Bha mi ag èisteachd ri prògram o chionn ghoirid air Rèidio 4. Aig an fhìor thoiseach bha guth aithnichte ann – am Morair
Haw-Haw ag aithris ‘Germany Calling, Germany Calling’. Bidh sibh eòlach air
cò e, tha mi an dùil – Uilleam Joyce – craoladair Natsach anns an Dàrna
Cogadh a bha a’ craoladh propaganda gu Breatainn ann am Beurla. Bha blas
aige mar gur e fear de na h-uaislean Sasannach a bh’ ann.
Dh’inns tè-lìbhrigidh a’ phrògraim gun robh barrachd na dìreach Joyce an
sàs ann an craoladh dhen t-seòrsa sin. Bha eadhon fear Albannach ann. ʼS
ann às a’ Ghàidhealtachd a bha e. Cha chreid mi gun robh mi air sin a
chluinntinn roimhe.
Bha an còrr dhen phrògram a-mach air Dòmhnall Grannd, a rugadh ann an
Alanais, ann an taobh an ear Rois, ann an naoi ceud deug ʼs a seachd
(1907). Chruthaich e Radio Caledonia.
Eucoltach ri Uilleam Joyce, chan eil gin de na clàraidhean a rinn an
Granndach ann am bith an-diugh. Ach lorg an tè air Rèidio 4
tar-sgrìobhaidhean de chuid de na prògraman aige. Cha chreid mi nach e MI5
a rinn iad. Bha Dòmhnall a’ cumail a-mach gun robh e na ‘nàiseantach’
Albannach, ach aig a’ chridhe, ʼs e Faisisteach a bh’ ann. Agus bha na
seirbheisean-brathaidh Breatannach eòlach air.
Bha athair Dhòmhnaill na ghròsair ann an Alanais, agus bha Dòmhnall na
sgoilear ann an Sgoil Phoblach Alanais agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Dhearbh e aig aois òg gun robh beachdan claon aige air poilitigs. Chan eil
fios le cinnt nach do thachair e ri Uilleam Joyce nuair a bha e òg oir a
rèir choltais bhiodh Joyce a’ dol gu coinneamhan faisisteach ann an
oighreachd ann an Cataibh far an robh màthair Dhòmhnaill na glanadair.
Co-dhiù, thàinig e dhachaigh le beachdan a bha cho damainte ʼs gun do chuir
athair a-mach às an taigh e.
An dèidh na sgoile, bha e ag obair ann am Bradford agus sa Chaisteal Nuadh
ann an Sasainn. An uair sin bha e ann an Lunnainn agus Èirinn mus deach e
air ais a dh’Alanais airson greis. Tron chuid as motha de na tritheadan bha
e ann an Lunnainn, aig àm nuair a bha na Natsaich is Faisistich ag èirigh
air feadh na Roinn Eòrpa.
A rèir choltais bha e measail air Sir Oswald Mosley agus a’ bhuidheann aige
– Na Lèintean Dubha. Ann an agallamhan le luchd-tèarainteachd Breatannach
an dèidh a’ chogaidh, dh’aidich e gun robh e fhèin is ceannard propaganda
nan Natsach, Rolf Hoffmann, a’ sgrìobhadh gu càch a chèile aig deireadh nan
tritheadan. Bha Dòmhnall a’ gabhail ‘Derrick’ air fhèin aig amannan – agus
cuideachd ‘British Fascist’.
Mar a bha Faisistich eile aig an àm, bha an Granndach a’ cumail a-mach gun
robh e ag iarraidh sìth agus gun robh e riatanach cogadh eadar a’
Ghearmailt agus Breatainn a sheachnadh. Ach bha e dhen bheachd gur e
Iùdhaich a bha a’ ruith Bhreatainn agus gur e Faisisteachd an dòigh airson
sin fhuasgladh.
Bha Grannd a’ cumail a-mach gun d’ fhuair e cuireadh a dhol a dh’fhuireach
anns a’ Ghearmailt le teaghlach Gearmailteach airson ceithir seachdainean.
As t-samhradh naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939), nuair a bha mòran
a’ teicheadh às a’ Ghearmailt, chaidh Dòmhnall Grannd ann. Agus chì sinn dè
thachair dha an-ath-sheachdain.