An cuala sibh riamh air Iain no Seonaidh Catanach? Tha cuid a’ cumail
a-mach gum b’ e an cluicheadair a b’ fheàrr riamh a thog caman, co-dhiù bho
Linn Oisein. Tha mi gu mòr an comain a’ chraoladair is
òraidiche, Ùisdean MacIllInnein, airson m’ aire a thoirt don laoch seo. Tha
Ùisdean air obair mhòr a dhèanamh airson aire dhaoine a thoirt do
dh’eachdraidh is dualchas na camanachd.
Le ainm mar Catanach, cha chuir e iongnadh oirbh gun do
bhuineadh Iain do Bhàideanach. ʼS ann a’ cluich do Bhail’ Ùr an t-Slèibh a
dh’fhàs e ainmeil mar chluicheadair iomain. Chì sinn, ge-tà, gun robh e
fìor mhath air spòrsan eile cuideachd.
Rugadh e ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a còig (1885), an neach a b’ òige
de cheathrar cloinne aig Uilleam is Anna Chatanach. Bha Uilleam na
mharsanta ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh. Fhuair Iain – no Seonaidh – a chuid
foghlaim ann an Sgoil Bhail’ Ùr an t-Slèibh agus Sgoil Cheann a’
Ghiùthsaich, mus deach e air adhart gu Colaiste Sheòrais Watson agus
Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e ceum anns na h-Ealain agus an uair sin ann an
Eòlas-leigheis. Bha e ag obair mar dhotair ann an Sasainn agus sa
Chuimrigh.
Bha e na lùth-chleasaiche air leth agus gu math luath mar ruitheadair. Ann
an naoi ceud deug ʼs a naoi agus a deich (1909/1910) bhuannaich e an
leum-fhada ann am farpaisean Oilthigh Dhùn Èideann agus chaidh a thaghadh
mar riochdaire don oilthigh ann am farpaisean eadar-oilthigheach. Bha e
cuideachd sònraichte math mar chluicheadair hocaidh. Chluich e airson
sgioba hocaidh na h-Alba.
Ach ʼs e a’ chiad chaman a thog e fear na h-iomain agus ʼs ann mar sin as
motha a tha e air a chuimhneachadh. Bha na sgilean camanachd aige air leth.
Bhiodh e a’ bualadh ball suas le caman, agus a’ ruith timcheall craobh
airson am ball a ghlacadh air a chaman mus ruigeadh e an talamh. Nuair a
bhiodh e air an rathad chun an Eilein, pàirc na h-iomain ann am Bail’ Ùr an
t-Slèibh, a rèir aithris, bhiodh e a’ ruith airson leth-mhìle a’ bualadh a’
bhuill san adhar le caman, gun a bhith ga leigeil gu talamh.
Bha sgioba a’ Bhail’ Ùir soirbheachail nuair a bha Iain Catanach na bhall
dhaibh. Ann an naoi ceud deug ʼs a naoi (1909), chluich iad an Fhùirneis
ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd ann an Glaschu. Bhuannaich
Bail’ Ùr an t-Slèibh aon tadhal deug gu trì. Agus chuir Iain Catanach ochd
tadhail! ʼS e sàr-chluicheadair dha-rìribh a bh’ ann. Tha cuid dhen bheachd
gun seas sin gu sìorraidh mar an uiread as motha de thadhail a chuir aon
chluicheadair ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd.
Gu mì mì-fhortanach, chaill Iain Catanach a bheatha anns a’ Chiad Chogadh.
Bha e ann an Corps Meidigeach Rìoghail an Airm agus chaidh a leòn anns na
Dardanelles ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Cha d’ fhuair e
seachad air sin, agus chaochail e.
Chaidh ainmeachadh ann an Talla nàiseanta an Sàr-luchd-spòrs – an aon
chluicheadair iomain a fhuair an inbhe sin. Bidh òraid agus duais ainmichte
air a shon air an toirt le Oilthigh Dhùn Èideann gach bliadhna. Tha e ceart
agus iomchaidh gu bheilear ga chuimhneachadh fhathast.