Halò a-rithist, a chàirdean. Tha mi airson eachdraidh thiamhaidh innse
dhuibh an t-seachdain seo. Tha i a’ tighinn à Eilean Leòdhais, à sgìre na
Pàirce ann an taobh an ear-dheas an eilein. Innsidh mi ro dheireadh na
Litreach carson a tha mi ag aithris an sgeòil seo.
Timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870), bha dithis
bhràithrean a-muigh sa mhonadh tuath air baile Leumrabhaigh. ’S e toiseach
an t-samhraidh a bh’ ann. B’ iad na gillean Ruairidh Mhurchaidh Ruairidh à
Leumrabhagh agus a bhràthair, Aonghas. Bha Ruairidh dìreach trì bliadhn’
deug a dh’aois.
Bha an dithis a’ coimhead airson caoraich. Lorg iad sa mhonadh iad aig na
Lochan Beaga a tha mu dhà mhìle bho Leumrabhagh. Tha na lochan sin
clàraichte air a’ mhapa mar ‘Lochan na Beinne Buidhe’. Bha na gillean
eòlach gu leòr air an àite. Thug Aonghas a bhrògan mòra dheth gus am biodh
e na bu luaithe air a chasan. Dh’iarr e air Ruairidh fuireach far an robh
e, fhad ʼs a bhiodh esan a’ dol gu luath gu taobh thall an trèid chaorach.
Bhiodh Aonghas an uair sin ag iomain nan caorach air ais gu Leumrabhagh,
seachad air Ruairidh. Dh’fhàg e a bhrògan mòra aig Ruairidh.
Fhuair Aonghas seachad air na caoraich agus dh’iomain e iad air ais don
àite far an do dh’fhàg e Ruairidh. Ach cha robh sgeul air Ruairidh. Bha
Aonghas dhen bheachd gur dòcha gun robh a bhràthair air a dhol air thoiseach air. Mar sin, dh’iomain e na caoraich gu
ruige an fhaing ann an Leumrabhagh. Ach cha robh sgeul air Ruairidh an sin na bu mhotha. Bha Aonghas dhen bheachd gun robh Ruairidh
air a thrèigsinn agus gun robh e air a dhol dhachaigh. Dh’fhàg e an fhaing
agus chaidh e fhèin dhachaigh.
Aig an taigh ghabh e briseadh-dùil. Cha robh duine air Ruairidh fhaicinn on
a dh’fhalbh an dithis bhràithrean sa mhadainn. Leis gun do thachair seo as
t-samhradh, bha na làithean fada agus dh’fhalbh feadhainn a choimhead
airson Ruairidh sa mhonadh. Ach cha do lorg iad an gille, no brògan
Aonghais. Thàinig iad chun a’ bheachd gun robh Ruairidh air tuiteam
a-steach a bhoglach faisg air na Lochan Beaga.
Chaidh trì no ceithir mìosan seachad agus fhuair boireannach san sgìre
aisling. ʼS e Bean Dhòmhnaill Aonghais an t-ainm a bh’ oirre. Anns an
aisling, thàinig coigreach thuice. Dh’iarr e oirre a dhol do na h-àirighean
agus a-steach air bothan far an robh caora ag ionaltradh aig an doras.
Bhiodh an gille caillte na bhroinn.
Dh’fhalbh sguad a choimhead air na h-àirighean faisg air a’ Bheinn Bhuidhe.
Lorg iad bothan le caora ag ionaltradh aig an doras. Chaidh iad a-steach
agus lorg iad corp Ruairidh Mhurchaidh Ruairidh. Bha e na laighe air an
làr, agus brògan Aonghais fo a cheann. Ged a bha na daoine à Leumrabhagh
air rùrachd air a shon feadh na mòintich, cha tug iad sùil am broinn nam
bothan-àirigh.
Tha an sgeulachd a’ nochdadh ann an leabhar grinn a chaidh fhoillseachadh
am-bliadhna. ʼS e an tiotal air ‘The Historic Shielings of Pàirc’. Tha an
t-ùghdar, John Randall, a tha a’ fuireach ann an Leumrabhagh, air cunntas
air leth inntinneach a dhèanamh air na h-àirighean air feadh sgìre na
Pàirce. Ma tha ùidh agaibh anns a’ chuspair, mholainn an leabhar gu mòr
dhuibh.