FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba (1)

Am faca sibh riamh am film ‘Braveheart’? Tha fhios a’m ... cha robh Uilleam Uallas riamh a’ fuireach ann an Gleann Nibheis nam beann

Audio is playing in pop-over.

Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba (1)

Am faca sibh riamh am film ‘Braveheart’? Tha fhios a’m ... cha robh Uilleam Uallas riamh a’ fuireach ann an Gleann Nibheis nam beann. Agus cha robh e a’ coimhead coltach ri Liam Neeson nas motha. Dè? O, gabhaibh mo leisgeul – sin film eile nach robh a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba gu fìrinneach! Aidh, ʼs e Mel Gibson a bh’ ann am Braveheart! O, uill!

An do mhothaich sibh uiread de stuth gorm a bh’ air aodann Ghibson sa film? Chan eil fhios agam dè an stuth a bhios luchd-maise nam filmichean a’ cleachdadh, ach anns an t-seann aimsir, ʼs e guirmean a bh’ ann. Woad ann am Beurla.

A bheil sibh eòlach air an lus? ʼS e Isatis tinctoria a chanas luchd-saidheans ris. Guirmean no glas-lus ann an Gàidhlig. Chan eil e dùthchasach do dh’Alba. Buinidh e do dhùthchannan timcheall na Mara Meadhan-tìrich. Tha e anns an aon teaghlach ri càl agus an lus-ola. Coltach ris an lus-ola, thig flùraichean brèagha buidhe air anns a’ Chèitean. Tha fàileadh cùbhraidh air na flùraichean agus tha seilleanan gu math measail orra.

ʼS e lus dà-bhliadhnach a th’ anns a’ ghuirmean. An toiseach tha e coltach ri bloinigean-gàrraidh, no spinach. Tha e ìosal le tòrr dhuilleagan air. ʼS ann aig an ìre sin a tha na duilleagan feumail airson dath guirm a chur ann an clò. Anns an dàrna bliadhna, nuair a nochdas na flùraichean, bidh e a’ fàs gu h-àrd, agus chan eil e gu feum airson dathadh.

Tha daoine air a bhith a’ cleachdadh a’ ghuirmein airson dathadh airson mìltean bhliadhnaichean. Bha na seann Èipheitich eòlach air agus chaidh a lorg ann an clò a rinn iad còrr is ceithir mìle bliadhna air ais. Sgaoil e don Roinn Eòrpa agus cho fada tuath ri Lochlann. Bha e air a chleachdadh leis na seann Bhreatannaich agus, ʼs dòcha, na Cruithnich cuideachd. Anns na meadhan-aoisean, bha gnìomhachas mòr anns an Fhraing, stèidhichte air a’ ghuirmean. Ach thàinig lus ùr a-steach don Roinn Eòrpa – guirmean Innseanach – no indigo. Thàinig e às na h-Innseachan. Agus bha sin ʼs dòcha na b’ fheàrr airson clò a dhathadh gorm.

O chionn ghoirid, thàinig mi tarsainn air seann sgeulachd Ghàidhlig mu dheidhinn mar a thàinig an guirmean a dh’Alba an toiseach. Faodaidh sibhse co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù gur e an guirmean no an guirmean Innseanach a th’ anns a’ chunntas. Agus, co-dhiù tha i fìor gus nach eil, chan urrainn dhomh a ràdh.

Bha dìlleachdan beag ann am Barraigh. A h-uile latha bhiodh e a’ dol sìos chun a’ chladaich. Latha de na làithean, chunnaic e bàta mòr le siùil a’ tighinn a-staigh. Bha i ann beagan làithean agus an uair sin bha i a’ dèanamh deiseil gus falbh. ‘O,’ thuirt an gille ris fhèin, ‘Is math an teansa dhomh fhìn falbh air a’ bhàta a tha seo.’ Chaidh e air bòrd agus chaidh e am falach. Thug e leis beagan bìdh.

Thog am bàta a h-acraichean agus chuir i suas na siùil. Sheòl i air falbh. Nuair a fhuair an criutha a-mach gun robh an gille air bòrd, chaidh iad chun an sgiobair. Aig an àm sin, duine sam bith a bh’ air bòrd bàta gun chead, bha e air a chur thar a’ chliathaich. B’ e sin an lagh. Ach innsidh mi dhuibh dè thachair don ghille an-ath-sheachdain.

Litir 941 Litir 941 Litir 943 Litir 943

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!