FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Làmh-sgrìobhainn Sìonach agus an t-Urr. Iain Ros

O chionn grunn bhliadhnaichean, sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros.

Audio is playing in pop-over.

Làmh-sgrìobhainn Sìonach agus an t-Urr. Iain Ros

O chionn grunn bhliadhnaichean, sgrìobh mi agus dh’aithris mi mun Urramach Iain Ros. Bha e ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa is Sìonaidh anns an naoidheamh linn deug. Gheibhear lorg air a’ chunntas agam ann an Litrichean dà cheud seasgad ʼs a naoi (269) agus dà cheud is seachdad (270).

Bhuineadh Ros do sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear agus bha Gàidhlig aige mar chiad chànan. Bha a’ Ghàidhlig gu math làidir anns an sgìre sin aig an àm sin. ʼS dòcha gun robh a dhà-chànanas na chuideachadh dha oir fhuair e obair mar mhiseanaraidh am measg muinntir Choirìa, gu h-àraidh an fheadhainn a bha a’ fuireach ann am Manchuria a tha an-diugh mar phàirt de Shìona. Dh’ionnsaich e Coirìanais gu fileantachd ach cha b’ e sin e airson chànanan. Bha aona chànan deug aige. Bha e cho fileanta ann an Coirìanais ʼs gun do dh’eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh don chànan sin.

Cha robh cùisean rèidh no furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail ann an Sìona. Bha gu leòr dhen bheachd gun robh na miseanaraidhean a’ sparradh modhan cèin orra, agus gun robh iad mar phàirt de dh’iomairt airson na dùthchannan aca a cheannsachadh. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Ar-a-mach nam Bogsairean ann. Chuir dùthchannan Siarach armailtean ann airson na Sìonaich a cheannsachadh.

Chaidh na mìltean de Chrìosdaidhean a mharbhadh anns an ar-a-mach. Chaidh an eaglais a stèidhich an t-Urr. Iain Ros a losgadh gu làr. Aig a’ cheann thall, thill Ros a dh’Alba agus chaochail e ann an Dùn Èideann. Ach tha e urramach is ainmeil ann an Coirìa is Sìona an-diugh.

Carson a tha mi a’ beachdachadh air Iain Ros? Tha, a chionn ʼs gun do lorgadh làmh-sgrìobhainn Sìonach ann an Tasglann Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid. Tha i air a bhith anns an Tasglann airson ùine mhòr. Ach ʼs ann dìreach o chionn ghoirid a chaidh a h-eadar-theangachadh.

Chaidh an làmh-sgrìobhainn a chur a-mach leis an Ìmpire Kuang Hsu an dèidh do dh’Ar-a-mach nam Bogsairean thighinn gu crìch ann an naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). Bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bàigheil ri Crìosdaidhean, gum fosgladh na h-eaglaisean às ùr agus gum biodh sìth ann. Tha an làmh-sgrìobhainn gu math cudromach mar fhianais eachdraidheil air na thachair aig an àm sin.

Ach bu chòir dhuinn a bhith a’ cuimhneachadh gur dòcha nach robh Kuang Hsu a’ cur an cèill a bheachd fhèin gun cuideigin eile a bhith a’ coimhead thar a ghualainn. Bha ochd dùthchannan an sàs ann a bhith a’ ceannsachadh an ar-a-mach – Breatainn, na Stàitean Aonaichte, an Fhraing, an Ostair-Ungaire, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Ruis agus Iapan – agus chuir iad còrr is caogad mìle saighdear an sàs.

An dèidh an ar-a-mach, nuair a bha sìth ann, bha Iain Ros an sàs ann an còmhraidhean le Riaghaltas Shìonaidh a thaobh eaglaisean Pròstanach fhosgladh às ùr agus a thaobh airgead-dìolaidh mu choinneimh na sgrios a chaidh a dhèanamh. Mar sin, tha deagh sheans ann gur e a thug dhachaigh an làmh-sgrìobhainn seo a dh’Alba.

Bha na h-eaglaisean Pròstanach ann an Sìonaidh fosgailte an uair sin airson deicheadan, ach dhùin iad a-rithist anns na seasgadan is seachdadan. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin.

Litir 929 Litir 929 Litir 931 Litir 931

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!