Bha mi ag innse dhuibh mu Ghormshuil Mhòr na Maighe. Mus tig mi don sgeul
mu bhàs a’ ghille aice, bu mhath leam aithris a dhèanamh air a’ chunntas
ainmeil mun luing Spàinntich a chuir i fodha far cladach Mhuile. B’ e a’
bhliadhna còig ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1588) agus bhuineadh an long
don mhòr-chabhlach a bha a’ dol a thoirt ionnsaigh air Sasainn mus do
dh’èirich stoirm.
Chaidh an long a-steach a Bhàgh Thobar Mhoire. Bha an aimsir ciùin ach
nuair a bha iad sa bhàgh, dh’fhairich iad crathadh sa chrann.
‘Thoiribh sùil, ʼillean ,’ dh’òrdaich an caiptean. ‘Dè bha
siud?’
‘O, tha ròcas mòr dubh ann,’ thuirt iad.
‘Chan eil an sin ach an Doideag Mhuileach,’ ars an caiptean, aig an robh
eòlas air gnothaichean os-nàdarrach. Bha e a’ ciallachadh le sin
bana-bhuidseach. Thàinig crathadh eile air an t-soitheach. Bha sin na bu
làidire. ʼS iad bana-bhuidsich à Tiriodh agus Ìle a bu choireach an turas
seo. Bha iad a’ feuchainn ris an long a chur fodha ach cha robh iad làidir
gu leòr.
An uair sin, bha crathadh mòr mòr ann. Bhris na ròpan a bha a’ cumail a
h-uile càil ri chèile. ‘O,’ ars an caiptean, ‘ʼs e sin Gormshuil na Maighe.
Agus tha sinn caillte.’ Chaidh an soitheach fodha far an robh i faisg air
Tobar Mhoire. Agus tha i an sin fhathast air grunnd na mara.
Air ais gu Loch Abar, ma-thà. Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain
sa chaidh, thuirt Gormshuil ri a ceann-cinnidh, Loch Iall, gun crochadh e a
mac latha air choreigin. Chaidh Loch Iall às àicheadh sin. ‘Eadhon ged a
bhiodh do mhac airidh air crochadh,’ thuirt e, ‘nì mi cinnteach gum bi e
air a shàbhaladh.’
Chaidh na bliadhnaichean seachad, agus bha mac Gormshuil, mac nàbaidh aice
a bha na banntrach agus gille eile a-muigh sa mhonadh. Thòisich connsachadh
eadar mac na banntraich agus an gille eile. Thug mac na banntraich buille
don fhear eile agus fhuair e bàs sa spot.
Bha dùil aig mac na banntraich gum biodh e air a chrochadh. B’ e an aon
ghille aig a’ bhanntraich agus bha a mhàthair troimhe-chèile. Chuimhnich
Gormshuil an gealltanas a thug Loch Iall dhi agus dh’iarr i air a mac innse
gum b’ esan a dh’adhbharaich bàs a’ ghille. Chaidh a mac a chur don
phrìosan aig Loch Iall ann an Achadh na Cairidh. Cha robh fios aig Loch
Iall, ge-tà, gum b’ esan mac Gormshuil.
Chaidh Gormshuil fhèin gu ruige Achadh na Cairidh airson iarraidh air Loch
Iall an gille aice a shàbhaladh. Bha i faisg air Achadh na Cairidh nuair a
ràinig i allt far am fac’ i bradan ann an linne. Bha i a’ smaoineachadh gum
biodh e furasta am bradan a ghlacadh. Chaidh i air a glùinean, a’ dèanamh
deiseil airson am bradan a ghlacadh. Gu h-obann bha beum-slèibhe ann agus
thug an t-allt air falbh i. Chaidh a bàthadh ann an Loch Lòchaidh. ʼS e Allt a’ Bhradain a th’ air an allt sin an-diugh mar
chuimhne air na thachair.
Cha robh fios aig Loch Iall gun robh Gormshuil air a bhith air an rathad a
bhruidhinn ris. Agus chaidh an gille aice a chrochadh gu bàs, mar a dh’inns
i a thachradh bliadhnaichean roimhe.