FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gàidhlig?

Audio is playing in pop-over.

An Sealgair Mòr agus An Grioglachan

A bheil sibh eòlach air na reul-bhadan ann an Gàidhlig? A bheil sibh a’ tuigsinn an fhacail ‘reul-bhad’ – constellation – buidheann de reultan no rionnagan. Tha mi airson ur brosnachadh gus eòlas fhaighinn air reul-bhad no dhà ann an Gàidhlig.

Chithear an Sealgair Mòr air feadh an t-saoghail. Tha an reul-bhad seo faisg air crios-meadhan nan speuran agus, ann am mòran chultaran, tha e air fhaicinn mar shealgair. Ann am Beurla, ʼs e Orion a chanar ris. Bha Orion na shealgair ann am faoinsgeulan na Grèige.

Tha dà rionnaig gu math soilleir anns an t-Sealgair Mhòr. Tha an Spor Dearg no Betelgeuse ann an ‘gualainn’ an t-Sealgair. Tha e na fhamhair-rionnag dhearg agus chithear a dhath gu furasta tro phrosbaig. Chan eil e cho teth ris a’ ghrèin againne, ach tha e fada nas motha. Ann an ‘cas’ an t-Sealgair Mhòir, tha an Spor Liath no Rigel. Tha seo na fhamhair-rionnag liath. Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘liath-ghorm’. ʼS e an Spor Dearg an ochdamh rionnag as soilleire anns an iarmailt, agus ʼs e an Spor Liath an t-siathamh rionnag as soilleire anns an iarmailt. Tha e cho cumhachdach ri seasgad mìle grian dhen t-seòrsa a th’ againne.

Ann am meadhan an t-Sealgair Mhòir, tha sreath de thrì rionnagan faisg air a chèile ris an canar ann am Beurla Orion’s Belt. Ann an Gàidhlig ʼs e sin An Crios no Crios an t-Sealgair – an aon rud ris a’ Bheurla. Crochte fon Chrios, tha sreath de thrì rionnagan beaga air a bheil Orion’s Sword ann am Beurla. Do na Gàidheil, ʼs e sin A’ Bhiodag, The Dirk.

Cuideachd fon Chrios, ri taobh na Biodaig, tha neul-reultan no nebula. ʼS e sin cruinneachadh de ghasaichean is duslach anns am bi rionnagan ùra air an dèanamh. Ann am Beurla, ʼs e sin an Horsehead Nebula no Orion Nebula. Ach, ann an Gàidhlig, ʼs e An Sporan a th’ againn air. A bheil sibh a’ faicinn mar a bha na seann Ghàidheil a’ samhlachadh an t-Sealgair air gaisgeach Gàidhealach le fèileadh-mòr air?

Taobh a-muigh an Spuir Dheirg, tha rionnagan anns an reul-bhad a th’ air am faicinn, ann an cuid de chultaran, mar bhall-airm – cuaille no rudeigin mar sin – air a thogail os cionn an t-Sealgair. Ach dhuinne, ʼs e sin Am Breacan – pàirt dhen fhèileadh-mhòr aig an t-seann ghaisgeach Gàidhealach.

Nise, tha mi airson ur stiùireadh gu reul-bhad eile. Dhòmhsa, ʼs e an reul-bhad as brèagha san iarmailt – An Grioglachan. Thoiribh sùil air Crios an t-Sealgair. Leanaibh loidhne a’ Chrios suas gu deas agus cumaibh a dol. Ruigidh sibh rionnag mhòr ris an canar Aldebaran. Tha sin anns an reul-bhad ris an canar Taurus no An Tarbh. Cumaibh a dol anns an aon loidhne agus ruigidh sibh dlùth-bhuidheann de rionnagan air a bheil Pleiades no An Grioglachan. Don t-sùil, tha seachd rionnagan rim faicinn còmhla agus uaireannan bidh daoine a’ gabhail ‘ The Seven Sisters’ air an reul-bhad seo no, ann an Gàidhlig, Grioglachan nan Seachd Rionnag.

Mholainn dhuibh nach fhàg sibh aige sin e. Faigh prosbaig àbhaisteach agus thoiribh sùil air a’ Ghrioglachan. Chì sibh na ficheadan de rionnagan ann. Tha reultairean ag innse dhuinn gu bheil mu cheithir cheud dhiubh ann uile-gu-lèir.

Litir 966 Litir 966 Litir 968 Litir 968

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!