FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh

Halo a-rithist. Nise, tha ceist mhòr agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo.

Audio is playing in pop-over.

Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh

Halo a-rithist. Nise, tha ceist mhòr agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. Dè an naidheachd a bu mhotha a bh’ aig na Gàidheil o chionn dà cheud gu leth bliadhna? Tha mi a’ ciallachadh le sin gun do thachair rudeigin mòr o chionn dà cheud gu leth bliadhna a bha air leth cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal. Ma dh’obraicheas sibh air ais, tha mi a’ bruidhinn mun bhliadhna seachd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1767).

A bheil e agaibh? Uill, fàgaibh mi sibh a’ meòrachadh air a’ ghnothach mus till mi thuige. Bha mi aig òraid o chionn beagan sheachdainean aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an t-Àrd-oll. Dòmhnall Meek a’ toirt seachad òraid mun bhàrd spioradail, Dùghall Bochanan. Bha an cuspair air leth inntinneach. Agus, mar a bhiodh dùil, bha an òraid air a lìbhrigeadh le snas agus soilleireachd.

Eagal ʼs nach eil sibh eòlach air ainm, bha Dùghall Bochanan na bhàrd spioradail a bha beò anns an ochdamh linn deug. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Ceann Loch Raineach, ach bhuineadh e do dh’Àrdach ann an Srath Eidhir ann an Siorrachd Pheairt. ʼS e Gàidhlig Shiorrachd Pheairt a bh’ aige mar chànan mhàthaireil. Tha carragh-cuimhne ann dha, an dà chuid, ann an Ceann Loch Raineach agus Srath Eidhir. Agus tha a’ chlach-uaighe aige ann an cladh nan Cananach anns an Lànaigh Bheag, faisg air Calasraid.

Sgrìobh mi mu dheidhinn Dhùghaill mu-thràth, ann an sreath Litrichean, a’ tòiseachadh le Litir sia ceud, caogad ʼs a ceithir (654). Gheibh sibh lorg air na Litrichean air an làraich ‘LearnGaelic.scot’. Dh’ionnsaich mi rudan ùra mu Dhùghall bho Dhòmhnall Meek, ge-tà. Tha an taigh anns an do rugadh is thogadh e na sheasamh fhathast, agus le cuideigin a bhuineas dha, a’ fuireach ann. Agus tha Dòmhnall dhen bheachd gum b’ e Dùghall an Gàidheal a bu chomasaiche anns an ochdamh linn deug air sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla. Agus cuimhnicheamaid gun robh am bàrd ainmeil, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, beò aig an aon àm!

Dh’fhaighnich mi de Dhòmhnall às dèidh na h-òraid an robh Alasdair agus Dùghall eòlach air a chèile. ‘ʼS iongantach mura robh,’ fhreagair e, ged a dh’aidich e nach do lorg e fianais sgrìobhte air sin fhathast. Ach tha teans ann gun do choinnich iad, ʼs dòcha, ann an Glaschu. Smaoinichibh air sin. Nach math an còmhradh agus a’ Ghàidhlig a bhiodh ann eadar an dithis!

Tha an ùine a’ ruith orm , agus tha mi airson tilleadh don cheist a chuir mi aig toiseach na Litreach. Dè an gnothach mòr a thachair, ann an saoghal na Gàidhlig, o chionn dà cheud is caogad bliadhna? Pròiseact anns an robh Dùghall Bochanan fhèin an sàs. Uill, ʼs e sin a’ bhliadhna a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba a’ chiad uair. Am bi na h-eaglaisean – agus na Gàidheil – a’ comharrachadh sin am-bliadhna? Tha mi an dòchas gum bi!

Gu h-oifigeil, bha Dùghall Bochanan na fhear-taice don Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn, a bha os cionn an eadar-theangachaidh. Ach tha Dòmhnall Meek dhen bheachd gun do rinn Bochanan fad a bharrachd na ʼn Stiùbhartach airson am pròiseact a thoirt gu buil agus gum b’ esan am prìomh eadar-theangair. Bu chòir dhuinn Dùghall Bochanan fhèin a chomharrachadh cuideachd air a’ bhliadhna seo.

Litir 928 Litir 928 Litir 930 Litir 930

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!