Cia mheud fidheall ann an Alba air a bheil ainm sònraichte? Tha mi a’
ciallachadh le sin ainm pearsanta. Chan eil fhios agam, ach tha mi eòlach
air aon tè. Tha i ann an Taigh-tasgaidh Clann Donnchaidh ann am Bruthar ann
an Siorrachd Pheairt. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach
Bhuidhe’. Tha i co-cheangailte ris an eachdraidh a bha mi ag innse dhuibh
mun deuchainn mhòr shaidheansail air Sìth Chailleann ann an seachd ceud
deug, seachdad ʼs a ceithir (1774).
An dèidh seachd seachdainean deug air a’ bheinn, bha an deuchainn – airson
cuideam na cruinne a thomhas – deiseil. Air an oidhche mu dheireadh, chùm
an luchd-saidheans pàrtaidh ann am bothan air a’ bheinn. Bha cuid de
mhuinntir an àite an làthair oir bha iad air a bhith an sàs anns a’
phròiseact mar luchd-obrach. Nam measg, bha fear Donnchadh MacDhonnchaidh.
Bha e na fhìdhlear air leth. Gu tric bhiodh e a’ toirt na fìdhle aige don
bhothan a chluich rìdhlichean is sigichean.
Aig a’ phàrtaidh, ge-tà, thachair rudeigin. Chaidh am bothan na smàl. Fhad
ʼs as aithne dhomh, cha deach duine a ghoirteachadh, ach dh’fhalbh an
fhidheall anns an teine. Agus dh’fhàg sin Donnchadh troimhe-chèile. Cha
robh e beartach. Ciamar fon ghrèin a bha e a’ dol a cheannach fidheall ùr?
Uill, gu fortanach, cha robh aige ri fidheall a cheannach. Nuair a thill e
a Lunnainn, lorg ceannard na deuchainne saidheansail, Nevil Maskelyne – an
Reultair Rìoghail – fidheall ùr. Chuir e gu Donnchadh i. Bha Donnchadh cho
sona ris an rìgh agus sgrìobh e port, a’ comharrachadh na h-ionnsramaid ùir
aige. Agus chuir e an t-ainm oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe’ no ann am
Beurla ‘The Yellow London Lady’. Feumaidh gun robh i car buidhe
ann an dath. Chunnaic mi dealbh dhith agus chan eil i a’ coimhead cho
buidhe an-diugh. Ach tha i dà cheud gu leth bliadhna a dh’aois – no
barrachd.
Nuair a bha Donnchadh suas ann am bliadhnaichean, thug e
a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe do charaid dha air an robh
Cuimeanach mar chinneadh. Ach chuir e cùmhnant air – gu feumadh an
Cuimeanach an fhidheall fhàgail aig fear eile air an robh Donnchadh
MacDhonnchaidh mar ainm. Bhon uair sin, tha i air a dhol bho Dhonnchadh
MacDhonnchaidh gu fear eile dhen aon ainm.
Chaidh fear de na daoine sin a dh’fhuireach ann an Astràilia. Dh’fhàg e a’
Bhan-Lunnainneach Bhuidhe aig a mhàthair ann an Raineach. Thug ise air
iasad i gu fear Alasdair a’ Phìobaire a bha ainmeil mar fhìdhlear agus
pìobaire. Bha Alasdair a’ gabhail pàirt ann an fharpais-chiùil ann an
Liverpool.
Bhuannaich e an fharpais ach dh’òl e cus an dèidh làimhe. Chosg e an
t-airgead gu lèir aige agus cha robh càil na sporan airson faighinn
dhachaigh. Thug e an fhidheall gu geall-cheannaiche no pawnbroker
airson an t-airgead fhaighinn. Bha muinntir Raineach feargach nuair a
chuala iad an naidheachd. Chuir iad airgead ri chèile agus chuir iad
Alasdair air ais a Liverpool airson a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe fhaighinn.
Chaidh e ann, ach a-rithist dh’òl e cus agus thuit e, a’ briseadh amhaich
na fìdhle. Obh obh.
Chaidh obair càraidh a dhèanamh oirre agus an-diugh tha i ann an staid
mhath. Thig i a-mach bho àm gu àm airson cuirm-chiùil. Saoil an tig an
latha nuair a chluicheas cuideigin i air cliathaich Sìth Chailleann?
Beannachd leibh.