Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Grannd, a bhuineadh do dh’Alanais, agus
a bha na chraoladair Natsach anns an Dàrna Cogadh. Dh’fhàg e Breatainn air
an t-seachdamh latha dhen Iuchar, naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939)
airson a dhol don Ghearmailt.
Bha na bu lugha na mìos ann mus tòisicheadh an cogadh. Bhiodh na
Breatannaich amharasach gun robh e a’ taobhadh leis na Natsaich. Bhiodh na
Gearmailtich dhen bheachd, ʼs dòcha, gun robh e na bhrathadair Breatannach.
Seachdain an dèidh toiseach a’ chogaidh, chuir na Gearmailtich don phrìosan
e. Cha robh e ann fada, ge-tà. An dèidh beagan mhìosan, fhuair e cothrom
stèisean craolaidh propaganda a thòiseachadh fo sgèith Ministreachd a’
Phropaganda aig Joseph Goebbels. Ruith Radio Caledonia eadar an t-Ògmhios
naoi ceud deug is ceathrad (1940) agus an Lùnastal naoi ceud deug, ceathrad
ʼs a dhà (1942).
Bha na prògraman dìreach deich mionaidean a dh’fhaid. Bha na sgrìobtaichean
air an sgrìobhadh ʼs air an lìbhrigeadh le Dòmhnall Grannd le taic bho
fheadhainn eile. ʼS e Dòmhnall Palmer no Jock Palmer a bha Dòmhnall a’
gabhail air fhèin. Bha e a’ cumail a-mach gun robh e a’ craoladh às Alba,
seach à Berlin. Ach, aig amannan, cha robh an siognal ach truagh. Chan eil
fios cia mheud duine a bhiodh ag èisteachd ris.
Bha Radio Caledonia ag amas air muinntir na h-Alba agus muinntir Shasainn a
chur an ugannan a chèile. Bha an Granndach a’ brosnachadh
muinntir na h-Alba sìth fa leth a dhèanamh le Hitler. Thuirt e gur iad na
Sasannaich a bu choireach ris an droch shuidheachadh anns an robh Alba.
Nuair nach do dh’obraich sin, dh’fheuch e ri sgaradh a dhèanamh eadar
Glaschu is Dùn Èideann!
Anns a’ Chèitean naoi ceud deug, ceathrad ʼs a h-aon (1941), thachair fear
de na gnothaichean a b’ annasaiche anns an Dàrna Cogadh. Thàinig an dàrna
fear a bu chumhachdaiche ann an Riaghaltas na Gearmailt – Rudolf Hess – a
dh’Alba leis fhèin ann an itealan.
Dè bh’ aig Dòmhnall Grannd ri aithris mu dheidhinn a’ ghnothaich? Uill, cha
robh dad. Chaidh Radio Caledonia far an èadhair aig an àm sin, ag ràdh gun
robh an t-uidheam-craolaidh aca feumach air càradh. Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile!
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1942) bha Dòmhnall dhen bheachd
nach robh na craolaidhean aige gu feum agus dh’iarr e air na h-ùghdarrasan
Natsach leigeil leis sguir dhen obair aige. Dh’aontaich iad agus, airson a’
chòrr dhen chogadh, bha e ag obair ann an tasglann co-cheangailte ri
craoladh phropaganda.
An dèidh a’ chogaidh, dh’fhalbh Dòmhnall à fianais airson bliadhna. Bha e
air a chur an grèim anns a’ Ghearmailt anns an Dàmhair naoi ceud deug,
ceathrad ʼs a sia (1946) agus fhuair e sia mìosan sa phrìosan. Bha sin
eucoltach ris a’ Mhorair Haw-Haw, Uilleam Joyce, a fhuair bàs air a’
chroich.
Fhad ʼs as fiosrach leam, chaidh Dòmhnall Grannd air ais a dh’Alanais nuair
a fhuair e a-mach às a’ phrìosan. Ach bu shuarach an fhàilte a fhuair e
agus dh’fhalbh e a Lunnainn. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Afraga a Deas
nuair a bha an dùthaich sin a’ tighinn fo apartheid. Thathar a’
smaoineachadh gun do thill e a Lunnainn agus gun do chaochail e an sin anns
na h-ochdadan.