FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (1)

Dè cho sean ?s a tha am facal ‘siùcar’ ann an Gàidhlig?

Audio is playing in pop-over.

A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (1)

Dè cho sean ʼs a tha am facal ‘siùcar’ ann an Gàidhlig? Tha mi a’ ciallachadh le sin – cuin a thòisich na Gàidheil air bruidhinn air ‘siùcar’ agus cò às a thàinig am facal? Tha MacBheathain ag innse dhuinn anns an fhaclair aige – Etymological Dictionary of the Gaelic Language – gur ann às a’ Bheurla Mheadhanaich sugre a thàinig e; agus gur dòcha gun tàinig sin bhon Fhraingis sucre. Bidh sibh eòlach air an fhacal ann an grunn chànanan Eòrpach – siùcra ann an Gàidhlig na h-Èireann, siwgr ann an Cuimris, zucker ann an Gearmailtis agus sakhar ann an Ruiseanais. Tha iad uile càirdeach do chèile.

Ach dè tha a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig? Uill, gu h-iongantach ʼs dòcha, chan eil am facal siùcar anns a’ Bhìoball ann. No, ma thà, cha d’ fhuair mise lorg air. Ma tha sibh fhèin eòlach air an fhacal siùcar anns a’ Bhìoball, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

A bheil e, ge-tà, cho iongantach nach eil e ann? An robh muinntir na Roinn Eòrpa eòlach air siùcar ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill? Chanainn nach robh.

A rèir choltais, ʼs ann ann an eileanan a’ Chuain Sèimh a thòisich mac-an-duine air cuilc an t-siùcair fhàs. Sin sugar cane – cuilc an t-siùcair. Chaidh an t-eòlas sin chun nan Innseachan. Fhuair na Persianaich fios mu a deidhinn às na h-Innseachan, ach chùm iad dìomhair e. Reic iad an siùcar, ach cha do dh’inns iad mun lus às an tàinig e.

Mhair an dìomhaireachd gus an robh cogadh ann eadar na h-Arabaich ʼs na Persianaich anns an t-seachdamh linn an dèidh Chrìosda. Sgaoil cuilc an t-siùcair gu iomadh dùthaich bhlàth an uair sin eadar ceann a tuath Afraga agus ceann a deas na Spàinnte. Agus sgaoil am facal leis. Sharkara ann an Sansgrait, shakar ann am Persianais, sukkar ann an Arabais, succarum ann an Laideann, sucre ann am Fraingis.

Thathar dhen bheachd gun do ràinig am biadh milis seo Sasainn anns an aonamh linn deug, nuair a bha ridirean nan cogaidhean-croise a’ tilleadh dhachaigh bhon ear-mheadhanach.

Bhiodh siùcar bhon chuilc air Alba is Èirinn a ruigsinn goirid an dèidh sin. Cha bhiodh e na iongnadh ged a thigeadh am facal ùr às a’ Bheurla a bhathar a’ bruidhinn ann an Sasainn aig an àm. Ach cuin a thuirt Gàidheal am facal ‘siùcar’ airson a’ chiad turais? Chan eil fhios a’m. Agus bu chòir dhomh a ràdh, ged a tha muinntir ceann a tuath na Roinn Eòrpa a’ fàs biotais siùcair an-diugh, cha do thòisich sin gu timcheall Bliadhna Theàrlaich anns an ochdamh linn deug.

Ged nach eil am facal siùcar anns a’ Bhìoball, tha cuid dhen bheachd gu bheilear ag ainmeachadh cuilc an t-siùcair ann no sweet cane. Mar eisimpleir, ann an Leabhar Ieremiah Caibideil 6, Rann 20 tha seo ann (tha an Tighearna a’ bruidhinn): C’uim an tig tùis o Sheba thugam-sa, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-às? Chan eil bhur tabhartas-loisgte taitneach, ni mò tha tlachd agamsa nur n-ìobairtibh.

Tùis o Sheba – incense from Sheba. Bha Seba ainmeil airson malairt nan spìosraidhean. Agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-às. Thathar ag eadar-theangachadh sin mar sweet cane from a distant land ann am Beurla. An e sin cuilc an t-siucair? Tuilleadh air a’ chuspair seo an-ath-sheachdain!

Litir 930 Litir 930 Litir 932 Litir 932

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!