FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tràilleachd agus Alba (2)

Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn tràilleachd agus mar a phòs fir às a’ Ghàidhealtachd boireannaich dhubha – cuid dhiubh nan tràillean – anns na h-Innseachan an Iar.

Audio is playing in pop-over.

Tràilleachd agus Alba (2)

Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn tràilleachd agus mar a phòs fir às a’ Ghàidhealtachd boireannaich dhubha – cuid dhiubh nan tràillean – anns na h-Innseachan an Iar. Chaidh corra duine cloinne aca a chur chun na Gàidhealtachd airson an cuid foghlaim. Mar sin, bha clann dubha ann an sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd tràth anns an naoidheamh linn deug.

Tha deagh eachdraidh agus droch eachdraidh aig Alba ann an co-cheangal ri tràilleachd. Rinn cuid de dh’Albannaich coiteachadh an aghaidh a leithid. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1778) rinneadh mì-laghail e a bhith a’ cumail tràill ann an Alba. Rinn Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte mì-laghail e a bhith a’ reic no a’ ceannach thràillean air feadh na h-Ìmpireachd ann an ochd ceud deug ʼs a seachd (1807).

Ach cha do chuir sin stad sa mhionaid air cumail thràillean. Cha do thachair sin gu ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833). An uair sin, phàigh an Riaghaltas fichead millean not don fheadhainn a chaill an cuid thràillean mar airgead dìolaidh. Bha na ceudan dhiubh às Alba.

Bha Albannaich am measg nan uachdaran a bu bhrùideile aig an robh tràillean ann an Iameuga. Bha an treas cuid de thràillean ann an Iameuga air oighreachdan a bha le Albannaich. Bha eadhon am fear a sgrìobh ‘ A Man’s a Man for A’ That’ – òran ainmeil mu cho-ionannachd – a’ beachdachadh air a dhol a-null mar oifigear air tuathanas-siùcair ann an Iameuga far an robh tràillean. Tha mi a’ ciallachadh – tuigidh sibh – Raibeart Burns.

Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1843), rugadh eaglais ùr ann an Alba – An Eaglais Shaor. Bha i ann an suidheachadh duilich oir bha mòran uachdaran fada na h-aghaidh. Bha i gann de dh’airgead agus chaidh teachdairean a dh’Ameireagaidh airson airgead a thogail dhi. Am measg na thàinig air ais a dh’Alba mar thaic, bha airgead à feadhainn a bha fhathast a’ cumail thràillean anns na stàitean sa cheann a deas.

Cha b’ fhada gus an robh an Eaglais Shaor ann am meadhan connspaid mun airgead a fhuair i. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846) thàinig tràill ainmeil air turas a dh’Alba. A rèir an lagh, bha Frederick Douglass fhathast na thràill. Bha e air teicheadh gu a shaorsa anns a’ cheann a tuath de na Stàitean Aonaichte. Chuir e seachad dà bhliadhna ann am Breatainn is Èirinn, a’ toirt òraidean mu thràilleachd.

Bha Douglass dhen bheachd gum b’ e Dùn Èideann am baile a bu bhrèagha a chunnaic e riamh. Bha e air a dhòigh ann an Alba oir cha robh daoine a’ dèanamh dì-meas air air sàillibh dath a chraicinn. Bha a h-uile càil fosgailte dha agus bha daoine a’ toirt urram dha.

Ach bhruidhinn e a-mach gu làidir mun airgead a bha an Eaglais Shaor a’ gabhail. Bha daoine aig na coinneamhan aige ag èigheachd ‘Cuiribh an t-Airgead Air Ais!’ Dhìon an Eaglais i fhèin, ag ràdh, nam biodh daoine airson a bhith a’ seachnadh airgead à tràilleachd, nach cuireadh iad aodach cotain orra, nach itheadh iad rus ʼs nach smocadh iad tombaca oir bha iad uile air an dèanamh le tràillean. Agus cha tug iad an t-airgead air ais. Thàinig aon rud math às an deasbad, ge-tà – taic airson na h-iomairt aig Frederick Douglass an aghaidh tràilleachd. Mar sin leibh an-dràsta.

Litir 933 Litir 933 Litir 935 Litir 935

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!