Bha mi ag innse dhuibh mun deuchainn shaidheansail a rinneadh air Sìth
Chailleann ann an Siorrachd Pheairt ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a
ceithir (1774). Bhathar a’ feuchainn ri tomhas a dhèanamh air cuideam na
cruinne.
Nuair a ràinig e a’ bheinn à Lunnainn, ʼs cinnteach gun robh an Reultair
Rìoghail, Nevil Maskelyne, a’ faireachdainn gun robh e ann an saoghal
eadar-dhealaichte. Anns an fharsaingeachd, bha droch bheachd aig muinntir
Lunnainn air Gàidhealtachd na h-Alba aig an àm sin – mar dhùthaich bhochd,
ghruamach, shalach – le droch shìde fad na h-ùine. Agus bha an samhradh ann
an seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774) air leth fliuch agus
fuar!
Chaidh innse do Mhaskelyne gun robh ainm na beinne a’ ciallachadh ‘ constant storm’. Feumaidh
gun robhar a’ smaoineachadh air gailleann, seach Chailleann
mar bhun-stèidh an ainm. No an e gun robh muinntir an àite ri spòrs leis an
t-Sasannach?! Co-dhiù, bha an t-sìde gailleannach gu tric, fhad ʼs a bha an
deuchainn a’ dol air adhart. Ach, gu fortanach, bha oidhcheannan ann nuair
a chìte na rionnagan, agus rinn Maskelyne tomhas orra leis an uidheamachd a
b’ fheàrr a bha san t-saoghal aig an àm sin.
Rinn e tomhas air àite rionnagan san iarmailt bhon ionad-sheallaidh aige
air cliathaich a deas na beinne – air a’ cheàrn no angle thuca
bhon Talamh. An uair sin, rinn e an aon rud ann an ionad eile a thogadh air
cliathaich a tuath na beinne. Bha an dà ionad faisg air mìle air falbh o
chèile. Bha fios aig Maskelyne dè an diofar a bh’ ann an domhan-leud – no latitude – eadar an dà àite. Mar sin, dh’obraich e a-mach dè an
diofar a bu chòir a bhith anns a’ cheàrn do na h-aon rionnagan eadar gach
ionad-seallaidh.
Ach cha robh am figear a fhuair e co-ionann ri sin. Carson? Uill, bhathar
a’ tomhas dìreachdas le crochadan. Agus, mar a bha Maskelyne an dùil, bha
a’ bheinn a’ tarraing air a’ chrochadan pìos beag. Agus bhon diofar eadar
an dà àireamh, dh’obraich Maskelyne a-mach dè cho trom ʼs a bha Sìth
Chailleann. An uair sin, fhuair e fhèin is am fear-matamataig aige figear
airson cuideam na cruinne gu lèir. Agus cha robh e fada ceàrr a rèir mar a
tha daoine a’ tomhas cuideam na cruinne an-diugh.
Chan eil fhios agam dè an seòrsa beachd a bh’ aig Maskelyne fhèin air a’
Ghàidhealtachd mus deach e ann, ach dh’ionnsaich e gun robh na Gàidheil gu
math sìobhalta agus carthannach. Sgrìobh e ‘
their country is with justice celebrated for its hospitality and
attention to strangers
’. Cuimhnicheamaid gun robh seo dìreach ginealach an dèidh Bliadhna
Theàrlaich.
Am measg nan daoine air an d’ fhuair Maskelyne eòlas, bha fear de mhuinntir
an àite, Donnchadh MacDhonnchaidh. Ged a bha e mar sgalag dhaibh tron
latha, a’ giùlan eallachan suas is sìos a’ bheinn, bha Donnchadh cuideachd
na fhìdhlear air leth. Bhiodh e a’ toirt na fìdhle aige don bheinn air an
fheasgar a chluich rìdhlichean is sigichean don a h-uile duine.
Air an oidhche mu dheireadh, bha ho-ro-gheallaidh ann. A bharrachd air an
fhidhill, thug Donnchadh buideal uisge-bheatha leis. Chaidh am bothan na smàl agus loisg e gu làr. Dh’fhalbh an
fhidheall anns an teine, agus bha Donnchadh troimhe-chèile. Agus dè
thachair an uair sin? Uill, innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.