Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Lom, bàrd na Ceapaich, a th’ air a
thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Bhuineadh
e do Chloinn Dòmhnaill a’ Bhràighe. A rèir beul-aithris, dhearbh Iain aig
aois òg gun robh e gu math comasach le briathran. Nuair nach robh ann ach
cnapach, chaidh e a dh’Inbhir Nis cuide ri athair. Air dha na h-eich a chur
don stàball, chaidh Iain am measg nam fear anns an taigh-seinnse. Bha a’
chuid a bu mhotha dhiubh mòran na bu shine na Iain.
Thug fear dhiubh beachd air Iain nach robh idir moltach. Bha Iain eòlach
air dà sheanfhacal – bidh breith luath lochdach ‘ a hasty judgement is harmful’ agus
na toir breith chabhagach air mac luideagach no air loth pheallagach
‘don’t judge hastily a ragged boy or a shaggy colt’. Agus thuirt e
ris an duine a thug droch bheachd air, ‘Breith luath lochdach, breith air
loth pheallagach no air giullan breac-luirgneach’. Tha sin a’ ciallachadh ‘
a hasty harmful judgement – a judgement on a shaggy colt or a
freckly-shinned lad
’. Breith luath lochdach, breith air loth pheallagach no air giullan
breac-luirgneach. Thuig athair comasan Iain air an latha sin agus thuirt e
ris, ‘Is math thu fhèin, Iain, nì thu gleus fhathast.’
Thathar ag ràdh gun d’ fhuair Iain foghlam ann an sgoil-diadhaireachd anns
an Spàinnt, agus bha e mion-eòlach air a’ Bhìoball. Ach tha ceist ann
fhathast an robh comas sgrìobhaidh aige.
Tha e ainmeil airson na sgrìobh e mu Bhlàr Inbhir Lòchaidh anns a’
Ghearran, sia ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1645). Bha e còmhla ri
Montròs, a bh’ ann an seirbheis an Rìgh, agus rinn iad a’ chùis air armailt
a bha fo smachd Iarla Earra-Ghàidheal. Ach dhiùlt Iain claidheamh a
thogail, eadhon nuair a chaidh fear a thabhann dha leis a’ ghaisgeach,
Alasdair mac Cholla Chiotaich. Nan tuiteadh e ann am blàr, cò bhiodh a’
moladh nan Dòmhnallach airson a’ chùis a dhèanamh air na Caimbeulaich,
thuirt e.
Sgrìobh e dàn air a bheil ‘Latha Inbhir Lòchaidh’ agus, gu dearbh, ʼs ann
sgaiteach a tha a chainnt ann. Seo agaibh dìreach dà rann airson blas dheth
a thoirt dhuibh:
Sgeul a b’ aite nuair a thigeadh, Air Caimbeulaich nam beul sligneach,
H-uile dream dhiubh mar a thigeadh, Le bualadh lann ʼn ceann gam
bristeadh.
ʼN latha a shaoil iad a dhol leotha, ʼS ann bha laoich gan ruith air
reodhadh, ʼS iomadh slaodanach mòr odhar, A bh’ air aodann Ach’ an
Todhair.
Tha stòiridh iongantach mu Iain Lom air innse ann an Loch Abar. Bha an
dubh-ghràin aig Iarla Earra-Ghàidheal air, air sgàth na sgrìobh e mu na
Caimbeulaich. Chuir an t-Iarla airgead mòr air a cheann agus cò nochd aig
Caisteal Inbhir Aora, a’ sireadh na duaise, ach Iain Lom fhèin! An àite
cur-às dha, thug an t-Iarla cuireadh do dh’Iain fuireach sa chaisteal
airson seachdain!
Bha an dithis còmhla sa chaisteal, a’ toirt sùil air coilich-dhubha mharbh,
ghlèidhte air a’ bhalla. Thuirt an t-Iarla, ‘Am faca tu riamh, Iain, uiread
sin de choilich-dhubha anns an aon àite?’
‘Chunnaic,’ fhreagair Iain.
‘Càite?’
‘An Inbhir Lòchaidh,’ thuirt am bàrd.
‘Iain, Iain,’ ars an t-Iarla, ‘cha sguir thu gu bràth de chagnadh nan
Caimbeulach.’
‘ʼS e as duilich leam,’ ars Iain, ‘nach urra mi ʼn slugadh
!’