FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murt Mhic an Tòisich Tìr Ìngnidh

Faisg air Blàr Athall, tha cnoc beag ann air a bheil Tom na Croiche.

Audio is playing in pop-over.

Murt Mhic an Tòisich Tìr Ìngnidh

Faisg air Blàr Athall, tha cnoc beag ann air a bheil Tom na Croiche. Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh mun fhear mu dheireadh a chaidh a chrochadh air. Bhuineadh e do dh’Ach’ a’ Ghobhail ann an Gleann Teilt, tuath air a’ Bhlàr. Chanadh daoine Fear Ach’ a’ Ghobhail ris oir bha e na uachdaran an sin.

Mus inns mi an stòiridh, feumaidh mi rudeigin a ràdh mu bhaile beag eile faisg air Blàr Athall. ʼS e sin Tìr Ìngnidh. Tha abairt ann: Cha bhi Tòiseach air Tìr Ìngnidh, ʼs cha bhi Tìr Ìngnidh gun Tòiseach. Tha i ri spòrs leis an fhacal Tòiseach, a tha a’ ciallachadh na dà chuid ‘ceannard’ agus cuideigin à Clann ʼic an Tòisich. Tha an abairt a’ ciallachadh ‘ Tirinie will never have a master and will never be without a MacIntosh .’ Cha bhi Tòiseach air Tìr Ìngnidh, ʼs cha bhi Tìr Ìngnidh gun Tòiseach.

Co-dhiù, bha Fear Ach’ a’ Ghobhail anns a’ phrìosan. Fhad ʼs a bha e ann, thuirt àrd-fhorsair Iarl’ Athall, Mac an Tòisich Tìr Ìngnidh, gum faigheadh na fèidh anail a-nis. Nuair a chuala e sin, bha an caothach air Fear Ach’ a’ Ghobhail. Bha e cho dìoghaltach ʼs nach dèanadh nì an gnothach ach beatha ʼic an Tòisich fhèin.

Nuair a bha e a-mach às a’ phrìosan, chaidh Fear Ach’ a’ Ghobhail agus a shearbhant a shealg nam fiadh – mar a bu dual dha. Chaidh iad gu bothan monaidh agus cò bh’ ann romhpa ach Mac an Tòisich agus fhear-taice. Thug Fear Ach’ a’ Ghobhail a shearbhant gu aon taobh agus thuirt e ris gun robh e a’ dol a mhurt an àrd-fhorsair agus gum muirteadh a shearbhant am fear-taice aige.

Ann am meadhan na h-oidhche, dh’èirich Fear Ach’ a’ Ghobhail gu sàmhach. Shàth e a bhiodag ann am Mac an Tòisich, ag ràdh, ‘Coma leat a Mhic an Tòisich, phioc creathail thu.’ An dèidh a’ mhuirt, theich Fear Ach’ a’ Ghobhail don cheann a tuath far an robh e a’ cumail sgoil.

Bha fear às Athall anns a’ phrìosan. ʼS e fear cruaidh a bh’ ann. Bha daoine eòlach air mar Rag Mhèirleach nan Cearc. Tuigidh sibh carson a bha e sa phrìosan! Co-dhiù, thuirt esan – nan leigeadh iad às e, gun gleidheadh e Fear Ach’ a’ Ghobhail.

Leig iad às e agus chaidh e fhèin is seasgad duine eile chun a’ chinn a tuath. Chuala Rag Mhèirleach nan Cearc gun robh banais gu bhith ann agus gum biodh Fear Ach a’ Ghobhail an làthair. Chaidh an Rag Mhèirleach ann e fhèin, ann an riochd dìol-dèirce.

Fhuair e dram agus dh’òl e deoch-slàinte Fear Ach a’ Ghobhail. Bha fios aig Fear Ach a’ Ghobhail dè bha sin a’ ciallachadh agus dh’fheuch e ri teicheadh, ach fhuair na h-Athallaich grèim air.

Nuair a bha iad faisg air Dail na Ceàrdaich, thàinig greigh fhiadh seachad. Thuirt Fear Ach a’ Ghobhail ri càch, ‘Nam fuasgladh sibh mo làmhan, thilginn fiadh dhiubh.’

Thuirt Rag Mhèirleach nan Cearc riutha, ‘Na fuasglaibh a làmhan oir ʼs e mise am fiadh.’

Mo làmh dhut,’ thuirt Fear Ach a’ Ghobhail, ‘nam faighinn gunna bu tusa am fiadh!’

Thugadh Fear Ach a’ Ghobhail a Bhlàr Athall far an deach a chrochadh air Tom na Croiche, am fear mu dheireadh a chaill a bheatha anns an dòigh sin.

Litir 951 Litir 951 Litir 953 Litir 953

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!