Bha mi ag innse dhuibh mar a bha tubaist aig an sgrìobhadair ainmeil,
George Orwell, ann an Coire Bhreacain ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a
seachd (1947). Ach bha cuairt-shruth Choire Bhreacain ainmeil fad nan ceudan roimhe sin. A bheil fios agaibh mar a
fhuair an t-àite ainm? Uill, seo an stòiridh.
O chionn fhad an t-saoghail
, ʼs e Coire na Caillich a bh’ air. Bha ban-dia a’ gheamhraidh – a’
Chailleach – air coire a chruthachadh sa mhuir far am biodh i a’ nighe a
h-aodaich.
Thathar ag ràdh gun d’ fhuair e ainm ùr – Coire Bhreacain – bho phrionnsa
Lochlannach air an robh Breacan mar ainm. Ghabh Breacan gaol air nighean
aig Tighearna nan Eilean agus dh’iarr e air a h-athair cead a thoirt dha a
pòsadh. Gu mì-fhortanach dha, bha planaichean eile aig a h-athair air a
son. Ge-tà, cha robh e airson dragh a chur air Rìgh Lochlainn, oir bha an
Rìgh gu math cumhachdach. Mar sin, mhìnich e don phrionnsa gu feumadh e
dearbhadh gun robh e airidh air a pòsadh. Anns na h-eileanan, thuirt e,
dh’fheumadh duine, a bha ag iarraidh nighean a phòsadh, a dhearbhadh gun
robh e na sheòladair comasach.
‘Tha sin taghta,’ thuirt am Prionnsa, ‘Dè dh’fheumas mi a dhèanamh?
‘Uill,’ fhreagair Tighearna nan Eilean, ‘feumaidh tu do bhirlinn a chumail
air acair ann an Coire na Caillich airson trì latha is trì oidhcheannan.
Dh’aontaich Breacan ris an deuchainn agus chaidh e dhachaigh a Lochlann
airson a bhirlinn a chur air dòigh.
Fhad ʼs a bha e aig an taigh, dh’iarr e comhairle bho sheann chomhairlich
aig athair. Thug iad comhairle dha mar a leanas. Dh’fheumadh e trì ròpan a
thoirt leis. Bhiodh a’ chiad ròp air a dhèanamh de chlòimh à caoraich nach
robh barrachd is bliadhna a dh’aois. Bhiodh an dàrna ròp de chainb a bha a’
fàs ann an cladh. Bhiodh an treas ròp de dh’fhalt à cinn òighean – agus
dh’fheumadh an cuid òigheachd gu lèir a bhith gun cheist no teagamh.
Sheòl Breacan chun a’ chuairt-shruth. Chuir e a bhirlinn air acair ann,
ceangailte ris na trì ròpan. An dèidh latha is oidhche, bhris a’ chiad ròp
– am fear a chaidh a dhèanamh de chlòimh chaorach. Air an dàrna latha,
bhris an dàrna ròp – am fear a bh’ air a dhèanamh de chainb. Bha Breacan an
dòchas gun seasadh an treas ròp ris an t-sruth. Ach, air an treas latha,
bhris e. Bha sin a chionn ʼs gun robh tè de na h-òighean air a bhith
breugach mu a h-òigheachd.
Chaidh an soitheach, agus Breacan leis, a shlugadh leis a’ chuairt-shruth.
Cha tàinig a-mach às an tubaist ach an cù aig Breacan – an cù glas. Shnàmh
esan timcheall gus an do lorg e corp a mhaighstir. Shlaod e an corp gu tìr
agus dh’fhàg e e ann an uamh air a bheil Uamh Bhreacain.
Thill an cù chun na mara. Bha e a’ coimhead airson cuirp aig daoine eile a
bh’ air bòrd an t-soithich. Chaidh a sguabadh leis an t-sruth agus chaidh a
bhàthadh ann an cuairt-shruth eile eadar Sgarba agus Lunga. Chun an latha
an-diugh, canar Bealach a’ Choin Ghlais ris a’ chaolas sin. Agus sin mar a
fhuair Coire Bhreacain ainm – co-dhiù, a rèir beul-aithris. Beannachd
leibh.