FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (8)

Bidh sibh eòlach air Balla Hadrian. Bha e uaireigin na chrìoch eadar Ìmpireachd na Roimhe ann am Breatainn agus dùthaich nan treubhan Cailleannach. Ach a bheil sibh eòlach air Offa’s Dyke?

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (8)

Bidh sibh eòlach air Balla Hadrian. Bha e uaireigin na chrìoch eadar Ìmpireachd na Roimhe ann am Breatainn agus dùthaich nan treubhan Cailleannach. Ach a bheil sibh eòlach air Offa’s Dyke? Airson ùine mhòr, tha e air a bhith an ìre mhath na chrìoch eadar Sasainn agus a’ Chuimrigh. Chan eil e cho sean ri Balla Hadrian ach tha e a dhà uiread dheth ann am fad.

Thathar a’ dèanamh dheth gur e rìgh Sagsannach Mhercia, fear Offa, a thog e anns an ochdamh linn. Chladhaich na Sagsannaich dìg air an taobh an iar agus chàrnaich iad an ùir air an taobh an ear.

Cha do chuir Offa’s Dyke stad air an nàimhdeas eadar na Sasannaich ʼs na Cuimrich, ge-tà. Dh’fhàs rìoghachd aonaichte Shasainn gu math cumhachdach. Bhiodh corra ceannard Cuimreach ag aonachadh nan Cuimreach, ach cha do mhair an aonachd fada. Agus dh’fhàs Sasainn na bu làidire an dèidh do na Normanaich a gabhail thairis.

Dh’aithnich an rìgh Sasannach Eanraig III ceannard Cuimreach – Llywelyn ap Gruffydd – mar Phrionnsa na Cuimrigh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a seachd (1267). Ach rinn Llywelyn mearachd. Chaochail Eanraig agus thàinig a mhac, Eideard I, don rìgh-chathair. Bha dùil gum biodh Llywelyn a’ dol a Lunnainn airson crùnadh an rìgh ùir, ach dhiùlt e. Agus dhiùlt e cuideachd gabhail ri Eideard mar uachdaran.

Ann an dà cheud deug, seachdad ʼs a seachd (1277) thug na Sasannaich ionnsaigh mhòr air a’ Chuimrigh. Ghèill Llywelyn ach dh’èirich e a-rithist còig bliadhna an dèidh sin. Cheannsaich na Sasannaich na Cuimrich, thog Eideard tòrr chaistealan mòra airson a chumhachd a dhaingneachadh agus thug e air na Cuimrich gabhail ri laghan Shasainn. Bha na Sasannaich airson a bhith cinnteach nach biodh ar-a-mach eile ann, agus gum biodh a’ Chuimrigh air a slugadh le Sasainn Mhòr.

Ach cha robh na Cuimrich air an ceannsachadh buileach. Anns a’ bhliadha ceithir cheud deug (1400), bha ar-a-mach mòr ann, le Owain Glyndŵr, aig a’ cheann. Bha planaichean aig Glyndŵr a’ Chuimrigh a stèidheachadh mar phrionnsalachd neo-eisimeileach, le pàrlamaid, oilthighean agus a h-eaglais fhèin. Thug daoine air feadh na Cuimrigh taic dha, agus chaidh a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh. Ghabh e thairis cuid de chaistealan nan Sasannach agus ghairm e pàrlamaid ann am Machynlleth.

Bha caraidean aig Glyndŵr am measg uaislean Shasainn agus bha co-chòrdadh aige leis an Fhraing. Chuir na Frangaich feachd gu ruige Worcester ann an Sasainn ach cha robh iad soirbheachail. An dèidh sin, thòisich cùisean air a dhol an aghaidh nan Cuimreach. Ann an ceithir cheud deug ʼs a h-ochd (1408) bha smachd aig na Sasannaich air ceann a deas agus meadhan na Cuimrigh, ach lean an t-ar-a-mach ann am monaidhean a’ chinn a tuath airson greis an dèidh sin. Chaidh Glyndŵr à fianais agus chan eil fios dè thachair dha.

Ann an sreath achdan pàrlamaid ann am meadhan an t-siathamh linn deug, chaidh a’ Chuimrigh aonachadh le Sasainn fon aon riaghaltas agus an aon lagh. Ged a tha an cànan air crìonadh, tha i fhathast làidir an coimeas ris nan cànanan Ceilteach eile. O chionn dà bhliadhna, bha mi ann an cafaidh ann an Llanrwst, baile beag ann an ceann a tuath na dùthcha. Bha mu dhà fhichead duine ann, agus bha iad uile a’ bruidhinn Cuimris ri chèile. Da iawn!

Litir 976 Litir 976 Litir 978 Litir 978

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!