FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (10)

Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh?

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (10)

Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh? Nuair a tha e na neach-brathaidh! Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, fo Reachdan Cill Chainnigh, cha robh cead aig seanchaidhean Èireannach a dhol a-steach a thìrean nan Sasannach ann an Èirinn, eagal ʼs gun robh iad ann airson brathadh a dhèanamh! An t-seachdain seo, tha mi a’ cur crìoch air an t-sreath phrògraman agam air na Ceiltich le bhith a’ toirt sùil bheag air Èirinn.

An dèidh gun do stèidhich na Normanaich iad fhèin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, chaidh feadhainn dhiubh a dh’Èirinn. Ghabh iad grèim air mòran sgìrean. Am measg nan teaghlaichean bha feadhainn a tha a-nise gu math Èireannach – Burke, FitzGerald, Butler, Walsh ... Cho tràth ris a’ cheathramh linn deug, bha dragh air na h-ùghdarrasan Sasannach gun robh mòran aig an robh sinnsireachd Normanach gan giùlan fhèin mar Èireannaich. Bha iad eadhon a’ trèigsinn na Beurla ʼs na Fraingis agus a’ bruidhinn Gaeilge!

Ann an trì cheud deug, seasgad ʼs a sia (1366), ghairm Diùc Chlarence pàrlamaid Èireannach ann an Cill Chainnigh. Bha e ag obair às leth rìgh Shasainn, Eideard III. Dh’aontaich a’ phàrlamaid Reachdan Cill Chainnigh. Fo na reachdan, bha pòsadh eadar Èireannaich agus Sasannaich an aghaidh an lagh. Cha robh cead aig Sasannaich ainm-baistidh Èireannach a chleachdadh.

Bha aca ri Beurla ionnsachadh no chailleadh iad an cuid fearainn. Bhiodh na Sasannaich fo lagh Shasainn seach lagh na h-Èireann. Agus cha robh e ceadaichte idir seanchaidhean Gàidhealach a leigeil a-steach gu sgìrean Sasannach, eagal ʼs gum biodh iad ri brathadh!

Cha do dh’obraich na Reachdan. Tro thìde dh’fhàs na seann ‘Sasannaich’ na bu Ghàidhealaiche. ʼS ann nuair a thàinig Sasannaich ùra a-steach ri linn nan Tudoran, agus nuair a thug Rìgh Seumas VI luchd-tuineachaidh ùra a-steach a dh’Ulaidh, a dh’èirich an sgaradh a chithear an-diugh ann an Èirinn.

Ceithir bliadhna an dèidh do Sheumas rìgh-chathair Shasainn a ghabhail thairis, bha tachartas ann an Èirinn a bha na bhuille chruaidh do dhualchas nan Ceilteach. Roimhe sin, bha cuid dhen fhearann, gu h-àraidh anns a’ cheann a tuath, fhathast fo smachd seann teaghlaichean Gàidhealach.

Ach, ann an sia ceud deug ʼs a seachd (1607), thachair Imeachd nan Iarlan – nuair a theich an dithis thighearnan Gàidhealach a bu chumhachdaiche. Sheòl Aodh Mòr O Nèill, Iarla Thìr Eòghainn, agus Aodh Ruadh O Dòmhnaill, Iarla Thìr Chonaill, gu tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Bha iad an dòchas tilleadh a dh’Èirinn le taic nan Spàinnteach ach cha do thill.

Bha Imeachd nan Iarlan na buille chruaidh do Ghàidheil na h-Alba cuideachd. Cha bhiodh an seann chàirdeas eadar Gàidheil an dà dhùthaich a-chaoidh tuilleadh mar a bha e roimhe. Le tuineachadh Ghall, dh’atharraich Ulaidh gu tur. Taobh a-staigh beagan ghinealach, bha a’ mhòr-roinn a bu Ghàidhealaiche ann an Èirinn, a bha làimh ri Alba, air a dhol na mòr-roinn a bu Ghallta.

Tha e inntinneach a bhith a’ meòrachadh – nam biodh ceann a deas Bhreatainn air fuireach Ceilteach, dè an coltas a bhiodh air Breatainn is Èirinn an-diugh? Am biodh Èirinn na rìoghachd aonaichte, agus Gaeilge mar chainnt an t-sluaigh? Am biodh a’ Chuimrigh ann idir? Am biodh na Còrnaich a’ bruidhinn Breatannais seach a’ Bheurla Shasannach? Am biodh a’ Ghàidhlig air a h-àite a chumail mar phrìomh chànan na h-Alba? Ach, uill, mar a tha fios againn, chan eil ann ach bruadar!

Litir 978 Litir 978 Litir 980 Litir 980

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!