An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom, bàrd na Ceapaich.
Bha mi ag innse dhuibh gur e Iain Manntach a bha cuid a’ gabhail air. Ach
dè bha e a’ gabhail air fhèin? Uill, tha sin a’ tighinn am follais anns an
òran aige ‘Murt na Ceapaich’. Tha Iain ag iarraidh air Sir Seumas
Dòmhnallach, ceann-cinnidh Dòmhnallaich Shlèite, dìoghaltas a ghabhail air
an t-seachdnar a mhuirt oighre òg Dòmhnallaich na Ceapaich agus a
bhràthair.
Seo an rann mu dheireadh:
Chan eil tuill’ aig Iain Mabach, Ri ràdh ribh chum ur dùsg’, Rinn mi
glan is glè shoilleir, M’ inntinn fhèin dhuibh a rùsg’, Is mur
d’ fhoghainn leibh ʼchaismeachd ud, Chlann Dòmhnaill tha treun, Gheibh
sibh spìd is mòr-mhasladh, Ged nach tabhair mi ʼm beum.
Sin e. Bha e a’ gabhail air fhèin ‘Iain Mabach’ – a’ ciallachadh an aon rud
ri Iain Manntach. Mu dheireadh chaidh dìoghaltas a dhèanamh agus, a rèir
aithris, ʼs e Iain fhèin a gheàrr na cinn far cuirp an t-seachdnair. Ghlan
e na cinn aig Tobar nan Ceann taobh Loch Omhaich – far a bheil carragh
an-diugh a’ cuimhneachadh a’ ghnothaich.
Bha Iain gu làidir an aghaidh an aonaidh le Sasainn ann an seachd ceud deug
ʼs a seachd (1707). Anns an òran aige ‘Òran an Aghaidh an Aonaidh’, tha e
a’ càineadh nan uaislean a thug taic don aonadh, gu seachd àraidh
ceann-cinnidh Cloinn ʼic Coinnich, Iarla Bhrathainn. Seo rann bhon òran:
Iarla Bhrathainn à Sìophort, Cha bhi sìothshaimh ri d’ bheò dhut, Gum
bi ortsa cruaidh fhaghaid, Thall a-staigh dhen Roinn Eòrpa; Ach nam
faighinn mo roghainn, ʼS dearbh gu leaghainn an t-òr dhut, A-staigh air
faochaig do chlaiginn, Gus an cas e do bhòtainn.
Bha beachdan làidir aig Iain agus cha robh e leisg ann a bhith a’ dearbhadh a chuid gràin!
Bha mi ag innse dhuibh gun robh Iain air a thiodhlacadh ann an Cladh Cille
Choirill. Ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1951), thachair Calum I
MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, ri fear Iain Beag
Dòmhnallach, bàrd à Loch Abar. Bha Iain dìreach a’ tighinn a-mach à
aifreann ann an Eaglais Cille Choirill air latha fuar, sneachdach.
Bhruidhinn Calum ris ann an Gàidhlig agus dh’fhosgail sin doras iongantach
do Chalum. Chruinnich e còrr is còig ceud pìos de bheul-aithris bho Iain,
agus bha feadhainn dhiubh co-cheangailte ri Iain Lom.
Air latha tiodhlacaidh Iain Luim, bha bàrd à Gleanna Comhann an làthair. B’
esan Dòmhnallach eile, Aonghas Alasdair Ruaidh. Bhruidhinn fear às a’
Cheapach ris – fear Gilleasbu’ na Ceapaich – an dèidh an tiodhlacaidh. Seo
na thuirt Aonghas ris mar aithris air beatha Iain Luim:
B’ fhuath leat Màiri, b’ fhuath leat Uilleam, B’ fhuath leat Sìol
Dhiarmaid uile
; A h-uile neach nach biodh rìoghail. Dh’innseadh tu dhaibh e gun
iarraidh, Gaol an leòmhainn ʼs fuath an tuirc, Anns an uaigh sa bheil
do chorp, Dhia thoirt maitheanas dhut, Bha thu dìoghaltach anns an olc.
Cha chanadh tu gur e òran molaidh a tha sin! Ach ʼs dòcha gun robh e a’
tighinn ris an stoidhle sgrìobhaidh aig Iain fhèin.