An cuala sibh riamh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’? Bha MacMhuirich
beò o chionn fhada ann an Ratharsair far an robh e ainmeil mar shealgair.
Latha a bha seo, bha e a’ sealg faisg air Dùn Cana, a’ bheinn as àirde anns
an eilean. Mharbh e fiadh, ghreallaich e e agus chuir e air a dhruim e. Bha
e a’ coiseachd ri taobh Loch na Mèilich nuair a chuala e fuaim – mèilich,
gu dearbh.
Bha e a’ tighinn às an fhraoch, ach bha fios aig MacMhuirich nach e caora
no gobhar a bha ga dhèanamh. Chuir e am fiadh far a ghuailne agus rannsaich
e anns an fhraoch. Lorg e creutair annasach. Bha e molach, bha spògan mòr’
aige agus bha a shùilean mòra a’ sealltainn gun robh eagal a bheatha air
ron t-sealgair. Gu follaiseach, bha e gu math òg.
Chuir MacMhuirich an creutair am broinn a chòta airson a
chumail blàth, thog e am fiadh agus chaidh e dhachaigh. Bha a dhinnear a’
feitheamh ris nuair a ràinig e an taigh, agus shuidh e aig a’ bhòrd, ga
gabhail. Bha e a’ meòrachadh air a’ chreutair annasach a lorg e nuair a
dh’fhàs an seòmar dorch. Choimhead MacMhuirich suas agus chunnaic e ceann
mòr grànda aig an uinneig. B’ e sin a bha a’ dorchachadh an t-seòmair.
Bha fios aig MacMhuirich dè bh’ ann – Uilebheist Ratharsair. ‘Thoir dhomh
mo leanabh air ais,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Tha fios agam gun do thog thu
e às an fhraoch.’
‘Tha e a’ tighinn air èirig,’ fhreagair MacMhuirich. ʼS e
duine cruaidh a bh’ ann am MacMhuirich.
‘Thoir air ais e gun chron sam bith air a dhèanamh air, no millidh mi an
taigh agad agus gach rud a tha na bhroinn,’ fhreagair an t-Uilebheist.
‘Tha an leanabh agad na bhroinn,’ arsa MacMhuirich. Lean e air a ghabhail a
dhinneir mar nach robh càil a’ cur dragh air.
‘Dè an èirig?’ dh’fhaighnich an t-Uilebheist.
‘Feumaidh tu cabhsair a thogail tarsainn Loch Storab,’ thuirt MacMhuirich.
‘Feumaidh e a bhith math gu leòr gus an toir mi mo chuid mònach dhachaigh
air agus gun gabh e mo chuid cruidh, each is ghobhar.’ Tha Loch Storab anns
a’ mhonadh letheach-slighe eadar Loch na Mèilich agus an Clachan, air
cladach an iar Ratharsair.
‘ʼS e obair dhoirbh a tha sin,’ thuirt an t-Uilebheist. ‘Ach ma thogas mi
an cabhsair, an toir thu gealltanas dhomh gum faigh mi an leanabh agam air
ais gun chron sam bith air a dhèanamh air?’
‘Bheir,’ arsa MacMhuirich agus lean e air le a dhinnear mar nach robh dragh
sam bith air.
Dh’fhalbh an t-Uilebheist. Thill e mu mheadhan-oidhche. ‘Rinn mi an obair,’
thuirt e. ‘Tha an cabhsair dèante.’
‘Tha e air èirig fhathast,’ arsa MacMhuirich. Nach tuirt mi gur e duine
cruaidh a bh’ ann?!
‘Phàigh mi an èirig!’ Bha an t-Uilebheist a’ fàs feargach.
‘Uh-uh,’ thuirt MacMhuirich. ‘Feumaidh tu gach fàd mònach a th’ agam aig a’
pholl-mhònach a thoirt dhachaigh, agus cruach a dhèanamh dhiubh aig ceann
an taigh agam.’
Dh’èigh an t-Uilebheist gur e bleigeard gun chogais a bh’ ann am
MacMhuirich, ach dh’fhalbh e airson a’ mhòine a thoirt dhachaigh. Nuair a
bha an obair dèante, thill e gu taigh MhicMhuirich. ‘Tha a’ chruach-mhònach
togte,’ thuirt e. ‘Nise, thoir dhomh mo leanabh.’ Agus innsidh mi dhuibh dè
thachair an-ath-sheachdain.