FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (1)

Anns na seachdainean romhainn, tha mi a’ dol a dhèanamh sreath Litrichean air na Ceiltich

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (1)

Halò, a-rithist. Anns na seachdainean romhainn, tha mi a’ dol a dhèanamh sreath Litrichean air na Ceiltich. Bidh fios agaibh gur e cànan Ceilteach a th’ anns a’ Ghàidhlig. Uaireigin, bha na Ceiltich nan sluagh cumhachdach a bha a’ fuireach thairis air mòran sgìrean anns an Roinn Eòrpa. Bheir sinn sùil orra anns na seachdainean air thoiseach oirnn.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh na Ceiltich – feadhainn aig an robh cànan Ceilteach – mu-thràth rin lorg ann am mòran cheàrnaidhean anns an ochdamh linn ro Chrìosd. Bha iad ann ri Linn an Umha agus ri Linn an Iarainn – ann am meadhan na Roinn Eòrpa, far a bheil an Fhraing an-diugh agus ann am Breatainn is Èirinn.

Tha mi airson ar n-eachdraidh a thòiseachadh anns a’ bhliadhna trì cheud is naochad (390) ro Chrìosd. Aig an àm sin, bha na Ceiltich ann am meadhan na mòr-thìr an sàs ann an eilthireachd. Chaidh feadhainn tarsainn nam Beanntan Ailpeach gu ruige far a bheil ceann a tuath na h-Eadailt an-diugh. Lean iad orra agus rinn iad sgrios air baile air a bheil sinn uile eòlach – An Ròimh. Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do chuir na Ròmanach romhpa an uair sin a bhith cho làidir ʼs nach dèanadh treubhan Ceilteach sgrios orra mar sin tuilleadh.

Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do lagaich na Ceiltich cultar is eaconamaidh nan Eatruscanach. B’ e sin sluagh cumhachdach a bha a’ fuireach gu tuath air an Ròimh. Agus bha treubhan Ceilteach cuideachd a’ gluasad gu sear. Bha tosgairean Ceilteach ann an cùirt Alasdair Uaibhrich, rìgh ainmeil Mhasadoinia. Chaidh iad cho fada ris a’ Mhuir Dhubh agus dh’fheuch iad ri faighinn a-steach a cheann a deas na Grèige ann an dà cheud, seachdad ʼs a naoi (279) RC.

Chaidh an armailt aca cho fada ri Delphi, baile ainmeil naomh. Bha iad ag amas air an stuth phrìseil a bh’ air a chumail sa bhaile sin fhaighinn dhaibh fhèin. Chan eil e soilleir dè thachair. Tha cunntasan anns a’ Ghrèig gun do rinn cur is cathadh agus maoimean-slèibhe dìon air a’ bhaile. Tha cunntasan eile ann gun robh na Ceiltich soirbheachail agus gun tug iad ulaidh leotha gu na dùthchannan aca fhèin.

Ge brith dè thachair, cha do dh’fhuirich na Ceiltich anns a’ Ghrèig. Bha na Greugaich a’ toirt ionnsaigh orra fad na h-ùine, chaill iad an ceannard aca agus chaidh iad an comhair an cùil air ais gu na dùthchannan Ceilteach.

Ach thachair rudeigin eile a lagaich armailt nan Ceilteach anns a’ Ghrèig. Dh’fhalbh mòran dhiubh – timcheall air fichead mìle uile-gu-lèir – gu ruige Anatoilia, seach a bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig. ʼS e Anatoilia dùthaich mhòr ris an canadh na Ròmanaich Asia Minor. An-diugh tha e anns an Tuirc.

Carson a chuir na Ceiltich seo romhpa a dhol gu Anatoilia, ge-tà? Uill, fhuair iad cuireadh a dhol ann. Bha Rìgh Greugach ann an Anatoilia – fear Nicomedes I, Rìgh Bhithynia. Thug esan cuireadh do na Ceiltich sin a dhol tarsainn a’ chaolais faisg air Byzantium (far a bheil Istanbul an-diugh), agus leantainn orra gu meadhan Anatolia. Bha trì treubhan mòra ann – na Tolistobogii, na Tectosages agus na Trocmi – agus treubhan beaga a bharrachd, ach bha an aon chànan aca – cànan Ceilteach. Thug iad an ainm don sgìre anns an do rinn iad tuineachadh – Galatia.

Litir 969 Litir 969 Litir 971 Litir 971

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!