Bha muinntir na Gàidhealtachd uaireigin uabhasach fhèin measail air
sgeulachdan na Fèinne. Tha mi an dòchas gum bi a-rithist! Tha mi airson
innse dhuibh mu thachartas eachdraidheil a tha a’ dearbhadh sin. Tha e
co-cheangailte ris a’ Chaol-ghleann – no Sma’ Glen – ann an
Siorrachd Pheairt.
O chionn beagan bhliadhnaichean bha seann charaid dhomh
faisg air Glaschu ann an droch shlàinte. Bhithinn a’ dol suas is sìos an
rathad eadar Inbhir Nis is Glaschu gu tric airson taic a thoirt dhi.
Dh’fhàs mi sgìth de na rathaidean mòra trang, gu h-àraidh eadar Peairt is
Glaschu. Uaireannan bhithinn a’ falbh air rathaidean beaga sgìreil tro Obar
Pheallaidh, co-dhiù nuair nach robh sneachd na laighe.
Tha an t-slighe a ghabh mi a’ dol tron Chaol-ghleann – àite brèagha le
abhainn a’ sruthadh troimhe. ʼS e àite eachdraidheil a th’ ann cuideachd.
Bhiodh armailtean a’ dol tron ghleann gu tric nuair a bha iad a’ dol eadar
ceann a tuath agus ceann a deas na h-Alba.
Cha b’ fhada gus am faca mi gun robh clach iongantach anns a’ ghleann – tè
mhòr car faisg air an rathad. ʼS e Clach Oisein a chanas daoine rithe –
agus tha i gu math aithnichte, ged as e Giant’s Grave a th’ air
cuid de na mapaichean, seach Clach Oisein. Ach carson as e Clach Oisein a
th’ oirre? Uill, bha na seann daoine a’ cumail a-mach gun robh Oisean – mac
Fhinn MhicCumhail agus sàr-bhàrd nan Gàidheal – air a thiodhlacadh foidhpe.
A rèir choltais bha na Gàidheil cianail measail air a’ chloich. Bha i an
ìre mhath naomh dhaibh, chanainn. Chuala Uilleam Wordsworth mu a deidhinn
nuair a bha esan air splaoid ann an Alba aig toiseach an naoidheamh linn
deug. Seo pìos a sgrìobh e, agus tha e inntinneach gur e narrow glen seach small glen a tha e a’ gabhail air an
àite. Tha sin na eadar-theangachadh dìreach air caol-ghleann:
In this still place remote from men, sleeps Ossian in the Narrow Glen
... He sung of battles and the breath, Of stormy war and violent death
..
.
Ach, nuair a bha Wordsworth ann, cha robh a’ chlach anns an àite san robh i
bho thùs. Nuair a bha an Seanalair Wade a’ togail rathaidean air a’
Ghàidhealtachd, cho-dhùin sgioba einnseanairidh aige gun robh Clach Oisein
anns an rathad orra. Ghluais iad i a-mach às an rathad.
Bha muinntir an àite air an tàmailteachadh. Nach robh fios aig luchd-togail
nan rathaidean gun robh cnàmhan air an tiodhlacadh fon chloich? Cnàmhan
Oisein. Chaidh buidheann de mhuinntir an àite, le pìobaire air an ceann, gu
seann làrach na cloiche. Chladhaich iad na cnàmhan suas, agus thiodhlaic
iad a-rithist iad ann am badeigin eile faisg air làimh. Loisg iad an
gunnaichean os cionn na h-uaghach ùir. Ach càite a bheil an uaigh ùr? Chan
eil fhios a’m.
Sgrìobh an Caiptean Edmund Burt mun chùis anns na litrichean aige. Bha na
Gàidheil a’ creidsinn gun tigeadh gailleann sgriosail a dhèanadh cron orra
mura robh na cnàmhan air an ath-thiodhlacadh fon fhòid.
Tha an naidheachd seo a’ tighinn à leabhar fìor mhath a thàinig a-mach o
chionn ghoirid, agus a tha a’ toirt sùil gheur air a’ chàirdeas eadar na
Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd tron litreachas aca – ‘ Literature of the Gaelic Landscape’ le Iain Moireach. Bidh
tuilleadh agam mun leabhar seo an-ath-sheachdain.