Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ toirt sùil air trì de na
reul-bhadan air a bheil ainmean Gàidhlig clàraichte againn. B’ iad sin An
Sealgair Mòr, An Grioglachan agus, an t-seachdain sa chaidh, An
Crann-arain. Tha dà rionnaig a tha mar phàirt dhen Chrann-arain air a bheil
Merak agus Dubhe. Ma tharraingeas sibh loidhne bho Mherak
gu Dubhe, agus ma leanas sibh oirbh, ruigidh sibh an Reul-iùil no Pole Star. Faodar an Reul-iùil a chleachdadh
airson a bhith ri iùl no steòrnadh air an oidhche.
Ma tha sibh ag iarraidh dealbh math dhen Chrann-arain agus an Reul-iùil
fhaicinn, cha leig sibh a leas ach coimhead air bratach stàite Alasga. ʼS e
a th’ innte ach na h-ochd rionnagan sin air raon gorm, leis an Reul-iùil
nas motha na ʼn fheadhainn eile.
Ma chumas sibh a dol air an aon loidhne tron Reul-iùil ruigidh sibh
reul-bhad eile faisg air a’ Phola mu Thuath, a th’ ann an cumadh ‘w’. ʼS e
sin A’ Chathair – the seat. A’ Chathair. Ann am Beurla, thathar a’
cleachdadh an ainm Ghreugaich – Cassiopeia.
ʼS e banrigh a bh’ ann an Cassiopeia. Chaidh i a-mach air Poseidon, dia na
mara, agus chaidh a cur don iarmailt mar pheanas. Bhiodh i a’ dol timcheall
a’ chinn a tuath air cathair, a’ cur seachad na dàrna cuid dhen ùine ann a
bhith a’ greimeachadh na cathrach gu teann (nuair a bha i bun-os-cionn) gus
nach tuiteadh i dheth. Chan eil mi cinnteach an ann bhon sgeulachd sin a
tha an t-ainm Gàidhlig a’ tighinn, no bho rudeigin coltach ann am
beul-aithris nan Gàidheal fhèin.
Tilleamaid don Reul-iùil. Tha i fhèin mar phàirt de reul-bhad air a bheil Ursa Minor no Little Bear no Little Dipper. Ann
an cumadh, tha e car coltach ris a’ Chrann-arain – no mar a bhiodh an
Crann-arain a’ coimhead ann an sgàthan. Tha an Reul-iùil na rionnaig as
fhaide a-mach air a làimh.
ʼS e An Dreagbhod ainm Gàidhlig an reul-bhaid seo. Saoilidh mi gu bheil an
t-ainm gu math sean. ʼS dòcha gu bheil e a’ tighinn bho dreag ‘ meteor’ agus bad ‘constellation’. Gu
h-inntinneach, a h-uile bliadhna mu àm na Nollaig, bidh frasan dhreagan ann
a tha a’ tòiseachadh far am faicear an Dreagbhod. Ach cha robh sin
aithnichte do luchd-saidheans chun an fhicheadamh linn.
Mus fhàg sinn an Dreagbhod, bu mhath leam aon rud eile ainmeachadh. ʼS e
sin gu bheil faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil dà rionnaig anns an
reul-bhad sin air a bheil Na Laoigh mar ainm. The calves. Na
Laoigh. Gu mì-fhortanach, chan eil Eideard còir ag innse dhuinn cò an dà
rionnaig a tha sin. Ma tha fios aig duine sam bith agaibh, bu mhath leam
cluinntinn bhuaibh.
Feumaidh sinn cuimhneachadh nuair a tha sinn a’ coimhead air na rionnagan,
gum bi sinn uaireannan a’ faicinn phlanaidean, agus iad car coltach ri
rionnagan. Airson pàirt dhen bhliadhna, bithear a’ faicinn na planaid
Bheunas. Nuair a chì sinn i aig àm dol-fodha na grèine, ʼs e Reul an
Fheasgair a chanas sinn rithe – the evening star. Ach tha ainm
snog eile againn oirre ann an Gàidhlig. ʼS e sin Rionnag a’ Bhuachaille.
Nuair a nochdadh Rionnag a’ Bhuachaille anns na speuran, bha an t-àm aig
gach buachaille falbh dhachaigh leis an sprèidh mus tigeadh dorchadas na
h-oidhche.