Rinn mi iomradh an t-seachdain sa chaidh air leabhar ùr le Iain Moireach –
‘Literature of the Gaelic Landscape’. Bha Iain uaireigin na
Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus
sgrìobh e leabhar eile a tha uabhasach fiosrachail – ‘ Reading the Gaelic Landscape’. Tha an dà leabhar air am
foillseachadh le Whittles ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, agus tha sin
fhèin brìgheil ann an co-theacsa litreachas muinntir na Gàidhealtachd, mar
a chì sinn.
ʼS e cuspair mòr a th’ ann an litreachas co-cheangailte ri aghaidh na tìre.
Ach tha an t-ùghdar air cuimseachadh air na h-earrannan as cudromaiche –
dualchas na Fèinne, Òran na Comhachaig aig Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn,
grunn òran aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus a’ bhàrdachd aig Somhairle
MacGill-Eain, gu h-àraidh Hallaig agus An Cuilithionn.
ʼS e an rud a tha fìor mhath gu bheil an t-ùghdar a’ taisbeanadh nan
àiteachan a th’ air an ainmeachadh anns an litreachas. Tha dealbhan ann de
mhòran dhiubh, agus mapaichean, agus tha nàdar de sgeama aige airson cuid
de na dàin ris an can an t-ùghdar ‘songlines’. Car coltach ris na loidhnichean-òrain aig tùsanaich Astràilia.
Mar eisimpleir, seo na h-àiteachan air loidhne-òrain Moladh Beinn Dòbhrain aig Donnchadh Bàn: Coire Daingean, Coire
Raineach, Am Bealach, Coire Rèidh, Cònnlon, Lurgainn na Laoidhre, Làrach na
Fèinne, Creag Sheileach, Meall Tionail agus Allt na h-Annaid. Tha mapa ann,
a’ sealltainn mar a tha na h-àiteachan sin a’ comharrachadh gluasad nam
fiadh thar na dùthcha. A bharrachd air sin, tha clàr ann, a’ taisbeanadh a
h-uile h-ainm-àite anns an dàn, a’ mìneachadh mar a tha iad cudromach agus
a’ sealltainn gu mionaideach (le comharraidhean-clèithe) far a bheil iad.
Tha an leabhar làn fiosrachadh prìseil mar sin. Tha e a’ toirt litreachas,
dualchas, cànan is eòlas-tìre còmhla ann an dòigh nach fhaca mi ann an
leabhar sam bith eile. Ma tha na sgrìobhaidhean aig Seton Gordon a’ còrdadh
ribh, còrdaidh an leabhar seo ribh. Ach tha Iain Moireach air a dhol mòran
na bu doimhne a-steach don chuspair na chaidh an Gòrdanach no ùghdar sam
bith eile as aithne dhomh. Aig a’ char as lugha, bu chòir
don a h-uile duine ann an Alba a bhios an sàs ann an cruinn-eòlas no ann a
bhith a’ stiùireadh luchd-coiseachd is luchd-sreap, a bhith a’ gabhail
a-steach teachdaireachd an leabhair seo mun chàirdeas eadar na Gàidheil
agus an dùthaich.
Chunnaic mi loidhne-òrain Albannach aon turas roimhe seo. Tha i anns an
taigh-tasgaidh ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, ann an taisbeanadh mun
leabhar Highland River le Niall Gunnach, a bhuineadh don bhaile
sin. Tha dealbh dhen abhainn air an ùrlar, le gach àite oirre a th’ anns an
stòiridh. Bhon mhàthair-uisge chun na mara. Agus ʼs e an Gunnach an
t-ùghdar eile a tha fon phrosbaig anns an leabhar. Ged a sgrìobh e ann am
Beurla, tha am Moireach a’ dèanamh dheth gun robh an Gunnach a’ toirt sùil
a’ Ghàidheil air a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraidh a thaobh àite.
Nuair a tha sinn eòlach air Highland River, tha Iain Moireach a’
cumail a-mach, chan fhaic sinn tuilleadh màthair-uisge na h-aibhne – Loch
Bràigh na h-Aibhne – anns an aon dòigh. Tha sin fìor. Tha a leithid fìor
mun leabhar aige fhèin. ʼS iomadh duine a leughas ‘ Literature of the Gaelic Landscape’ a chì a’ Ghàidhealtachd le
sùilean ùra.