Tha an sreath phrògraman agam air na Ceiltich a’ teannadh ris an deireadh. An t-seachdain seo tha mi
airson sùil a thoirt air Eilean Mhanainn. Saoilidh mi – ma
tha duine ag iarraidh saoghal nan Gàidheal a thuigsinn gu cruinneil – gum
bu chòir dha dhol a cheithir àiteachan – Alba, Èirinn, Alba Nuadh ... agus
Eilean Mhanainn.
Tha sgeulachd ann gun robh Fionn Mac Cumhail a’ reubadh na talmhainn ann an
Èirinn. Feumaidh gun robh e ann an droch shunnd! Chladhaich e toll agus sin
far a bheil Loch Neagh an-diugh. Agus an cnap talmhainn a thilg e don mhuir
- uill ʼs e sin Eilean Mhanainn.
Chan eil Eilean Mhanainn mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha pàrlamaid
aca fhèin, agus cha bhi iad a’ cur riochdairean gu Taigh nan Cumantan ann
an Lunnainn. Tha iad, ge-tà, co-cheangailte ri crùn Bhreatainn, agus ʼs i
Banrigh na Rìoghachd Aonaichte a’ bhanrigh acasan.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh Gàidhlig air a bruidhinn ann an Eilean
Mhanainn cho tràth ris a’ chòigeamh linn an dèidh Chrìosd. Ach bha na
Sasannaich agus na Lochlannaich a’ gabhail gnothach ris an eilean
cuideachd. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a sia (1266), ghabh Alba grèim
air fo Chùmhnant Pheairt. Thug an cùmhnant sin na tìrean Lochlannach (ach
Arcaibh is Sealtainn) do dh’Alba. Aig deireadh a’ cheathramh linn deug,
thàinig Eilean Mhanainn fo smachd nan rìghrean Sasannach. Agus dh’fhàs na
ceanglaichean eadar na Manainnich agus na Gàidheil ann an Alba is Èirinn na
bu laige.
Nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gaelg – a’ Ghàidhlig Mhanainneach – ann an
seachd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1767), an aon bhliadhna anns an do
nochd an Tiomnadh Nuadh nar cànan fhèin. Thàinig am Bìoball slàn a-mach ann
an seachd ceud deug, seachdad ʼs a còig (1775), ge-tà, ginealach mus do
nochd am Bìoball Gàidhlig slàn ann an Alba.
Ach bha an siostam sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich gu math
eadar-dhealaichte bho na bh’ aig na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich. Cha
do ghabh luchd eadar-theangachaidh a’ Bhìobaill for air na siostaman anns
na dùthchannan Gàidhealach eile. Mar sin, tha e nas fhasa do Ghàidheal
Albannach an cànan Manainneach a thuigsinn nuair a tha i air a labhairt,
seach mar a nochdas i ann an riochd sgrìobhte. Mar eisimpleir, tha iad a’
sgrìobhadh ‘is thu fhèin?’ mar AS OO HENE. Air an làimh eile, ʼs dòcha gu
bheil an siostam aca nas fhasa do luchd na Beurla.
Gu tric bidh am fuaim ‘t’ anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich a’ gabhail àite an
fhuaim ‘g’ ann an Gàidhlig – mar eisimpleir, fastyr mie airsonfeasgar math agus thie tashtee airson taigh-tasgaidh.
Nuair a bha mi ann an Doolish, prìomh bhaile Eilean Mhanainn, o chionn
bhliadhnaichean chaidh mo thoirt timcheall taigh na pàrlamaid. ʼS e House of Keys a chanas iad ann am Beurla ris an taigh ìosal.
Chaidh innse dhomh nach eil an t-ainm co-cheangailte idir ri iuchraichean.
Tha e a’ tighinn bho Yn Kiare as Feed – a’ ciallachadh ‘An Ceithir
air Fhichead’ – oir ʼs e sin àireamh nam ball anns an taigh sin.
Tha a’ Ghàidhlig Mhanainneach beò fhathast agus air a teagasg ann an cuid
de sgoiltean agus bu chòir dhuinne mar Ghàidheil Albannach a bhith a’
cuimhneachadh gu bheil dà chànan piutharail againn – Gàidhlig na h-Èireann
agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Slàn leibh – no slane lhiu –
an-dràsta.