Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Bedford Highlanders’ – na saighdearan à ceann
a tuath na h-Alba a bha a’ fuireach ann am Bedford ann an Sasainn aig
toiseach a’ Chiad Chogaidh.
Chaidh cùisean an ìre mhath gu math leotha
, ach bha aon duilgheadas mòr aca. Sgap galaran am measg nan saighdearan –
an teasach sgàrlaid, galar na h-amhaich agus a’ ghriùthrach gu sònraichte.
An fheadhainn a ghabh a’ ghriùthrach, bha iad a’ fulang gu tric an dèidh
làimhe leis an fhiabhras-chlèibhe. Bhathar ag aithris anns a’
phàipear-naidheachd ionadail gur e a bu choireach ri sgapadh nan galaran
nach robh muinntir na Gàidhealtachd cleachdte ri a leithid. Bha iad a’
cumail a-mach nach robh a’ ghriùthrach, mar eisimpleir, aithnichte air
taobh an iar na Gàidhealtachd.
Biodh sin mar a bhitheadh e. Ghabh mòran na galaran agus chaidh feadhainn
dhiubh a chur ann an cuarantain air iomall a’ bhaile. Aig a’ cheann thall,
chaochail ceud, trithead ʼs a còig saighdearan, a’ chuid a bu mhotha dhiubh
air sgàth na griùthraich agus cuid mhath dhiubh nan Camshronaich. Chaidh an
dust aig feadhainn a thoirt dhachaigh chun na Gàidhealtachd. Bha feadhainn
eile air an tiodhlacadh ann am Bedford – trithead ʼs a trì uile-gu-lèir.
Ach bha fad’ a bharrachd dhiubh air an tiodhlacadh thall anns a’ Bheilg
agus san Fhraing air sgàth a’ chogaidh.
Chaill feadhainn am beatha air sgàth ghnothaichean eile cuideachd. Latha a
bha seo, bha dithis air cus òl agus thòisich iad air connsachadh ri chèile.
Bha an dàrna saighdear a’ bagairt air an fhear eile gun cuireadh e a
bheugaileid ann. Leum caraid aig an fhear eile eadar an dithis agus ghabh e
ceann biorach na beugaileid. Mus do chaochail e, rinn e tagradh às leth an
fhir a shàth a bheugaileid ann. Shàbhail e am fear eile bho bhàs; fhuair e
binn prìosain le saothair chruaidh na àite.
Air sgàth call nan saighdearan Breatannach sa chogadh, chuir an riaghaltas
na saighdearan Gàidhealach an sàs na bu thràithe na bha dùil. Thàinig an Rìgh a choimhead
orra aig deireadh na Dàmhair. Anns an t-Samhain, thòisich na saighdearan
air a dhol a-null chun na Frainge. Bha iad a’ gabhail trèana gu ruige puirt
air Caolas Shasainn agus an uair sin bàta thar a’ Chaolais. Aig deireadh a’
Chèitein naoi ceud deug is còig-deug (1915), bha iad uile air falbh.
Cha robh na saighdearan Gàidhealach ann am Bedford ach ochd mìosan, agus
thàinig saighdearan eile a dh’fhuireach ann às an dèidh. Ach, a rèir
choltais, cha tug gin eile a’ bhuaidh air a’ bhaile ʼs a thug na
h-Albannaich. Bha còrr is fichead mìle dhiubh ann – dhà air fhichead mìle
nuair a dh’fhalbh iad anns a’ Chèitean naoi ceud deug is còig-deug (1915).
Bha na bu lugha na ceathrad mìle duine a’ fuireach ann am Bedford aig an àm
sin.
An aon fheadhainn a bha coltach riutha, b’ iad na saighdearan Ameireaganach
a chaidh a dh’fhuireach ann am Bedford anns an Dàrna Cogadh. Bha na
h-Albannaich agus na h-Ameireaganaich spaideil is modhail – agus
diofraichte ann an giùlan is cainnt bho mhuinntir an àite. Eadhon an-diugh,
bithear a’ cumail seirbheis cuimhneachaidh do na saighdearan Gàidhealach a
h-uile bliadhna air an t-Sàbaid ro Latha Fèill Anndra. Agus thill cuid de
na saighdearan a mhair beò tron chogadh gu Bedford an dèidh a’ chogaidh
airson leannan a phòsadh.