A bheil sibh eòlach air a’ chraoibh-bheithe – craobh cho
pailt ʼs a th’ againn air Gàidhealtachd na h-Alba? An do mhothaich sibh do
na badain de mhion-mheanglan a tha gu tric rim faicinn gu h-àrd anns an
duilleach? Tha iad coltach ri sguaban, nach eil? ʼS e sin a th’ annta –
sguaban bhana-bhuidseach. Agus ciamar a fhuair iad ann? Uill, ʼs e Magaidh
Reamhar a bu choireach. Agus seo mar a thachair e.
Bha uaireigin dithis bhràithrean a bha nan croitearan ann an
Earra-Ghàidheal. ʼS e Ailig agus Eairdsidh na h-ainmean a bh’ orra. B’ e Ailig a bu shine dhiubh. Bha e na bhanntrach agus cha
robh Eairdsidh riamh air pòsadh. Mar sin, dh’fhuirich iad còmhla air a’
chroit. Airson beagan airgid a dhèanamh, bhiodh iad a’ togail ghàrraidhean
airson chroitearan eile agus tuathanaich.
A chionn ʼs gum b’ esan am fear a bu shine, ʼs ann le Ailig a bha a’ chroit
agus ʼs ann aigesan a bha ceannas. Bhiodh e a’ pàigheadh tuarastal do
dh’Eairdsidh de bhonn-a-sia san t-seachdain nuair a bha e a’ smaoineachadh
gun robh e iomchaidh. Chan e mòran a bh’ ann ach bha Eairdsidh riaraichte
gu leòr, oir bha àite-fuirich aige, agus biadh gu leòr.
Latha a bha seo, bha Ailig is Eairdsidh anns a’ mhònadh, a’ togail gàrradh.
Bha iad ri taobh rathad. Bha iad trang ag obair nuair a nochd fear-siubhail
air an rathad. Stad e a bhruidhinn riutha. ‘An ann leibh fhèin a tha am
fearann seo?’ dh’fhaighnich e.
‘Chan ann,’ fhreagair Ailig. ‘Carson a tha thu a’ faighneachd?’
‘Bu mhath leam cead fhaighinn beagan dhen fhraoch a tha sin fhaighinn,’
thuirt am fear-siubhail. Bha e a’ coimhead air fraoch fada a bha a’ fàs air
taobh thall a’ ghàrraidh.
‘Tha fhios gum faodadh tu fraoch a tharraing gun chead iarraidh,’ thuirt
Ailig. ‘Dè tha thu a’ dol a dhèanamh leis?’
‘Bidh mi a’ dèanamh sguaban airson reic,’ thuirt am fear eile. ‘Sguaban
airson taighean a sguabadh ʼs a leithid sin.’
‘Dè tha thu a’ faighinn air gach sguaib?’ dh’fhaighnich Eairdsidh.
‘Gheibh mi bonn-a-sia mar as trice. ʼS e gnothachas math a th’ ann.’
‘Agus dè cho fad ʼs a bheir e dhut sguab a dhèanamh?’ thuirt Eairdsidh.
‘Dà uair a thìde,’ ars am fear-siubhail.
‘Dà uair a thìde?!’ thuirt Eairdsidh. ‘Nì thu bonn-a-sia ann an dà uair a
thìde! Cosgaidh e seachdain dhomh a leithid sin de
dh’airgead a dhèanamh!’ Cha tuirt Ailig smid ri Eairdsidh ach thuirt e ris
an fhear-siubhail gum faodadh e eallach de fhraoch a thoirt leis. Leum am
fear-siubhail thar a’ ghàrraidh agus tharraing e fraoch gus an robh gad mòr
aige. ‘Taing mhòr dhuibh,’ thuirt e, agus thòisich e air an rathad
a-rithist.
Lean Eairdsidh air agus chuir e stad air. ‘A bheil e furasta sguab a
dhèanamh?’ dh’fhaighnich e. ‘Furasta gu leòr,’ fhreagair am fear-siubhail,
agus mhìnich e dha ciamar a dhèanadh e tè dha fhèin. Thug Eairdsidh taing
dha, agus thill e don ghàrradh.
‘Siuthad a-nis, Eairdsidh,’ thuirt a bhràthair ris, ‘tha obair againn ri
dhèanamh an seo.’
‘Chan eil, Ailig,’ fhreagair Eairdsidh. ‘Cha dèan mi obair dhut tuilleadh.
Nì mi fad a bharrachd airgid le bhith a’ dèanamh sguaban.’ Agus ʼs ann mar
sin a thòisich Eairdsidh ceàird ùr mar fhear-dèanaimh sguaban. Agus innsidh
mi dhuibh mu na craobhan-beithe an-ath-sheachdain.