FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cath Gabhra agus Bàs Oscair

An cuala sibh riamh mu Chath Gabhra?

Audio is playing in pop-over.

Cath Gabhra agus Bàs Oscair

An cuala sibh riamh mu Chath Gabhra? The Battle of Gavra. Airson nan ceudan, bhiodh Gàidheil na h-Alba agus Gàidheil na h-Èireann ag innse stòiridhean mu dheidhinn oir ʼs ann aig Cath Gabhra a chaidh Oscar a mharbhadh. Oscar mac Oisein ogha Fhinn. Fear de shàr-ghaisgich na Fèinne. Thathar a’ smaoineachadh gun robh Gabhra ann an ceann a tuath na h-Èireann, faisg air cladach na mara. Ach chan eil fios aig duine air sin le cinnt.

Bha Fionn air falbh. Mar sin bha ceannas aig Oscar air na Fianna. Bha nàimhdeas eadar Oscar agus Cairbhi. Cha robh Cairbhi idir na ‘charbhaidh’ do dh’Oscar! Trì latha ro Chath Gabhra, thug Cairbhi cuireadh gu Oscar dhol gu fleadh anns an lùchairt aige. Thug Oscar trì cheud duine leis.

Air an rathad, thachair e ri bean-shìthe a bha a’ nighe aodach ann an allt. ‘Dè ur beachd, a chailleach,’ thuirt e. ‘Cò thuiteas anns a’ chath a tha romhainn?’

‘O,’ ars ise, ‘bidh sibhse a’ marbhadh còig mìle duine, agus an Rìgh fhèin.’

‘Agus cò thuiteas air an taobh againne?’ dh’fhaighnich Oscar.

‘A, uill,’ ars a’ bhean-shìthe. ‘Bidh am fear as luachmhoire agaibhse a’ tuiteam cuideachd. Tha a shaoghal a’ sìor thighinn gu ceann.’

‘O,’ thuirt Oscar. ʼS e droch naidheachd a bha sin. Bha fios aig Oscar gun robh a’ bhean-sìthe a’ bruidhinn airsan. Ach lean e air agus ghabh e biadh is deoch gu leòr aig an fhleadh ann an lùchairt Chairbhi.

Air an treas latha dhen chuirm, bha an deoch air an dithis aca, agus thuirt Cairbhi ri Oscar gun robh e ag iarraidh gun dèanadh iad iomlaid de na sleaghan aca. Ach dhiùlt Oscar an t-iarrtas.

Air latha a’ chatha, thàinig an dà armailt mu choinneimh a chèile air bealach cumhang ann an caol-ghleann. Mharbh sluagh Oscair còig fichead boghadair aig Cairbhi. Mharbh iad trì cheud duine eile a bharrachd, a’ gabhail a-steach ceud duine ruadh a bha a’ coimhead coltach ri Cairbhi, oir bha falt ruadh aige.

Bha a-nise Oscar agus Cairbhi a’ tighinn faisg air a chèile. Thilg Cairbhi a shleagh agus chaidh i tro Oscar. Thuit Oscar do a ghlùin dheis agus thilg esan a shleagh-san. Bhuail i Cairbhi na cheann, far an robh fheusag agus fhalt a’ tighinn còmhla.

Dh’èirich mac Chairbhi, Art, agus thog e a chlaidheamh. Ach thilg Oscar sleagh eile agus mharbh e Art. Ged a chaill iad an dà cheannard aca, cha robh muinntir Chairbhi a’ gèilleadh. Chuir iad clogaid-chatha air ceap mar chomharra nach robh iad a’ gèilleadh. Ach thog Oscar leacag thana chruaidh far na talmhainn. B’ e a ghnìomh mu dheireadh a chlogaid a bhriseadh le beum na leacaig.

Thàinig na Fianna cruinn còmhla agus thug iad Oscar air falbh. Mus do chaochail an gaisgeach, chual’ iad fuaim bhon tràigh. ‘Luingeas do sheanar a th’ ann,’ thuirt iad. ‘Thàinig Fionn airson cobhair a dhèanamh oirnn.’

Cuiridh mi crìoch air mo chunntas le dà rann à Laoidh Oscair. ʼS e a sheanair, Fionn Mac Cumhail, a tha a’ bruidhinn.

Ach donnalaich nan con rim thaobh, ʼS bùireadh nan seann laoch, ʼS gul a’ bhannail mu seach, siud an rud a chràidh mo chridhe.

Laogh mo laoigh thu, laogh mo laoigh, Leanaibh mo leanaibh, ghil, chaoil, Mo chridhe leumadh mar lon, ʼS mo chreach lèir nach èirich Oscar.

Litir 986 Litir 986 Litir 988 Litir 988

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!