FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ainmean-àite Thiriodh

An-diugh tha sinn a’ dol a Thiriodh.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Thiriodh

An-diugh tha sinn a’ dol a Thiriodh. No Tiridhe, mar a chanas cuid. Am measg nam bailtean anns an eilean, tha Baile Mhàrtainn. Bha mi riamh an amharas gum b’ e am Màrtainn anns an ainm Naomh Màrtainn à Tours anns an Fhraing. Ach chan eil na sgoilearan cinnteach cò bh’ ann. Tha an t-ainm a’ nochdadh an toiseach anns an riochd Balmartin air mapa Bhlaeu ann an sia ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1654). ʼS dòcha gur e ainm-àite car ùr a th’ ann. Air an làimh eile, leis gu bheil e a’ nochdadh mar Balmartin, seach Balvartin, thathar a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm air a chruthachadh fada roimhe sin nuair nach robh sèimheachadh ann de dh’ainmean pearsanta anns an tuiseal ghinideach .

ʼS dòcha gur e Màrtainn dìreach ainm pearsanta aig fear de mhuinntir an àite. Tha taigh anns a’ bhaile air a bheil Taigh Mhàrtainn. Thathar ag ràdh gun robh fear Màrtainn a’ fuireach ann. An latha a chaochail a bhean, fhuair e fhèin bàs obann le cridhe briste. Roimhe sin, bha e air dà chiste fhaicinn, agus iad a’ fàgail an taigh aige aig an aon àm. Bha an dà-shealladh aige.

Fhuair mi am fiosrachadh mu Bhaile Mhàrtainn à leabhar air leth a thàinig a-mach na bu tràithe dhen bhliadhna seo. Bha an t-ùghdar, John Holliday, na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna. Roimhe sin bha e ag obair leis na Pintupi, treubh de thùsanaich ann am meadhan Astràilia. Bha ùidh aig John sa chànan anns gach àite, agus tha e a-nise fileanta ann an Gàidhlig. Bruidhnidh e i le blas Thiriodh air a theangaidh.

ʼS e ainm an leabhair Longships on the Sand, agus tha e mu dheidhinn mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean, agus na h-ainmean-àite a chruthaich iad. ʼS e fìor obair sgoilearach a th’ innte agus chanainn gum bu chòir lethbhreac a bhith anns a h-uile taigh san eilean!

ʼS e àite math a th’ ann an Tiriodh airson a bhith ag obair air ainmean-àite oir tha e air a bhith ann an làmhan an aon teaghlaich airson faisg air trì cheud gu leth bliadhna. Tha na clàran oighreachd aig Diùc Earra-Ghàidheal a’ dol air ais an ìre mhath cho fada sin. Agus, o chionn ghoirid, chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba.

Bu mhath leam puing a thogail às an leabhar. ʼS e sin am fuaim grian mar a tha e a’ nochdadh ann an ainmean-àite Lochlannach. Tha ceithir àiteachan ann an Tiriodh air a bheil Grianal mar ainm. Tha John Holliday dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh buaidh na Gàidhlig air na h-eileamaidean Lochlannach groenn ‘uaine’ agus hóll ‘cnoc cruinn’. Tha sin a’ fàgail ceist mu bhaile Ghrianaig siar air Glaschu. Dè tha nas coltaiche – àite na grèine (mar a tha cuid a’ cumail a-mach) – no groenn-vik ‘bàgh uaine’?

B’ e seann ainm Bhaile Mhàrtainn Sòrabaidh. Tha sin glèidhte fhathast ann an ainm a’ chladh – Cladh Shòrabaidh – agus ainm na tràghad – Tràigh Shòrabaidh. Tha Sòrabaidh na ainm Lochlannach, a’ ciallachadh ‘baile air talamh bog’. Tha Longships on the Sand làn fiosrachadh inntinneach mar sin, a bharrachd air eachdraidh shòisealta Thiriodh. Mo bheannachd aig John Holliday airson a chuid saothrach.

Litir 952 Litir 952 Litir 954 Litir 954

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!