Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le seanfhacal.Cha tuit caoran à cliabh falamh . A small peat will not fall from an empty creel. Gu gnàthasach,
tha e a’ ciallachadh ‘don’t expect wise words from an empty head’. Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte. Cha tuit
caoran à cliabh falamh.
Tha am facal caoran car inntinneach. Tha e a’ tighinn à caor no caoir a tha a’ ciallachadh rudeigin às an tig
solas no teas, no an dà chuid – coltach ri èibhleag ann an teine. ʼS e
caoran pìos mòine a tha a’ deàlradh ann an teine. Ach tha am facal a’
seasamh cuideachd airson dearc dearg coltach ris an fheadhainn a chithear
air craobh-chaorainn. Tuigidh sibh carson a tha sinn a’ gabhail ‘caorann’
air a’ chraoibh sin.
Tha tòrr fhaclan anns na faclairean co-cheangailte ri caor no caoir, agus
tha solas no deàlradh co-cheangailte riutha ann an dòigh air choreigin. Tha caoir-bianag a’ ciallachadh ‘phosphorescence in the sea’.
Tha caoir-sholas a’ ciallachadh ‘gleaming light’. Thacaoir-gheal a’ ciallachadh ‘ white crest of waves in a gale’; mar bhuadhair, tha caoir-gheal
cuideachd a’ ciallachadh ‘white hot’ no ‘incandescent’.
Caoir-gheal. Agus tha caoran-èisg a’ ciallachadh ‘ small shoal of fish’. Tha sin furasta a thuigsinn, nach eil? Bidh
èisg a’ deàlradh ann an solas na grèine nuair a tha iad a’ gluasad ann an
sgaoth.
Leis gun robh daoine a’ cleachdadh an fhacail caor no caoran ann an co-cheangail ri measan na craoibhe-caorainn, tha am
facal a-nise a’ seasamh airson ‘dearc’ no berry ann am Beurla,
eadhon ged nach bitheadh e dearg. Gu tric tha e a’ nochdadh san dreach caora. Mar eisimpleir caora-dhromain ‘elderberry
’, caora-staoin ‘juniper berry’,caora-caothaich ‘tutsan’ agus caora-feannaig no caora-fithich ‘crowberry’. Agus chuala mi ann an Leòdhas
agus àite no dhà eile caora-mhitheig no caora-mhitheag
airson ‘blaeberry’.
Tha am facal caorachan ann an ainmean-àite Gàidhlig, mar
eisimpleir ann an Sgùrr a’ Chaorachain air a’ Chomraich ann an Siorrachd
Rois. Tha sin a’ ciallachadh ‘the peak of the gleaming torrent’.
Nuair a tha uisge a’ sruthadh far beinn air latha dorch, tha na sruthan car
coltach ri solais oir tha iad cho bàn. Solas – caor.
Gu tuath air a’ Chomraich tha Coire Chaorachain agus Gleann Chaorachain ann
an sgìre an Locha Bhig. Tha mi an dùil gur e an aon chiall a th’ orra. Agus
gu sear air a’ Chomraich anns na beanntan deas air Achadh nan Seileach, tha
Toll a’ Chaorachain ‘the deep corrie of the gleaming torrent’.
Toll a’ Chaorachain.
Mu dheireadh, seo agaibh abairt car inntinneach a lorg mi anns an Fhaclair
Bheag air an eadar-lìon – agus goireas fìor-mhath a th’ ann!Ràinig e aois a’ chaorain. He has reached the age of a little peat. Ràinig e aois a’
chaorain.
Dè fon ghrèin a tha sin a’ ciallachadh?! Uill, tha e a’ tighinn bho sheann
chleachdadh aig a’ Bhliadhna Ùir, nuair a chuireadh pàrant caoran a-steach
a stocainn aig neach òg a bha faisg air tighinn gu ìre. Tha e a’
ciallachadh ‘he’s grown up now, he’s no longer a child’. Ràinig e
aois a’ chaorain.
Tha mi an dòchas gun do chòrd ar turas timcheall caor is caoran ribh. Mar sin leibh an-dràsta.