Tha mi a’ dèanamh sreath Litrichean an-dràsta air na Ceiltich. Bha mi ag
innse dhuibh mu mar a chaidh treubhan Ceilteach gu ruige Anatoilia anns an
treas linn ro Chrìosd. Thug iad an t-ainm Galatia don sgìre far an do rinn
iad tuineachadh. Tha e timcheall far a bheil prìomh bhaile na Tuirc –
Ankara – an-diugh. Chan eil cus fianais arceòlach air na Ceiltich an sin,
ach rinn feadhainn eile, gu h-àraidh Greugaich, aithris orra. Am measg nam
faclan anns a’ chànan aca, a bhiomaid ag aithneachadh an-diugh, bha bardoi airson ‘bàird’ agus marka airson ‘marc’ no ‘each’.
Tro thìde, thathar a’ smaoineachadh gun do dh’ionnsaich mòran de na
Galatianaich Greugais cuideachd. Goirid an dèidh linn Chrìosda, sgrìobh
Naomh Pòl litir thuca mu dheidhinn Crìosdachd. Bha an litir ann an
Greugais. Tha i air a gleidheadh anns a’ Bhìoball. ʼS e an naoidheamh
leabhar anns an Tiomnadh Nuadh Litir an Abstoil Phòil chum nan Galatianach.
Ach ghlèidh na Galatianaich an seann chànan cuideachd. Rinn an Naomh Iaròm
aithris orra anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Sgrìobh e gun robh
an cànan aca gu math coltach ris an tè a bh’ air a bruidhinn le treubh ris
an canar na Treveri. Bha na Treveri a’ fuireach far a bheil Lugsamburg,
ceann an earra-dheas na Beilg agus taobh an iar na Gearmailt an-diugh. Bha
Iaròm gu math eòlach air an treubh sin, agus bha e na chànanaiche. Gu
dearbh, rinn e eadar-theangachadh dhen Bhìoball bhon Eabhrais gu Laideann.
Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur e cànan Ceilteach a
bh’ aig na Treveri. Mar sin, ʼs e cànan Ceilteach a bh’ aig na Galatianaich
còrr is sia ceud bliadhna an dèidh dhaibh a dhol a Ghalatia. Agus tha
aithris eile ann gun robh an cànan fhathast beò anns an t-siathamh linn an
dèidh Chrìosda.
Bha na Ceiltich cuideachd far a bheil an Eadailt an-diugh. Bha iad ann cho fad’ air ais ris an t-siathamh linn ro Chrìosd. Mean
air mhean, bhon treas ceud a-mach, thàinig iad fo smachd
na Ròimhe agus chaidh an cànan à fianais. Bha iad cuideachd far a bheil an
Spàinnt an-diugh. ʼS e an t-ainm a bh’ orra na Ceiltiberianaich, agus thug
iad buaidh air na daoine a bha a’ fuireach far a bheil Portagail. Ach cha
robh iad air taobh sear na dùthcha no air costa na Mara Meadhan-tìrich.
Anns an treas linn ro Chrìosd, thòisich Carthage air ìmpireachd a
chruthachadh far a bheil an Spàinnt. Air sgàth sin, chaidh Ceiltich gu leòr
a shabaid às leth Charthage an aghaidh na Ròimhe. An dèidh do na Ròmanaich
buannachadh an aghaidh Charthage, fhuair na Ceiltiberianaich an saorsa.
Ach, mean air mhean, thug an Ròimh buaidh orra agus timcheall àm beatha
Chrìosda bha na Ceiltiberianaich air fad fo smachd na Ròimhe. Fhad ʼs a bha
na Ròmanaich a’ riaghladh, dh’fhalbh cànan nan Ceilteach anns na
dùthchannan sin.
Gu tuath air Iberia, bha A’ Ghall – dùthaich mhòr ris an canar ann am
Beurla ‘Gaul’ agus ann an Laideann ‘Gallia’. ʼS e sin as coireach gum
bithear ag ràdh ‘Gallic’ mar bhuadhair, a’ ciallachadh ‘Frangach’, eadhon
an-diugh. Bha na Ceiltich an sin o chionn fhada. Anns a’ cheann a deas,
thàinig iad fo bhuaidh nan Greugach a bha stèidhichte ann am Massalia – far
a bheil Marseille an-diugh. Bheir sinn sùil air Ceiltich na Gaill
an-ath-sheachdain.