FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gormshuil na Maighe (1)

Tha sinn air a bhith ann an Loch Abar fad grunn sheachdainean.

Audio is playing in pop-over.

Gormshuil na Maighe (1)

Tha sinn air a bhith ann an Loch Abar fad grunn sheachdainean. Mus fhalbh sinn, bu mhath leam stòiridh innse dhuibh a tha am measg na feadhainn as ainmeile às an sgìre sin. ʼS e an tiotal oirre ‘Gormshuil Mhòr na Maighe’. Bha an t-ainm Gormshuil – a’ tighinn à gorm agus sùil – uaireigin cumanta aig boireannaich ann an Loch Abar, gu h-àraidh am measg nan Camshronach. Ach an dèidh linn Gormshuil Mhòr na Maighe – a bha na bana-bhuidseach – cha robh e cumanta tuilleadh.

Bha sinnsirean Gormshuil às an Eilean Sgitheanach agus Loch Abar. Bhuineadh iad do Chloinn ʼic Fhionghain agus na Camshronaich. Bha iad a’ fuireach taobh Loch Airceig. Phòs Gormshuil Camshronach à Maigh, taobh an Lagain. Bha i làidir na ceann ʼs na bodhaig, agus bhathar ag ràdh gun robh comasan os-nàdarrach aice.

Nuair a bhiodh iasgair no sealgair a’ tighinn seachad air an taigh aice, bhiodh iad ag iarraidh a beannachd. Latha a bha seo, chan e iasgair no sealgair a bha a’ tighinn seachad ach Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach. Bha a phìobaire na chois. Bha Gormshuil aig a doras aghaidh. ‘Cà’l sibh a’ dol?’ dh’fhaighnich i.

‘Dè an diofar a th’ ann dhutsa cà’l mi a’ dol?’ fhreagair Loch Iall.

Cha robh Gormshuil ro thoilichte. ‘ʼS minig nach bu mhiste iasgair no sealgair mo bheannachd,’ thuirt i, ‘agus cò dha an dùraichdinn e coltach ri mo cheann-feadhna?’

Stad Loch Iall. Dh’inns e dhi gun robh e a’ dol gu coinneamh le Iarla Athall, feuch tighinn gu rèite mun chrìch eadar Loch Abar agus Athall.

‘Cò tha sibh a’ toirt leibh?’ dh’fhaighnich Gormshuil.

‘Cha toir mi ach mo phìobaire an seo – mar a chaidh aontachadh,’ ars an ceann-cinnidh.

‘Mholainn gun till sibh dhachaigh,’ thuirt Gormshuil. ‘Thoiribh feachd armaichte leibh. Cumaibh am falach iad. Ma chuireas sibh ur cleòc oirbh caoin air ascaoin, thig iad airson ur cuideachadh.’ Thuig Loch Iall gun robh a beachd ciallach agus thug e feachd leis.

Aig a’ choinneimh, bha Iarla Athall mì-reusanta mu na crìochan eadar an dà dhùthaich. Bha e a’ creidsinn nach robh aig Loch Iall ach a phìobaire. Nuair a shèid e fìdeag airgid, dh’èirich feachd Athallach às an fhraoch agus à preasan.

‘Cò iad?’ dh’fhaighnich Loch Iall.

‘Caoraich Athallach a tha a’ dol a dh’ithe feur Abrach,’ fhreagair an t-Iarla.

‘Sèid suas,’ dh’òrdaich an Camshronach don phìobaire aige, agus thionndaidh e taobh caoin a chleòca don taobh ascaoin. Nochd na gaisgich Abrach às na h-àiteachan falaich aca agus thòisich am pìobaire air port a chluich air a bheil ‘Thigibh an seo, a chlannaibh nan con, ʼs gheibh sibh feòil’ – port catha nan Camshronach. ‘Seo na coin Abrach a chuireas ruaig air na caoraich Athallach,’ thuirt Loch Iall.

Air an rathad dhachaigh, chaidh Loch Iall a chèilidh air Gormshuil airson taing a thoirt dhi airson a comhairle. ‘A dh’aindeoin ur faclan coibhneis,’ thuirt i, ‘crochaidh sibh mo mhac latha air choreigin.’

‘Ist,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘chan eil agad ach tighinn thugam agus an latha seo a chuimhneachadh dhomh, agus – eadhon ged a bhiodh do mhac airidh air crochadh – nì mi cinnteach gum bi e air a shàbhaladh.’ Ach saoil cò bha ceart agus cò bha ceàrr? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain nuair a bheir mi na sgeulachdan Abrach seo gu ceann.

Litir 938 Litir 938 Litir 940 Litir 940

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!