Bha mi ann an àite ùr ann an Loch Abar o chionn ghoirid. Uill, bha mi a’
smaoineachadh gun robh e ùr dhomh. Ach, nuair a chaidh mi ann, dh’aithnich
mi e. Choisich mi seachad air an àite anns na naochadan nuair a bha mi air
Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd. An turas seo, ge-tà, cha robh mi a’
coiseachd. Bha mi ann an carbad agus ràinig mi an t-àite às a’ Ghearasdan.
ʼS e loch a th’ ann air a bheil Lochan Lunn Dà Bhrà. Seadh, Lunn Dà Bhrà –
ainm car annasach.
Tha lunn – LUNN – a’ ciallachadh pòla. Mar eisimpleir, canaidh sinnlunn ris a’ phòla ann am meadhan ràimh – am pìos eadar an dòrn agus an liagh. Agus tha lunn a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Mar eisimpleir, ann an
Siorrachd Pheairt, faisg air a chèile, tha Làirig nan Lunn agus Learg nan
Lunn. Tha iad air slighe eadar ceann shuas Ghleann Lìomhann agus Gleann
Lòchaidh.
A rèir Faclair Dwelly, tha lunn cuideachd a’ ciallachadh ‘ pole of a bier or litter’. Aig amannan, bhiodh daoine a’ giùlan
ciste, le dust na broinn, gu cladh le bhith a’ cleachdadh
dà lunn. Nam biodh iad a’ falbh à ceann shuas Ghleann Lìomhann tron làirig
chun a’ chladh ann an Cill Fhinn, dhèanadh e ciall nam biodh Làirig nan
Lunn air an àite mar ainm.
Ach dè mu dheidhinn Lochan Lunn Dà Bhrà? The lochan of the pole of the two querns or quernstones. Uill,
bhiodh daoine a’ giùlan chlachan-brà le pòla – no lunn – tron toll sa
mheadhan. Mus tèid mi ro fhada air an rathad sin, ge-tà, feumaidh mi
tionndadh chun a’ sgrìobhaidh aig Màiri NicEalair a bhuineadh do Loch Abar.
ʼS e sàr-sgoilear na Gàidhlig a bh’ ann am Màiri, agus lìbhrig i pàipear
mun ghnothach seo gu Comunn Gàidhlig Inbhir Nis anns a’ Chèitean ochd ceud
deug is naochad (1890). Bha i dhen bheachd nach e Lochan Lunn Dà Bhrà seann
ainm an locha, ach Lochan Dùn Dà Ràth ‘the lochan of the castle of the two forts’.
Tha dà eilean anns an loch agus tha a h-uile coltas ann gur e crannagan a
bh’ annta. Bha iad air an togail le mac an duine o chionn fhada. ʼS ann
orrasan a bha na ràthan. Air bruaich an locha, tha baile beag –
baile-fearainn – air a bheil Lunn Dà Bhrà. Ma tha Màiri ceart, ʼs e Dùn Dà
Ràth a bh’ air anns an t-seann aimsir. Bha caisteal ann, agus bha ràth air
gach fear de na h-eileanan.
Ach cò bha a’ fuireach anns a’ chaisteal? Uill, seo far a bheil an gnothach
a’ fàs air leth inntinneach. Tha cuid dhen bheachd gun robh MacBheatha,
seann rìgh na h-Alba, a’ fuireach ann. Bha seann luchd-eachdraidh eadhon
dhen bheachd gun deach MacBheatha a mharbhadh an sin, seach aig blàr anns
an ear-thuath.
Ma leanas tu seachad air Lochan Lunn Dà Bhrà, ruigidh tu gleann a tha a’
dol chun an taoibh an iar. Tha an sgìre seo làn ainmean rìoghail – Gleann
Rìgh, Abhainn Rìgh agus Innis Rìgh. Tha na soidhnichean ag ràdh gur e Innis
Ruighe a th’ ann ‘the meadow of the slope’. Ach bha Màiri
NicEalair riaraichte gur e ainmean rìoghail a bh’ annta a tha a’ ceangal na
sgìre sin ri rìgh cho ainmeil ʼs a th’ againn ann an eachdraidh na h-Alba.