd a th’ ann? Anns na leabhraichean-ainm aig an t-Suirbhidh
Òrdanais tha pìos sgrìobhte ann am peann dearg. Tha e ag ràdh gur e an
t-ainm ceart air a’ bheinn Tom Mòr na Seilge. Agus tha e ag ràdh ‘ Altered by authority of Mr. Mackay, Inverness’. Feumaidh nach robh
Mgr MacAoidh dhen bheachd gun robh an t-ainm ceart. Ach, air an làimh eile,
fhuair luchd-cruinneachaidh nan ainmean am fios bho mhinistear – an
t-Urramach A D MacCoinnich – agus na bu chudromaiche na sin – bho Mhgr
Friseal, geamair ann an Gleann Afraig.
Ach tha nota eile anns an aon leabhar a tha ag ràdh gu feumar tuilleadh
rannsachaidh a dhèanamh air an ainm air òrdugh an ‘Director General’. Bha
a’ chùis air a dhol gu mullach an OS!
Feumaidh gun do rinneadh co-dhùnadh aig a’ cheann thall gur e Taigh Mòr na
Seilge an t-ainm ceart oir ʼs e sin a th’ air na mapaichean an-diugh.
Ge-tà, ʼs e Tom Mòr na Seilge a th’ air a’ mhapa aon-òirlich a chaidh
fhoillseachadh anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900).
ʼS e an rud a tha iongantach mun bheinn sin, gu bheil taigh oirre – faisg
air mullach na beinne aig àirde naoi ceud meatair os cionn na mara. Cha
robh mi fhìn ann, ach bha mi a’ bruidhinn ri fear a bha ann, agus a chuir
dealbhan dhen structar thugam. Tha e faisg gu leòr air Loch a’ Chòinnich
airson a bhith cinnteach gum biodh uisge ri fhaighinn eadhon ann an aimsir
thioram.
Tha an togalach seachd gu leth meatair a dh’fhaid agus ceithir meatair ann
an leud. Tha e na thobhta a-nise, ach tha na ballachan fhathast nan seasamh
gu aona puing seachd meatair a dh’àirde. Agus tha aon uinneag fhathast ri a
faicinn – gun glainne. Lorg mo charaid poitean agus coire am measg an
sprùillich.
An e taigh seilge a bh’ ann? Mas e, carson a bhiodh e cho àrd air a’
bheinn? Rinn mo charaid rannsachadh air a’ chùis agus cha do lorg e aithris
no iomradh sam bith air an togalach.
Ach thàinig aon bheachd inntinneach thuige – gur e taigh a chaidh a thogail
leis an fheadhainn a bha a’ dèanamh nam mapaichean anns an naoidheamh linn
deug. Bha an luchd-obrach sin a’ campachadh a-mach airson ùine mhòr am
measg beanntan na Gàidhealtachd nuair a bha iad ag obair. Canaidh daoine
‘Colby Camps’ ri a leithid, an dèidh fear Tòmas Colby. Innsidh mi dhuibh
tuilleadh mu dheidhinn-san anns an ath Litir.