An cuala sibh riamh mu Throichean Chiseoirn – teaghlach de dhaoine meanbh a
bha ainmeil rin linn? Bha iad à Ciseorn, baile beag eadar A’ Chomraich agus
Loch Carrann ann an Ros an Iar.
Bha mi air cluinntinn orra ach ʼs ann dìreach o chionn ghoirid a chuireadh
feòil air cnàmhan an sgeòil dhomh. Sgrìobh Ailean MacIllÌosa air a’
chuspair anns a’ bhlog aige mu eachdraidh na Comraich.
Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a ceithir gu ceathrad ʼs a còig
(1844-45), thàinig fear beag Ameireaganach don Roinn Eòrpa. Ghabh e an
t-ainm air fhèin ‘General Tom Thumb’. ʼS e Phineas T Barnum a thug a-nall
e, agus nochd Tom air beulaibh na Banrigh ann an Lùchairt Bhuckingham. Anns
an latha an-diugh, cha tachradh a leithid ach, aig an àm sin, bhiodh daoine
a’ falbh a-mach a choimhead air ‘boireannach le feusag’ no daoine eile le
coltas neo-àbhaisteach orra.
Bha Tom Thumb dìreach air tilleadh dhachaigh nuair a dh’aithris Courier
Inbhir Nis gun robh teaghlach dhen aon seòrsa a’ fuireach
ann an Ciseorn. A rèir choltais, bha Donnchadh Fionnlasdan agus a bhean
Catrìona dhen àird àbhaisteach. Ach bha triùir chloinne aca agus bha iad
uile nan troichean – Fionnladh, Iain agus Màiri. Rugadh is thogadh iad ann
an Treamhar nam Preas aig bun Bealach nam Bò.
Thug an aithris sa phàipear-naidheachd buaidh mhòr air an teaghlach. Bha
Donnchadh air bàs fhaighinn agus bha iad bochd. Thàinig barrachd air
fichead duine gan ionnsaigh, ag iarraidh orra dhol gu deas far am biodh air
an sealltainn do dhaoine mar ‘Highland Tom Thumbs’. Mu dheireadh,
dh’aontaich Fionnladh, Iain agus Màiri cùmhnant bliadhna le fear, Uilleam
MacCoinnich, à faisg air a’ Mhanachainn. Bha Fionnladh, am fear a bu shine,
mu fhichead bliadhna a dh’aois agus bha Màiri dìreach còig-deug.
Dh’ionnsaich iad dannsaidhean Gàidhealach agus òrain Ghàidhlig agus bha iad
air an sgeadachadh ann an trusgan Gàidhealach. Bha Fionnladh làidir agus
bhiodh esan a’ giùlain chuideaman mòra. Chaidh MacCoinnich cuide riutha gu
ruige Lunnainn agus, anns a’ Chèitean ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia
(1846) nochd iad air beulaibh na Banrigh. Ghabh iad òrain agus rinn iad
dannsaidhean agus bha iad taitneach don Bhanrigh. An dèidh sin, bha iad
deiseil airson nochdadh gu poblach ann an Lunnainn. Chosg e dà thastan a
choimhead orra, agus thàinig an luchd-amhairc nan dròbhan. Bha dealbh de na
‘Highland Dwarfs’ anns an London Illustrated News.
Chuir an triùir seachad bliadhna ann an Lunnainn. Dh’ionnsaich iad Beurla
an sin. Thill iad an uair sin a dh’Alba far an do rinn iad cuirmean poblach
mus do thill iad dhachaigh. Ghluais iad à Treamhar nam Preas gu ruige Cnoc
a’ Mhòid faisg air Ciseorn. Tha an taigh aca fhathast na sheasamh agus tha
daoine ga aithneachadh mar Taigh nan Troichean ‘The Dwarfs’ House’.
B’ e Fionnladh – am fear a bu shine – a b’ fhaide a bha beò. Chaochail esan
timcheall air naoi ceud deug is còig-deug (1915).
Gu h-annasach, nuair a bha Troichean Chiseoirn ainmeil, nochd aithris ann
an Courier Inbhir Nis gun robh troichean Gàidhealach eile a’ dèanamh air
Lunnainn, fo stiùir fear Ruairidh Dubh Beag à Ros an Iar. Cha robh dachaigh
aig Ruairidh. Bha e a’ fuireach ann an uamh. Cha robh anns an aithris ach
breug – rud ris an canadh daoine an-diugh ‘fake news’. Chan eil càil às ùr fon ghrèin!