FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tràilleachd agus Alba (1)

Bha mi a’ bruidhinn mu chuilc an t-siùcair an t-seachdain sa chaidh.

Audio is playing in pop-over.

Tràilleachd agus Alba (1)

Bha mi a’ bruidhinn mu chuilc an t-siùcair an t-seachdain sa chaidh. Sugar cane. Cuilc an t-siùcair. Air a’ chiad shealladh, ʼs dòcha nach eil cus cheanglaichean ann eadar muinntir na h-Alba agus an lus seo. Ach cha bhiodh sin ceart. ʼS iomadh Albannach a fhuair fearann fo sgèith na h-Ìmpireachd agus a dh’fhàs cuilc an t-siùcair air. Bha sin gu h-àraidh fìor anns na h-Innseachan an Iar.

Agus tha sin gam thoirt gu ceist. A bheil sinne ann an Alba fosgailte gu leòr mun ìre anns an robh ar sinnsirean an sàs ann an tràilleachd? Cha chreid mi fhìn gu bheil. ʼS iomadh togalach brèagha ann an Glaschu a chaidh a thogail le airgead a rinneadh à tràilleachd. ʼS iomadh duine dubh, le sinnsireachd à Iameuga is àiteachan eile air a bheil ainm-cinnidh Albannach. Caimbeul, Dòmhnallach is mar sin air adhart. B’ iad sin ainmean a bh’ air Albannaich a bha a’ cumail thràillean.

An-uiridh bha mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. ʼS e sgoil ùr a th’ innte anns an latha a th’ ann, agus sgoil mhòr cuideachd. ʼS i an àrd-sgoil ann an Inbhir Nis anns a bheil cuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Ach, o shean, mus robh an sgoil fo smachd nan ùghdarrasan poblach, bha airgead innte a thàinig à tràilleachd. Thathar a’ tomhas gun tàinig an treas cuid dhen chalpa airson an acadamaidh a thogail às na h-Innseachan an Iar. Bhiodh cuid dheth às oighreachdan far an robhar a’ fàs cuilc an t-siùcair.

O thùs bha an acadamaidh air sràid ùr – New Street – faisg air far a bheil Stèisean-rèile Inbhir Nis. Fhuair an sgoil cùmhnant rìoghail bho Rìgh Deòrsa III ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793). Bha i air an làraich sin airson beagan is ceud bliadhna. Chaidh ainm ùr a thoirt air an t-sràid – Academy Street – Sràid na h-Acadamaidh – agus ʼs e sin a th’ oirre fhathast. Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895), ghluais i gu àite ùr air a’ Chrùn agus bha i an sin airson còrr is ceithir fichead bliadhna.

Rinn an t-eòlaiche-eachdraidh, Daibhidh Alston, rannsachadh air clann dubha a bha nan sgoilearan ann an sgoiltean na Gàidhealtachd anns an naoidheamh linn deug. Bha e air cluinntinn gun robh Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – an t-eòlaiche air creagan is fosailean – air a bhith na shuidhe san sgoil ann an Crombaidh ri taobh sgoilear dubh. Agus nuair a rinn e rannsachadh air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, fhuair an t-Oll. Alston a-mach gun robh triùir sgoilearan dubha anns an sgoil sin. ʼS e a bh’ annta ach clann aig fir às a’ Ghàidhealtachd a bh’ air boireannaich dhubha a phòsadh nuair a bha iad a’ ruith no ag obair air tuathanasan siùcair anns na h-Innseachan an Iar. Bha cuid de na boireannaich sin nan tràillean.

Tha Daibhidh Alston dhen bheachd gun robh muinntir na h-Alba gu math fosgailte mu dhaoine dubha aig an àm sin. Bha iad car saor de ghràin-chinnidh, ged a bhiodh sin ag atharrachadh tro thìde. An-ath-sheachdain bheir mi sùil air turas a rinn tràill Ameireaganach a dh’Alba – mar a mhol e Dùn Èideann ach mar a thug e slaic air an Eaglais Shaoir – an eaglais aig Ùisdean Mac a’ Mhuilleir – airson airgead a ghabhail à tràilleachd.

Litir 932 Litir 932 Litir 934 Litir 934

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!