Mun àm a bha Iulius Cèasar beò, bha na Ròmanaich a’ dèanamh dheth gun robh A’ Ghall – Gaul – ann an diofar phàirtean. Anns
a’ cheann a deas bha Provincia Romana, sgìre a bh’ air tighinn fo
bhuaidh nan Greugach an toiseach agus, an uair sin, fo bhuaidh na Ròimhe.
Tha sinn eòlach air Provincia Romana an-diugh mar Provence.
Gu tuath air sin bha Gallia Celtica, sgìre mhòr anns an robh an cultar is
dòigh-beatha gu math Ceilteach fhathast. Agus gu tuath air sin bha Gallia
Belgica, an ìre mhath far a bheil A’ Bheilg an-diugh.
Airson greis mhòr, bha ceannardan Ròmanach air a bhith a’ beachdachadh air
cho math ʼs a bhitheadh e nam biodh A’ Ghall mar phàirt dhen Ìmpireachd
Ròmanaich. Ghabh Cèasar, a bha na riaghladair air Gallia Transalpina (fìor
cheann a deas na Frainge) brath air cothrom sin a dhèanamh anns a’
bhliadhna caogad ʼs a h-ochd (58) RC. Bha na Helvetii, treubh chumhachdach
às an Eilbheis, a’ dèanamh eilthireachd airson fearann ùr fhaighinn air
costa siar na Frainge.
Bha Cèasar a’ gabhail dragh gun dèanadh sin cron air a’ Ghaill, agus air
malairt nan Ròmanach, agus chuir e armailt an sàs an aghaidh nan Helvetii,
gan iomain air ais don dùthaich aca fhèin. Bha armailt mhòr aig Cèasar
a-nise ann an Gallia Celtica. Thug e taic do na Ceiltich an aghaidh treubh
Ghearmailteach ach cha do tharraing e na saighdearan aige an dèidh làimhe.
Lean e air gus an robh smachd aige air an dùthaich gu ruige Caolas
Shasainn. Ann an caogad ʼs a còig (55) RC, chuir e armailt an sàs ann an
ceann a deas Bhreatainn. ʼS dòcha gun robh sin mar rabhadh do na
Breatannaich gun a dhol an sàs air taobh an co-chreutairean Ceilteach anns
a’ Ghaill.
Ann an co-cheangal ris na cogaidhean Gallach tha ceannard Ceilteach a’
tighinn am bàrr – ʼs dòcha an Ceilteach a b’ ainmeile ri a linn –
Vercingetorix. Bha e na cheannard air na h-Averni, treubh à meadhan na
Gaill. Rinn e a’ chùis air armailt Ròmanach agus thug e còmhla measgachadh
de threubhan. Ach, aig a’ cheann thall, ghabh e fhèin agus na mìltean
shaighdearan aige tèarmann ann an dùn monaidh ris an cante Alesia.
Rinn Cèasar sèist air Alesia le bhith a’ togail dà bhalla – fear am broinn an fhir eile. Chuir sin stad air feachdan
Ceilteach eile bho bhith a’ dèanamh cobhair air Vercingetorix. Mu
dheireadh, cha robh roghainn aig Vercingetorix ach gèilleadh ris na
Ròmanaich. Thugadh an grèim e agus chaochail e – no chaidh a mharbhadh –
anns a’ phrìosan beagan bhliadhnaichean an dèidh sin. Le a bhàs, dh’fhalbh
an dòchas mu dheireadh aig na Gallaich a bhith saor bho smachd na Ròimhe.
Chan eil sin a’ ciallachadh nach robh na Gallaich fhathast a’ coimhead orra
fhèin mar Ghallaich. Bha, gus an deach treubh Ghearmailteach a-steach
airson an gabhail thairis an dèidh nan Ròmanach. B’ iad sin na Frangaich.
Agus ʼs ann air an son a chaidh an Fhraing ainmeachadh. Bha dìreach aon
phàirt dhen Fhraing a ghlèidh beagan dhen t-seann chànan aig na Ceiltich.
B’ e sin Armorica anns an iar-thuath, far a bheil a’ Bhreatainn Bheag
an-diugh. Ach carson as e a’ Bhreatainn Bheag a chanas sinn ris an dùthaich
sin, seach Armorica? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin anns an ath Litir.