Tha facal againn ann an Gàidhlig a tha a’ ciallachadh ‘ directing or guiding by the stars’. A bheil sibh eòlach air an
fhacal? Steòrnadh. Nise, tha steòrnadh a’ ciallachadh rudan eile a
bharrachd – riaghladh, stiùireadh, smachdachadh. Ach tha ciall chudromach
aig an fhacal – a bhith a’ stiùireadh a rèir nan reultan no rionnagan. Cha
chreid mi nach tàinig am facal às an t-Seann Lochlannais. Agus tha e mar
phàirt dhen ainm-àite Steòrnabhagh.
Co-dhiù, leis gu bheil am facal againn nar briathrachas, cha chreid mi nach
eil e a’ dearbhadh gun robh ar sinnsirean na b’ eòlaiche air iarmailt na
h-oidhche na tha sinne an-diugh. An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil
air an t-Sealgair Mhòr agus An Grioglachan. An t-seachdain seo, tha mi
airson sùil a thoirt air reul-bhad eile. Ach mus dèan mi sin, seo agaibh
seanfhacal Gàidhlig co-cheangailte ris an Grioglachan.Caillidh fiù an Grioglachan a chùrsa – even Pleiades can stray off course. Tha e a’ ciallachadh gum bi
eadhon na daoine as seasmhaiche a’ dol far an rathaid uaireannan. Caillidh
fiù an Grioglachan a chùrsa.
Co-dhiù, air ais gu steòrnadh. ʼS e an rionnag as fheumaile airson sin an
Reul Iùil no Reul na h-Àird a Tuath. ʼS e sin Polaris no ann am
Beurla The Pole Star. ʼS i an rionnag as fhaisge air Pola mu
Thuath na h-Iarmailt. Airson seòladairean na seann aimsir, bha i air a
cleachdadh airson fios a bhith aca far an robh am pola mu thuath. Nuair a
bha iad air druim a’ chuain, bhiodh iad a’ steòrnadh a dh’ionnsaigh na
h-àirde a tuath le bhith a’ cleachdadh na rionnaig seo.
ʼS e an dòigh as fhasa an Reul Iùil a lorg, a bhith a’ lorg an toiseach an
reul-bhaid ris an canar An Crann-arain. Tha sin a’ ciallachadh ann am
Beurla ‘the baker’s bread-shovel’ – rud air an cuireadh fuineadair
taois don àmhainn airson aran a dhèanamh. An Crann-arain. Tha e car
annasach, ann an dòigh, gu bheil am facal ‘crann’ cuideachd a’ ciallachadh
‘plough’ oir ʼs e an t-ainm Beurla airson an reul-bhaid seoThe Plough. Tha e air aithneachadh cuideachd mar Ursa Major no The Great Bear agus The Big Dipper
.
Tha trì rionnagan ann an làimh a’ Chrainn-arain. Tha ainmean Arabach orra.
ʼS e Alkaid an tè as fhaide a-mach; ann an Gàidhlig ʼs e sin An
Ceann-mathain. An ath thè, ʼs e sin Mizar. Ma choimheadas sibh gu
dlùth, chì sibh gu bheil rionnag bheag os cionn Mizar. ʼS e sin Alcor. Ann an Gàidhlig, canaidh sinn Am Bodachan no Bodachan a’
Chrainn ris. Bha na seann Arabaich a’ dèanamh deuchainn-fradhairc
stèidhichte air comas an duine Am Bodachan fhaicinn.
Tha rionnag eile air làimh a’ Chrainn-arain – Alioth. Ma tha ainm Gàidhlig
oirre, chan aithne dhomh e. Tha sinn a-nise aig cas a’ Chrainn. ʼS iad a’
chiad dà rionnaig Megrez agus Phad no Phecda. Thuige seo tha mi air còig
rionnagan ainmeachadh. Còmhla, tha ainm Gàidhlig orra – Còig Gadhair Osgair – the five mastiffs of Oscar. Bidh sibh eòlach air Osgar mar fhear
de ghaisgich na Fèinne – ogha Fhinn MhicCumhail.
Mu dheireadh, tha sinn a’ tighinn chun na dà rionnaig air an taobh dheas –
Dubhe agus Merak. Bidh sinn a’ cur na dà rionnaig seo gu feum ann an
steòrnadh – mar a mhìnicheas mi an-ath-sheachdain.