FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (7)

Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn ann an ceithir cheud deug, naochad ?s a seachd (1497).

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (7)

Bha ar-a-mach anns a’ Chòrn ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a seachd (1497). Bha rìgh Shasainn, Eanraig VII, a’ cur chìsean a bharrachd air daoine oir bha e ag iarraidh pàigheadh airson cogadh an aghaidh Alba. Cha robh na Còrnaich deònach na cìsean a phàigheadh. Dh’fhalbh armailt às a’ Chòrn agus rinn iad air Lunnainn mus deach stad a chur orra.

Ann an còig ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1549), bha ar-a-mach eile anns a’ Chòrn. Bha an rìgh, Eideard VI, agus an Eaglais Shasannach, a’ toirt air daoine a bhith a’ cumail ri nòsan Pròstanach, agus a bhith a’ cleachdadh leabhar-ùrnaigh Beurla, seach Laidinn. Bha mòran anns a’ Chòrn fhathast Caitligeach, agus air an taobh an iar dhen dùthaich bha an cànan aca fhathast làidir. Cha robh na Còrnaich idir toilichte gum biodh a’ Bheurla Shasannach air a sparradh orra ann an creideamh.

Dh’fhàs an t-ar-a-mach gu math fuilteach. Chaidh armailt Sasannach, le còrr is ochd mìle duine ann, a-steach don Chòrn. Rinn iad sgrios ann am mòran sgìrean. Thathar a’ dèanamh dheth gun robh còrr is còig mìle duine Còrnach air am marbhadh mus robh an gnothach seachad.

Dhiùlt an Eaglais Shasannach leabhar-ùrnaigh a dhèanamh ann an Còrnais, agus chrìon an cànan anns na ginealaich an dèidh an ar-a-mach. Bha iomadh adhbhar ann airson sin. Nam measg bha – nach robh Bìoball Còrnais ann, gun do sguir na dealbhan-cluiche mìorbhailteach ann an Còrnais, gun do lagaich na ceanglaichean leis a’ Bhreatainn Bhig agus gun do ghluais Sasannaich a-steach don dùthaich.

Ged nach eil uiread de dh’fhèin-riaghladh aig a’ Chòrn ʼs a th’ aig na dùthchannan Ceilteach eile ann am Breatainn is Èirinn, tha fèin-aithne Chòrnach aig mòran fhathast. Mu mheadhan an ochdamh linn deug, ʼs e glè bheag de dhaoine a bha a’ bruidhinn gu làitheil ann an Còrnais. Bha i air a cumail beò le sgoilearan a-mhàin. Ann an naoi ceud deug ʼs a ceithir (1904) dh’fhoillsich fear dhiubh, Eanraig Jenner, A Handbook of the Cornish Language. Bhrosnaich sin daoine gus an cànan ath-bheothachadh anns an fhicheadamh linn.

Lean sgoilearan eile air, leithid Robert Morton Nance agus Ken George, ach cha robh iad uile a’ tarraing air an aon ràmh a thaobh litreachadh a’ chànain. Gu dearbh, bha feadhainn dhiubh an ugannan a chèile mu dheidhinn. ʼS ann dìreach o chionn deich bliadhna a chaidh nòs litreachaidh coitcheann aontachadh.

Fhuair Còrnais inbhe oifigeil le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fo Chairt Eòrpach nam Mion-chànanan ann an dà mhìle ʼs a dhà (2002). Agus ann an dà mhìle ʼs a deich (2010), dh’atharraich UNESCO a beachd air a’ chànan. Roimhe sin, bha iad a’ cumail a-mach gun robh Còrnais cho marbh ri sgadan. A-nise, tha i air a clàradh mar chànan ‘ath-bheothaichte’. ʼS e clach-mhìle mhòr a bha sin do luchd-strì a’ chànain.

Tha strì fhathast aig a’ Chòrn, ge-tà, a thaobh aithneachadh. Gu math tric, bidh Sasannaich ga ceangal ri Devon, ga tomhas mar shiorrachd Shasannach àbhaisteach, no ga h-aithneachadh dìreach mar phàirt dhen ‘ West Country’. Ach tha a’ Chòrn eadar-dhealaichte oir tha fèin-aithne Cheilteach aca, agus tha an cànan aca beò fhathast. Anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, thuirt ceithir cheud, seasgad ʼs a ceithir duine anns a’ Chòrn gum b’ e Còrnais am prìomh chànan aca.

Litir 975 Litir 975 Litir 977 Litir 977

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!