Bha mi riamh dhen bheachd gur e beinn air leth a th’ ann an Sìth
Chailleann. Tha cumadh brèagha oirre agus tha dualchas àraidh aice. As
t-samhradh am-bliadhna, bha mi ag obair ann an Obar Pheallaidh agus ghabh
mi an cothrom Sìth Chailleann a dhìreadh. Chòrd e rium gu mòr, ged nach
fhaca mi ach sgòthan air a’ mhullach!
Tha Sìth Chailleann an ìre mhath ann an teis-meadhan na h-Alba. Aig trì mìle gu leth troigh a
dh’àirde, tha i na Beinn Rothaich agus bidh còrr is fichead mìle neach ga
dìreadh a h-uile bliadhna. Ma tha sibh a’ sireadh aonaranachd, cha mholainn
Sìth Chailleann dhuibh. Ach tha an ceum ann an staid mhath agus tha na
lusan air cliathaich na beinne gu math inntinneach.
Bha Sìth Chailleann aig cridhe deuchainn saidheansail anns an ochdamh linn
deug agus thàinig cliù oirre an uair sin air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.
Thachair e sa bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774).
Chuir an Reultair Rìoghail, Nevil Maskelyne, seachad seachd seachdainean
deug a’ fuireach ann am bothan air cliathaich na beinne. Carson a bha e
ann? Uill, bha e ag amas air cuideam an t-saoghail a thomhas. Cha robh fios
aca aig an àm sin an robh an Talamh falamh no còsach sa mheadhan gus nach
robh.
Bha Maskelyne ag iarraidh beinn a lorg a bhiodh furasta gu leòr a thomhas a
thaobh a meud-lìonaidh. Bhiodh e a’ tomhas dè a’ bhloigh dhen t-saoghal a
bha a’ bheinn a’ riochdachadh. Bhiodh e an uair sin a’ tomhas cuideam na
beinne a rèir a h-iom-tharraing, no gravity. Agus, às a sin,
gheibheadh e cuideam na cruinne gu lèir. ʼS e deuchainn doirbh agus cosgail
a bhiodh ann. Thathar ag ràdh gun do dh’fhalamhaich i sporan a’ Chomainn
Rìoghail.
B’ e a’ chiad rud beinn fhreagarrach a lorg. Chuir an Comann Rìoghail fear
Teàrlach Mason gu ruige Gàidhealtachd na h-Alba. Agus thill e a Lunnainn
leis an naidheachd gun do lorg e tè fhreagarrach ann an Siorrachd Pheairt –
Sìth Chailleann.
Cha robh e furasta do Nevil Maskelyne faighinn ann oir bha na rathaidean
truagh agus cha robh rathaidean-iarainn ann aig an àm sin. Chaidh e ann air
soitheach-mara gu ruige Peairt. Agus ràinig e a’ bheinn à Peairt air an
latha mu dheireadh dhen Ògmhios ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a
ceithir (1774). Thug e obair do mhuinntir an àite ann a bhith a’ togail dà
ionad-deuchainne – fear air taobh tuath na beinne agus fear eile air an
taobh a deas.
Chleachd e na rionnagan airson a bhith a’ tomhas fìor-dhìreachdas no ‘ true vertical’. Chuir e crochadain an sàs agus rinn e tomhas air
tarraing na beinne orra don taobh. Às a sin, fhuair e dùmhlachd na beinne.
Cha robh aige an uair sin ach ri meud-lìonaidh na beinne a thomhas airson a
cuideam fhaighinn.
Fhuair e taic ann an sin bho fhear-matamataig, Teàrlach Hutton. Chuir esan
roimhe gur e an dòigh as fheàrr airson tomhas-lìonaidh a dhèanamh air Sìth Chailleann a
bhith a’ roinneadh na beinne ann an sliseagan còmhnard. Airson sin,
chruthaich e loidhnichean co-àirde no contour lines. B’ e sin a’
chiad turas a chleachd daoine loidhnichean co-àirde. Càite am biodh ar
mapaichean às aonais na leithid an-diugh?!