Anns an Litir mu dheireadh, bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom a th’ air a
thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill ann an Loch Abar. Tha bàrd ainmeil
eile air a thiodhlacadh anns an dearbh àite. B’ esan Dòmhnall mac Fhionnla’
nan Dàn. Sgrìobh e an dàn ainmeil ‘Òran na Comhachaig’ aig deireadh an
t-siathamh linn deug.
Dh’ainmich mi Iain Beag Dòmhnallach aig an robh beul-aithris mu Iain Lom.
Bha beul-aithris aige mu Dhòmhnall cuideachd agus thug e sin do Chalum
MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris. Tha mi a’ dol a dh’innse
dhuibh dà naidheachd mu Dhòmhnall.
Bha Dòmhnall a’ fuireach aig ceann Loch Trèig. Bha e sgileil leis a’ bhogha
is saighead. Cha robh mòran anns an dùthaich ri linn na b’ fheàrr na e air
an t-saighead. Ghabh e cuairt a dh’Earra-Ghàidheal a dh’fhaicinn dè seòrsa
dùthaich a bh’ innte. A bharrachd air a bhith na bhàrd, bha Dòmhnall na
shealgair. Agus dè chunnaic e ann an Earra-Ghàidheal ach damh-fèidh cho
brèagha ’s a chunnaic e riamh.
Bha de mheas aige air marbhadh nam fiadh
, ʼs gun do dh’fheuch e an t-saighead. Mharbh e am beathach. Ach dh’inns
muinntir an àite don cheann-chinnidh aca gu dè bh’ air tachairt. Duine sam
bith a mharbhadh fiadh an uair sin ’s e a’ chroich a bha a’ feitheamh ris.
Ach chaidh innseadh don cheann-chinnidh gun do rinn Dòmhnall urchair
iongantach leis an t-saighead agus gum bu shealgair math e.
‘Uill,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘bidh e math nam chuideachd, ma thig na
nàmhaidean teann orm. Agus feuchaidh mi ri a bhreugadh cho math ʼs as
urrainn domh, feuch an cùm mi e dhomh fhìn.’
Thugadh Dòmhnall air beulaibh a’ chinn-chinnidh. ‘Chuala mi,’ thuirt am
bodach, ‘gun robh thu feadh a’ mhonaidh.’
‘Bha,’ thuirt Dòmhnall.
‘Mharbh thu fiadh is tha sin nad aghaidh. Ach gheibh thu maitheanas ma
dh’fhanas tu air an talamh agam fhìn.’
‘Fanaidh,’ dh’aontaich Dòmhnall.
Dh’fhuirich e ann dreis. Ach bha e a’ fàs sgìth dheth. Chaidh e chun a’
chinn-chinnidh is thuirt e ris, ‘Tha mi a’ falbh. Chan eil mi a’ dol a
dh’fhuireach an seo tuilleadh.’
‘O! tha mi glè dhuilich,’ thuirt an ceann-cinnidh. ‘Bheir mi dhut an còrr
talamh.’
‘B’ fheàrr aon sgrìob taobh Loch Trèig,’ arsa Dòmhnall, ‘ na na bheil agad uile.’
Dhealaich iad. Chaidh Dòmhnall an-àirde do Loch Trèig a dh’fhuireach.
Latha a bha seo, bha Dòmhnall air a’ Bheinn Bhric anns a’ Choire Odhar. Bha
a’ bhana-bhuidseach, Cailleach na Beinne Brice, a’ fuireach an sin cuide ri
a h-aighean. Bhiodh i a’ bleoghann nan aighean agus a’ dèanamh gruth is ìm
is càise airson reic. Bha agh shònraichte aice ris an abradh iad ‘an agh
bhàn’. Chunnaic a’ Chailleach Dòmhnall a’ tighinn a-staigh air na h-aighean
agus chuir i stad air.
‘Dè tha a dhìth ort?’ dh’fhaighnich i.
‘An tè bhan a tha sin,’ thuirt Dòmhnall.
‘Chan fhaigh thu an tè bhàn,’ ars ise.
‘Gheibh,’ thuirt esan.
‘Chan fhaigh,’ ars ise. ‘Fàg an tè bhàn,’ thuirt i, ‘is bheir mi dhut
guidhe sam bith a tha a dhìth ort.’
Choimhead e air na h-aighean. ‘An toir thu an t-sròn dhiubh,’ thuirt e.
‘Bheir mi sin, a Dhòmhnaill,’ thuirt a’ Chailleach.
Agus thathar ag ràdh nach d’ fhuair agh riamh on latha sin gaoth air
Dòmhnall MacFhionnla’, an sealgair.