ʼS docha gum bi sibh air cluinntinn mun Leabhar Dhearg aig Clann Raghnaill.The Red Book of Clanranald. Anns na tritheadan dhen fhicheadamh linn, nochd aithris
ann am pàipear-naidheachd ann an Astràilia gun robhar a’ smaoineachadh gun
robh an leabhar anns an dùthaich sin. Sgrìobh J L Michie, Àrd-ollamh nan
Clasaigean ann an Oilthigh Tìr na Bànrigh, don Chourier-Mail ann am
Brisbane gun robh amharas ann gun robh an leabhar uaireigin ann an làmhan
nighean ceann-cinnidh Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, a bha a’ fuireach ann
an Astràilia. Bha e a’ sireadh fiosrachaidh bhon luchd-leughaidh mun
leabhar.
Chan eil fhios agam dè an rathad a ghabh an rannsachadh sin, ach tha an
Leabhar Dearg a-nise ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn
Èideann. Chunnaic mi e le mo shùilean fhèin o chionn
ghoirid. Chuir e iongnadh orm cho beag ʼs a bha e.
Beag no mòr, tha an leabhar gu math prìseil. Bha e air a sgrìobhadh aig
toiseach an ochdamh linn deug anns na h-Eileanan an Iar ann an Gàidhlig
chlasaigeach le fear Niall MacMhuirich. Bha MacMhuirich a’ fuireach ann an
Uibhist a Deas, agus bha e na bhall de chinneadh a bh’ air a bhith nam
bàird is luchd-eachdraidh do chinn-chinnidh nan Dòmhnallach thar ùine mhòr.
Chaidh Seumas ‘Oisean’ MacMhuirich, no Mac a’ Phearsain, a bhuineadh do
Bhàideanach, a dh’Uibhist ann an seachd ceud deug is seasgad (1760). Bha e
air bàrdachd Oisein fhoillseachadh, ach bha gu leòr ann, leithid Shomhairle
MhicIain, a bha a’ cumail a-mach gur e MacMhuirich fhèin a chruthaich i.
Chaidh MacMhuirich air feadh na Gàidhealtachd, a’ coimhead airson
làmh-sgrìobhainnean anns an robh seann bhàrdachd Oiseanach. Nochd e aig
taigh ceann-cinnidh Chlann Raghnaill.
Chuir an ceann-cinnidh e gu fear Niall MacMhuirich – ogha an duine, dhen
aon ainm, a sgrìobh an Leabhar Dearg. A rèir beul-aithris, chaidh an
leabhar a thoirt seachad do Sheumas MacMhuirich air iasad. Ach cha deach a
thoirt air ais don teaghlach. Nuair a chaochail Seumas MacMhuirich, bha an
leabhar am measg an stuth aige ann an Lunnainn. ʼS ann an dèidh sin
uaireigin a fhuair Clann Raghnaill an Leabhar Dearg air ais. Co-dhiù bha e
uair sam bith ann an Astràilia, chan urrainn dhomh a ràdh.
Tha leabhar eile ann a tha car coltach – Leabhar Dubh Chlann Raghnaill.
Eadar an dà leabhar, tha tòrr fiosrachaidh ann mu dhualchas nan Gàidheal
aig deireadh nam meadhan-aoisean. Chaidh an leabhar seo a lorg ann am
bùth-leabhraichean ann am Baile Atha Cliath ann an ochd ceud deug is
ceathrad (1840) leis an eachdraiche Albannach, Uilleam Foirbeis Skene.
Goirid ro a bhàs thug Skene an Leabhar Dubh do cheann-cinnidh Chlann
Raghnaill. Mu cheud bliadhna an dèidh sin, thug Clann Raghnaill an dà
leabhar – am fear dearg agus am fear dubh – don nàisean. ʼS e sin as
coireach gu bheil iad leis an Taigh-tasgaidh Nàiseanta, seach an
Leabharlann Nàiseanta.
Bha barrachd air aon ùghdar aig an Leabhar Dhubh. B’ e am fear a bu mhotha
dhiubh Crìsdean Peutan, ball de theaghlach ainmeil eile. Thathar a’
smaoineachadh gun robh e na oide aig meur Aontraim Chlann Dòmhnaill. Ma tha
sibh anns an Taigh-tasgaidh Nàiseanta uair sam bith, mholainn gun toir sibh
sùil air an dà leabhar bheag sin – a tha cho mòr ann an dualchas nan
Gàidheal.